gla-36
gla-36
View options
Tags:
Javascript seems to be turned off, or there was a communication error. Turn on Javascript for more display options.
Richieste simili a " vendo air max 2003 " : vendita nike italia - sito vendita nike originali
Rinn e ochd pìosan bàrdachd air Tighearna Chola fhèin , sin Alasdair Ruadh mar a bh ' aig na Gàidheil air an còigeamh Tighearna Chola , agus bha oighre aige . Agus nuair a phòs e , rinn e pìos bàrdachd air , agus aon phìos bàrdachd eile air an oighre . Tha e car inntinneach , tha e soilleir nuair a leughas tu na pìosan bàrdachd a rinneadh air oighre Alasdair Ruaidh nach robh Bàrd Thighearna Chola cho buileach cinnteach am biodh an t - oighre a cheart cho taiceil dhan an t - sluagh , agus am biodh e cheart cho taiceil dhan a ' chultar ' s a bha Tighearna Chola fhèin . Ged ' s e bàrdachd molaidh a bh ' as an dà phìos bàrdachd , tha rabhadh beag air siud ' s an seo ag èirigh .
Air a sheinn le / Song sung by Iseabail Nic an t - Sagairt
Rugadh Niall Peutan ann a ' Bhaltos , Taobh Sear an Eilein Sgitheanaich air 7 Sultain , 1888 . Bho bha e glè òg , b ' e Niall Gow a . . .
Pink frill hata an tsamhraidh Baile Átha Troim
" Bidh na leasachaidhean seo a ' toirt co - ionannachd do co - sheòrsaich ann an sreath de chuspairean a leithid peinnsein , cìsean , tèarainteach shòisealta , dìoladh an luchd - obrach , agus òrduighean - cungaidh , " ara Àrd - neach - tagraidh Robert McClelland .
Tha e mar dhleastanas air Bòrd BnaG Cathraiche Eadar - amail a shuidheachadh airson na buidhne . Bheir seo cothrom Cathraiche ùr a shuidheachadh tron phròiseas àbhaisteach a thaobh a bhith a ' suidheachadh dhaoine ann an dreuchdan poblach a ni cinnteach gum bi farpais fhosgailte agus iomchaidh ann . Leis gach dreuchd poblach fad - ùine , is ann aig na Ministearan a bhios am facal mu dheireadh sa cho - dhunadh .
Chaidh Murchadh MacPhàrlain ( Bàrd Mhealboist ) à Leòdhas a Chanada anns na 1920an ach thill e a Leòdhas ann an 1932 . Thuirt e gum feumadh daoine ' fhaicinn agus fhulang ' iad fhèin mus tuigeadh iad ' dian - reothaidh a ' gheamhraidh ' .
Gur mis ' tha cianail na mo thàmh An tràth seo ort a ' smuaintean , biodh an cuan na thalamh tràight ' Gu ruiginn tràth Diluain thu .
Tha e coltach gur ann bho thaobh athar a fhuair e an ùidh agus an t - eòlas a bh ' aige air beul - aithris agus ceòl .
Ceathrar - cheòl à Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu a ' seinn Seas Suas gu Dìleas .
Is lìonmhoire na falt mo chinn mo naimhdean gun chion - fàth , ' S an dream ud fòs lem b ' àill mo chlaoidh ro - ghuineach làidir tha .
Ann an Nuair Bha Mi Òg , tha Màiri Mhòr a ' dùsgadh anns an Eilean Sgitheanach . Tha i air tilleadh à baile mòr Ghlaschu , bha i ann an Glaschu . Chaidh i à Inbhir Nis do Ghlaschu , ' s bha i ' g obair timcheall air a ' bhaile , ' s bhiodh i dol air ais don Eilean Sgitheanach . ' S a ' mhadainn a bha seo , bha i dùsgadh ' s chunnaic i a ' ghrian ag èirigh air Leac an Stòrr agus dhrùidh maise an Eilein Sgitheanaich oirre às ùr .
Disaster strikes at Bridge Farm and Pat struggles to contain her anger .
Tha a ' Chomataidh cuideachd den bheachd gu feum structaran riaghlaidh ùra sam bith gèilleadh ris na prionnsabalan agus an stiùireadh a tha Spòrs na RA a ' sònrachadh iomchaidh do Bhuidheann Riaghlaidh Nàiseanta aig " A ' Chiad Ìre " . Tha a ' Bhuidheann - gnìomha ga dhèanamh soilleir gu bheil an dìth earbsa a nochd o chionn ghoirid ann an SRU ga adhbharachadh gu mòr le eas - aonta eadar A ' Chomhairle Choitcheann agus am Bòrd Gnìomhach .
Tha am baile suidhichte ann am meadhan na dùthcha air bruach na h - aibhne Pedieos . ' S e teas meadhan malairteach na dùthcha a tha ann an Nicosia . Tha an riaghaltas suidhichte an seo cuideachd .
Air an darna taobh , rinn na Stàitean Aonaichte gnàthach air a cuid cheanglaichean eadar - riaghaltasan le Colombia , tron chòrdadh Thomson - Urrutia , ris an cuir iad ainm ann an Giblean 1914 nuair a bha Carlos E . Restrepo Restrepo os cionn an Riaghaltais . Ann an còrdadh sin , ghabh Coloimbia ri neo - eisimeileachd Phanama agus crìochan na dùthcha ùr sin . Air an taobh eile , gheall na Stàitean Aonaichte gum pàigheadh iad airgead dìolaidh dhe $ 25 muillean gu Coloimbia airson Panama a chall .
Planettys : Merher · Gwener · Dor · Meurth · Yow · Sadorn · Ouran · Nevyon
Theirig gu tuath , gun chabhaig , thar an rathaid shingilte , gu Àird Lusa , ' s à mach as à chàr gu Barnhill Orwell , far an do sgrìobhadh 1984 . Às a sin chan eil e cho fada coiseachd chun a bhàrr , Coire Bhreacain , far a bheil an cuairt - shlugan . Dh ' fheuch Orwell air , agus cha mhòr nach deach a bhàthadh . Tha e air a ' choire - cuain as motha san t - saoghal , ged nach eil e na bhoil na do shealladh , dìreach meall a ' measradh ' s a ' slaopadh .
Is iomadh latha dìomhain Gun chiall nuair bha mi òg , A ' bleoghan cruidh ' s gam feurach Ann an Eilean ciar a ' Cheò ; Ach tha mi ' n - diugh cho cianail Le bonn - a - sia nam dhòrn , ' S nach faigh mi ach an iargain ' S cha lìon e slige cnò .
' S e gille sìmplidh a th ' ann an Jack , ach eadar gu bheil e a ' faighinn buaidh air an diabhal no a ' lorg ionmhas falaichte , tha a dhòighean sìmplidh a ' buannachadh air a ' cheann thall .
Thug mi mo làmh don Eileanach , Ged theireadh càch nach toigh leam thu ; A fhleasgaich bhàin nan sùilean tlàth Gur tu mo ghràdh ' s cha cheil mi e .
Tha mòran den bhàrdachd aig Murchadh MacPhàrlain blàth - chridheach , tais , agus cuimhneachail air an àm a bh ' ann , agus tha pàirt dhi a tha fìor mhath mar chuimhneachan - leithid Latha na Dròbh - ged a dh ' fhaodadh i a bhith rudeigin bog mar bhàrdachd . Tha òrain eile ann a tha tais - mhaoth , leithid Bean an Iasgair agus An Seann Chù Bochd . Is dòcha gun deach pàirt dhiubh seo a chur ri chèile air sgàth daoine bhith sùileachadh tuilleadh bàrdachd bhuaithe : chan eil e air uairean furasta do bhàrd fantainn balbh aon uair ' s gun do choisinn e ainm . Agus saoilidh mi gu bheil òran leithid Duanag Bleoghain a ' tighinn am bith anns an dòigh sin cuideachd , òran air a dhèanamh a dh ' aon ghnothaich , mar atharrais air seòrsa òrain a bh ' ann , agus a bha nàdarrach na àm fhèin .
PITBULL FEATURING NE - YO , AFROJACK & NAYER - GIVE ME EVERYTHING
Richieste simili a " singer macchine da cucire anni 50 " : modernariato anni 50 - modernariato acquisto
Tha slatan - tomhais gu math teann a ' fàgail gun fheum Tormod an t - aodach a dhèanamh aig an taigh agus gun tèid an clò a dhathadh , a thoinneamh is a chrìochnachadh ann an Leòdhas gus am faodar Clò Hearach a ghabhail air .
Bha ' d an còmhnaidh a ' cumail a - mach , a ' tionndadh bhàtaichean na rud sam bith , gur ann ris a ' ghrèin a bu chòir dha a bhith dol .
Fada a bharrachd dhaoine a ' coimhead BBC ALBA na tha ann de luchd - bruidhinn na Gàidhlig , a ' comharrachadh ùidh am measg sluagh nas fharsaing na h - Alba Gàidhlig air a faicinn mar phàirt chudromach ann am beatha is dualchas na h - Alba Luchd - coimhid air Ghaidhealtachd is sna h - Eileanan , agus prìomh luchd - amhairc na Gàidhlig , a ' measadh an t - sianail mar rud a tha gu sònraichte a ' buntainn dhaibhsan ' S e seirbheis cho - bhanntachd eadar MG ALBA agus am BBC a tha ann am BBC ALBA .
Nuair ràinig mise ' n teaghlach Bu choibhneil rium bha Sàra , Gun d ' fhuair mi cuid na h - oidhche Is roinn de ' n la - ' r - na - mhàireach ; Bha h - uile nì mar dhaoimean Gun fhaighneachd tighinn gu m ' ailgheas ; ' S mo dhùrachd - sa do ' n mhaighdinn A rinn mo leab ' a chàradh .
' S ann à sgìre Nis , Leòdhas , a bha Aonghas Caimbeul , no Am Puilean mar a b ' fheàrr a dh ' aithnichear e . Mar a sgrìobh e fhèin . . .
Inneal Toirt air Falbh Tha seo a ' toirt air falbh Sgogan . Feumaidh ceart - cheàrnach Sgogain a bhith den aon leud ris an inneal mus obraich e , m . e . chan obraich an t - inneal a bhios a ' toirt dà Sgogain air falbh ach a - mhàin le ceart - cheàrnach Sgogain a tha de leud dà bhloca .
Chaochail Dòmhnall anns an Dàmhair , naoi deug tri fichead ' sa ceithir aig aois leth cheud ' sa trì .
Sa bhàrdachd tha : ìomhaighean sìth , ìomhaighean beatha agus ìomhaighean marbhaidh . Le bhith a ' toirt dhuinn dealbh air a faireachdainnean tro ìomhaighean mar seo , tha i a ' cur an aghaidh a ' chogaidh ann an dòigh a tha ' s dòcha a cheart cho èifeachdach ri artaigil no òraid .
Ach thàinig a ' latha is suas leòtha an rathad Free Church of Scotland chiad stop aig na seòid , Bha ise cho snasail le dreasa mhòr gheal oirr ' ' S am bodach beag greannach le trusgan de chlòth .
' S ma thèid thu ' n - diugh don bhail ' againn chan fhaic thu fear ri ' g àiteach Chan fhaic thu tè le croman ann neo idir tè le ràcan A h - uile fear is colair air is clòth aig air a ' ghàrradh An t - aìrgead mar na sligean ac ' ' s gun teine meadhon làir ann .
" Cha b ' urrainn dhomh Botox a chleachdadh . Seall Nicole Kidman . Tha i cho bòidheach ach is gann gun gluais a h - aodann a - nis . "
" Bidh iad a ' faicinn gum bi sinn a ' sàbhaladh tòrr ' s dòcha gum bi sinn a ' dèanamh pròiseactan a ' dèanamh coimeas eadar an dà sheòrsa sgoile . "
Fhuairear lorg air clàran a bha ceangailte ri buill de Chomunn Leòdhais Detroit agus thuig i gur e athair , màthair agus piuthar a màthair a bha air ainmeachadh sna clàran seo . A - measg a ' chruinneachaidh bha iomradh air a thoirt seachad mu thiodhlaic de shitheanan gu boireannach leis an ainm a Bh - ph Dòmhnall Dòmhnallach ann an geàrr - chunntasan coinneamh a ' Chomuinn air a ' mhìos as dèidh Anna a bhith air a breith . ' B e an ath cheum cuireadh a thoirt do dh ' Anna na clàran seo fhaicinn i fhèin .
Rinn Tormod obair mhòr a ' cruinneachadh òrain agus bàrdachd Ghàidhlig , gu h - àraidh ann an sgìre Nis , far an robh e a ' teagaisg mu dheireadh .
' S ann thuit na rionnagan gasd ' Bu mhaith àluinn an dreach , ' S cha bu phàigheadh leinn màirt nan èirig .
17 : 00 Aithris an Fheasgair Peter MacAulay with national and local news of the day . Èist beò BBC Radio nan Gaidheal
Faodaidh e cumail ris an lagh cho - iomlaideach , far a bheil :
Aig aon uair , bha na h - oifisean puist aig cridhe na coimhearsnachd , ach tha tòrr dhiubh a - nis dùinte no an impis dùnadh . Seo agaibh sealladh air na làithean mu dheireadh aig ceithir oifisean puist air a ' Ghàidhealtachd agus na h - Eileanan .
Bhiodh na banchagan , nuair a bhiodh iad a ' tighinn dhachaigh bho bhith a ' bleoghann air an àirigh , no an àite air falbh bhon dachaigh , a ' ceangal a ' bhuidhean no a ' bhuidheag air an druim leis a ' bhuaraich agus , aig an aon àm ' s a bhiodh iad a ' coiseachd dhachaigh , bhiodh iad ag obair le cuigeal .
Is urrainn dhuinn a dhol an sàs is do ghearan a sgrùdadh :
Aig aon àm , bha Pàdraig a ' beachdachadh air an t - soitheach fhàgail is fuireach ann a ' Halifax ann an Alba Nuadh . Gu mì - fhortanach b ' fheudar dhan t - soitheach a cùrsa atharrachadh air a ' bhòidse sin , agus thill e dhachaigh a Ghriomasaigh ann an 1914 agus cheannaich e bàt ' - iasgaich .
Ruidhleadh cailleach nan cailleach Ri cailleach Bhaile nan Cailleach ' S gu seatadh a ' chailleach Hearach Ris a ' chaillich a bh ' air falbh ( dà thuras )
An t - eilean àlainn san Linne Mharbhairnich , San d ' fhuair mi m ' àrach nuair bha mi òg - Nach tric mi smaointeachadh ort am aonar Gun toir mi gràdh dhuit gach là rim bheò .
Nuair a bha mise òg , a ' dol dhan sgoil , ' s cuimhne leamsa na balaich mu dheireadh a chaidh dhan mhailisi anns a ' bhaile againn . Agus bhiodh iad ann an siud bho chionn trì fichead bliadhna . Bhiodh iad gan nòis fhèin anns na taighean cèilidh ach cha robh àrd a ' mhailisi orra ' s cho luath is a bha iad a - mach às an sgoil is a bha àrd a ' mhailisi orra cha robh ach a - mach à seo . Agus thachair a ' chreach ann an 1914 . Thòisich an cogadh mòr is chaidh na balaich a bha ann an sin , feadhainn nach robh càil ach a - mach às an sgoil a dhuine , agus a bha an dèidh iad fhèin a cheangal anns a ' mhailisi . . . Nise , gus an sgeul a dhèanamh goirid , dh ' fhalbhadh le na balaich òga sin dhan Fhraing ' s cha mhòr a tha beò an - diugh de bhalaich a ' mhailisi .
' S ann ann an teaghlach - chànan Fionno - Ugrach ( Finno - Ugric ) a tha Sàmais . ' S e Laplannais a thathas a ' toirt oirre cuideachd . Tha e ga bruidhinn ann an Ceann a Tuath Lochlainn , a ' gabhail a - steach Nirribhidh , an t - Suain , Suòmaidh agus pìos beag dhen Ruis .
C u nntas teachd a - steach agus caiteachais 39 | 40 T e achd a - steach agus m a oineachadh 41 | 42 Caiteachas 43 | 52 Luchd - obrach 52
Air a sheinn le / Song sung by Criosaidh M . NicDhòmhnaill
Bha i àrd agus uabhasach snasail , agus mun àm sin nuair a chunnaic sinn i , bha i glè mhath air a sgeadachadh . ' S e gùn uaine a bh ' oirre agus trèana air , agus thàinig i dìreach mar gum biodh fìor bhan - righinn , fada nas coltaiche ri banrigh na bha Bhictoria . Chan eil cothrom sam bith aig duine mar a choimheadas iad ach bha ise , dìreach sin a ' seòrsa a bh ' innte .
Eliseo Payán : Ceann - Suidhe na dùthcha ann an 1887 .
' N tèid thu leam , a rìbhinn mhaiseach , ' N tèid thu leam , a rìbhinn òg ? ' N tèid thu leam , a rìbhinn uasal Null air chuairt a dh ' Eilean Leòdhais ?
Chuir ceannard nan Làbarach as leth a ' Phrìomh Mhinistear gun robh daoine a ' fulaing mar thoradh air gearraidhean agus nach robh Mgr Salmond a ' dèanamh gu leòr airson an cuideachadh .
Cha tèid Kölsch a theagaisg anns na sgoiltean , ach gu math tric tha clasaichean saor - thoileach ann . Tha an cànan gu math làidir a - measg nan seann daoine , chan eil ach beagan aig na daoine òga . Ged nach eil an cànan aig a h - uile duine , tha e gu math fasanta , Kölsch a chleachdadh ann an sanasan reic , ann an irisean agus aig àiteachan poblach .
Leis gu bheil Riaghaltas Shasainn a ' beachdachadh air Uaireadair na Rìoghachd Aonaichte air fad a ghluasad uair air adhart sa gheamhradh , tha mi a ' toirt sùil air ais agus a ' smaoineachadh ciamar …
Christina Louise MacLeod from the Nicolson Institute in Stornoway won the overall prize with her speech on , ' Music and the influence it has on us ' .
Richieste simili a " scrittoio legno anni 50 " : costo scrittoio design ribalta - scrivanie anni 50 60
' S olc a rinn do chàirdean orm ' S gu ' n d ' rinn iad pàirt ort fein d ' e , ' N uair chuir iad ás an dùthaich mi , ' S mi ' n dùil gu ' n dèanainn feum duit .
" Tha fios agam gum bi tòrr deasbad a ' dol air adhart a - thaobh na co - dhùnaidhean agam , " thuirt Reyes - Chow air a ' bhlòg aige , " agus air an obair a nì iad . "
Nuair a chaidh an Iolaire air na creagan , shnàmh aon duine gu tìr le ròpa agus cheangail e an ròpa ri creag . Fhuair mòran air tìr air an ròpa ach mu dheireadh bhris e agus chaidh na bha air aig an àm a bhàthadh , athair Màiri , seanmhair Anna , nam measg . Tha muir , ròpa agus creag air an cleachdadh mar ìomhaighean tron bhàrdachd . Tha cruth agus cànan na bàrdachd gu math sgileil .
Bha Alasdair Matheson , ' s e bh ' ann , agus bha e cho tlachdmhor agus cho taitneach agus cho gasta ris a ' chloinn agus bha e cho tarraingeach orra . Cha chuireadh e riamh an aghaidh a ' chlann a bhith a ' tighinn a - steach còmhla ris na h - inbhich . Agus bha teine ann am meadhan a ' làir , agus being air gach taobh , agus bhiodh na suidheachain a bha sin làn , ' s a leithid a bhlàths as an dachaigh , bha e dìreach sònraichte . "
Thuirt Rosemary Nic a ' Bhàird , an Ceannard an Gnìomh aig Bòrd na Gàidhlig , " Tha sinn glè thoilichte gu bheil comas againn taic a chur ris an dà ionad , an Leac agus Gleann Sìth , gus a ' Ghàidhlig adhartachadh agus a cleachdadh nan obair làitheil . Is e seo a ' chiad turas a tha Planaichean Gàidhlig air an cur an sàs sa roinn phrìobhaideach , agus tha miann làidir againn aire an t - sluaigh a tharraing gun raon fharsaing de chothroman obrach a tha rim faotainn tron Ghàidhlig . "
This is a song written by : Gun Urra and sung by : Màiri agus Ceana Chaimbeul .
Gheibh sinn manifestothan bho na pàrtaidhean eile anns na beagan làithean a tha romhainn .
Bodaich dhubha , dhubha , dhubha , Bodaich dhubha bha sa bheinn , Bodaich dhubha , dhubha , dhubha , Bodaich dhubha bha sa bheinn ,
A bharrachd air beagan bhliadhnaichean san arm , chuir Rob Donn seachad a ' mhòr - chuid de bheatha ann an Dùthaich MhicAoidh , a ' buachailleachd , a ' dròbhaireachd , a ' dèanamh seòrsa de gheamaireachd , a ' sealg agus a ' poidseadh .
Last broadcast on Thu , 19 Nov 2009 , 22 : 00 on BBC ALBA ( see all broadcasts ) .
" Ged a bha sgeulachdan na Fèinne fada na bu chudthromaiche , sgaoil stuthan co - cheangailte ri Artair agus Am Bòrd Cruinn air feadh Gàidhealtachdan Alba agus Èirinn . Tha cuid a ' cumail a mach gun b ' e Am Bòrd Cruinn seach Am Bròn Binn a bha mar thiotal air an laoidh seo an toiseach "
' S bhiodh sinn a ' tadhal as na dachaighean a bha sin , ' s a ' cluinntinn bho na seòladairean a bha seòladh air feadh an t - saoghail , ag innse naidheachdan ' s dòcha mu nuair a bha iad thall ann am Buenos Aires no an Astràilia no New Zealand . ' S bha sinn ag èisteachd le ro aire ris a h - uile càil a bha sin , ' s dòcha suas gu deich uairean a dh ' oidhche nuair a bu chòir dhuinn a bhith nar leabaidh . "
Tha roghainnean duilich ro na pàrtaidhean uile - ach tha an roghainn as duilghe ro Mhgr Clegg .
Air a sheinn le / Song sung by iain a . macSuain
A - rèir an t - seansalair dùbhlain , Seòras Osborne , chan e aithisg ro bhuidseat ach aithisg ro thaghadh a thug Mgr Darling seachad .
" Fhuair mise grèim air ròpan a ' chrainn aice an uairsin ' s tharraing mi mi - fhìn an aìrde . Chaidh mi suas ann , pìos math , ' s thàinig balach eile nuas as mo dhèidh . Bha mise air a thaobh shuas nuair . . . ' s a chiad dhroch mhuir a thàinig , dh ' fhalbh e leis a ' bhalach . Mus d ' fhuair mi air dùrd a ràdh ris , dh ' fhalbh e leis . Chan eil càil a dh ' fhios agam cò a bh ' ann . " Dòmhnall Moireasdan , bhon phrògram An Iolaire , BBC Radio nan Gàidheal 1961
B ' ann an seo a shaoilear caillte an dream air raon a bhàis - ach cluinn gach teanga beò cur cruth air ceum an fhàis .
Inrinni zan khan Wembley lama Champions League khel tura an inbuatsaih mup mup lai khan Indian Premier League season 4 chu khelh zawh a ni a , Wembley lam inkhela an insawp ang bawkin MA Chidambaram Stadium , Chepauk , Chennai - ah champion lai Chennai Super Kings ( CSK ) chuan an khingpui Royal Challengers Bangalore ( RCB ) an sawp . He inkhelah hian Super Kings captain Mahendra Singh Dhoni chu toss - ah chakin bat hmasak a thlang a , an opening batsmen pahnih Mike Hussey leh Murali Vijay - te ' n final innings duhthusam an khel . Hussey hian ball 45 a hmachhawnah run 63 a vaw chhuak a , hetihlai hian a partner Murali Vjiay chuan ball 52 - ah run 95 ngawt a vaw chhuak . Hussey leh Vijay - te hnua CSK batsmen - te ' n run rawn siam hnem lutuk tawh lo mahse RCB tan a pawi tur chu a pawi fel tawhah a ngaih theih . CSK hian over 20 chhungin run 205 siamin wicket nga an hloh . RCB bat hun a thleng a , over hmasa berah an batsman vaw na Chris Gayle an hloh atang phei kha chuan an tan beisei tur a awm tawh lo a , over 20 chhungin run 147 chiah siamin an target run hi an umpha lo hle a , champion lai CSK hi run 58 - a chakin an champion nawn leh ta . Final - a khel tha Murali Vijay chuan , " Eng thildang mah tih ka tum lo a , ka hun tha hmuh hi a tangkai thei ang bera hman leh ka tum mai a ni . CSK anga team ropuia ka khel thei hi ka lawm a , champion dinhmuna kan inhlangkai hi a nuam ka ti em em a ni , " a ti . Chak lo RCB captain Daniel Vettori chuan , " Zirtawp zana Mumbai Indians kan khelh tuma kan bowling ang kha chuan vawm thei ila inkhel chanchin pawh a danglam deuh maithei a , mahse kan bowling - in duhthu a sam tlat lo a ni . Run 160 - 170 vel chu siam se a um ve theih maiin ka ring a , mahse an opening batsmen - te khan kan kut atangin final kha min chhuhsak a ni ber mai , " a ti . CSK captain Dhoni chuan , " IPL hi World Cup zawh hnu lawka kan khelh avangin tan hma kha chuan a huphurhawm hlein ka hria . India ram pum puiin World Cup - a champion tur khan min beisei a , min beisei ang ngeiin kan champion bawk . World Cup boruak khan mipui ala chiah avangin IPL tir lamah pawh beisei angin entu an tam loh phah a , mahse a tawp lamah erawh duhthusamin mipui an tam tawhin ka hria . " Mipui heti zat hmaa kan champion hi ka lawm lutuka sawi belh tur vak ka hre lo . Game hnuhnung ber atan kan game tha ber kan khek ni berin ka hria . Vijay leh Hussey - te khan duhthusamin bul min tan sak a , run 200 chuang kan siam theih phah a ni . An bat that kha thlawpin kan bowler - te ' n an vawm tha bawk a , kan champion ta a ni , " a ti . IPL4 - ah hian RCB batsman Chris Gayle chuan run a siam hnem ber a , he West Indies batsman hian match 12 atangin run 608 ngawt a vaw chhuak a , century vawi hnih siamin half - century vawi thum a siam a , a striker rate chu 183 . 13 a ni . Bowler zinga wicket la hnem ber chu Mumbai Indians player , Sri Lankan Lasith Malinga a ni a , match 16 a khelhah wicket 28 a la a , a economy rate chu 5 . 95 chiah a ni . Man of the Series - ah top scorer Gayle hi thlan a ni bawk .
The life and songs of North Uist poet Donald MacDonald , also know as Dòmhnall Ruadh Chorùna .
Thòisich e a ' dèanamh bàrdachd ' s e glè òg , agus ann an 1818 dh ' fhoillsich e cruinneachadh de bhàrdachd , ' Orain Nuadh Ghàidhealach , le Iain Mac Illeain , ann an Eilean Tirreadh ' - cuid a bha e fhèin air a dhèanamh agus cuid bho bhàird eile .
Chomharraich a ' chiad aithisg sgrùdaidh foillsichte san t - Sultain 2002 deich prìomh phuingean gnìomha . Tha an earrann seo a ' measadh an adhartais a chaidh a dhèanamh le gach puing gnìomh fa leth agus na leasachaidhean a thug seo do sgoilearan agus daoine eile le com - pàirt ann .
Tha thusa , luaidh , buidhe , ruadh mar a bha do sheanmhair , Tha thusa , luaidh , buidhe , ruadh mar a bha do sheanmhair . Tha thusa , luaidh , buidhe , ruadh mar a bha do sheanmhair , Tha thusa , luaidh , buidhe , ruadh mar a bha do sheanmhair .
Bhiodh i a ' seinn aig Mòdan agus cèilidhean agus nochd i air prògram a bha aig Calum Ceanadach air Telebhisean Grampian . B ' i cuideachd rùnaire meur ionadail A ' Chomuinn Ghàidhealaich .
Deth cha robh i riamh ag èisteachd Ri sèideil na muice - mara , ' S ann as tric a chuala i mòran De chrònanaich an daimh allaidh .
Nuair a tha thu a ' sgioblachadh , bidh thu a ' cur nithean ann am preas . Tha doras air .
Thathar ga chur an uair sin gu " prìomh chomataidh " a dh ' fheumas cunntas a thoirt don Phàrlamaid ro cheann - latha sònraichte . Is dòcha gun tèid iarraidh air comataidhean eile le ùidh sa chùis cunntas a thoirt don phrìomh chomataidh ( mus toir a ' chomataidh sin cunntas don Phàrlamaid ) . ' S e obair na comataidh aig an ìre seo beachdachadh am bu chòir don Phàrlamaid aontachadh ri prionnsabalan farsaing a ' Bhile neo nach bu chòir .
Chaidil mo mhàthair ann le duine dhan chloinn , a bha bliadhna a dh ' aois an uair sin , gun duine ach an dithis aca ann , a ' chiad fheadhainn a chaidil an Dail Mòr bho chionn timcheall air trì fichead bliadhna ron a ' sin co - dhiù . Mar a bha i fhèin ag ràdh , " An doras dùint ' bhon taobh a - muigh , gus an tigeadh d ' athair à Siabost airson fhosgladh , ach a - mhàin gun dh ' fhàg e sgian agam a ghearradh ceann an ròp nan tigeadh tein ' oirnn .
B ' e seo toiseach - tòiseachaidh na linne anns an robh atharrachaidhean mòra ann an gnìomhachas , mar a chanas sinn , ' The Industrial Revolution ' no An Tionnsgnadh Gnìomhachais .
Chuir iad crios dearg ort ann an caoran a ' bhàis guth blàth nam bodach na do chridhe is na do chluais is dh ' iarr thu air a ' ghaoith do thogail nad phort
èiridh mi aig ceithir a ' coiseachd air tìr gun fhuaim
Ìre 1 : An toiseach , thèid Bile a chur don chomataidh chuspaireil fhreagarrach ( " a ' phrìomh chomataidh " ) , agus ma tha fo - reachdachd na lùib , thèid e gu Comataidh an Fho - reachdais airson beachdachadh air cuideachd . ' S dòcha gun cluinn a ' phrìomh chomataidh fianais air a ' Bhile aig a ' cheum seo . ' S dòcha gun gabh comataidhean eile gnothach anns a ' chùis cuideachd , mar eisimpleir a ' Chomataidh Co - ionannachd Chothroman neo Comataidh an Ionmhais agus comataidh chuspaireil eile le ùidh ' s a ' ghnothach . Tha iad seo uile a ' toirt cunntasan air ais don phrìomh chomataidh agus tha am beachdan a ' nochdadh anns an Aithisg .
Aig a ' cheann - thall , thuirt ceannard a ' phàrtaidh Làbaraich gun robh cogadh Iorag ceàrr - dh ' fhàg tòrr dhaoine a ' phàrtaidh air a sgàth , agus bidh Ed Miliband an dòchas gun tig cuid dhiubh air ais .
A bharrachd air a bhith nochdadh air àrd - ùrlar rinn Evelyn mòran phrògraman còmhla ris a ' BhBC agus STV .
Faodar an aithisg seo ath - dhèanamh gu h - iomlan no ann am pàirt ( ach a - mhàin air adhbharan comeirsealta no ann an ceangal ri ro - shealladh no ri sanas ) fhad ' s a tha an tobar agus an ceann - là air an innse .
A ' bheinn ud shìos ' s a ' bheinn ud shuas Cha do charaich riamh ' s cha ghluais ; Ach thug Màiri gaol gun ghò Do mhac òg an Iarla Ruaidh .
Bha Seònaid gu tric a ' gabhail pàirt ann am mòdan ionadail agus nàiseanta agus ann an 1984 choisinn i am Bonn Òr aig a ' Mhòd Nàiseanta ann an Inbhir Nis . Bha i na ball den chòisir mhnathan Atomic Piseag , ach tha i cho trang agus gum b ' fheudar dhith sin a ' leigeil seachad . Tha i fhathast a ' seinn còmhla ri Còisir an Eilein Mhuilich agus ' s i an leughadair Gàidhlig aca , agus tha i na stiùiriche aig a ' Chomunn .
Coimhearsnachd is Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna 2011 8mh Màirt 2011 Tha Comunn na Gàidhlig ( CnaG ) a ' lorg Coimhearsnachd Ghàidhlig na Bliadhna agus Gnìomhachas Gaidhlig na Bliadhna 2011 . A ' leantainn farpaisean soirbheachail an 2010 , far an d . . .
Last broadcast on Fri , 24 Dec 2010 , 15 : 00 on BBC ALBA ( see all broadcasts ) .
An seo cluinnidh tu am buidheann luaidh nodha , Bannal , ag atharrachadh nam facal airson a bhith freagarrach don còmhlan fhèin :
Coma leo : ' S e droch isean a bh ' anns an Diùc le Murchadh MacLeoid , Alba air Didòmhnaich . Tha geàrr - chunntas ann am Beurla aig bonn an taobh - duilleige ( There is an English summary at the bottom of the page ) Rinn mi toileachas ris an naidheachd , ach chuir e beagan ionghantas orm . Diùc Chul - Lodair , Cumberland , a ' faighinn ' àite mar fear de na 10 Breatannach as miosa den linn a chaidh seachad . Bha mi air fàs cho searbh nam sheann aois is gu robh mi smaoineachadh gu robh an taobh eile air a ' chùis a dheanamh . Gu robh na h - argamaidean mu dheidhinn barrachd Gaidheil a bhi ann an arm Catrìona Mhòr na Ruis na tha e dh ' Albannaich ann an sgioba Rangers an là an diugh air a ' chùis a dheanamh . Gu robh sinn a - nis a ' smaoineachadh nach robh ann am Blàr Chùl - Lodair ach fear de na gnothaichean sin : dìreach blàr . Chan eil neach sam bith a ' cur fàilte air blàr , nach eil fios agaibh , ach feumaidh an leithid de rud a bhi ann . Agus co a chanadh nach e an taobh ceart a bhuanaich ? Nach deach Breatainn air adhart gus Impireachd a dheanamh ? Nach eil cairtean creideas againn uile ? Ach ged a robh Albannaich , agus Gaidheil , air an dà thaobh , chan eil sin a ' ciallachadh gu robh a h - uile càil a thachair ceart gu leòr . Tha fios nach robh cùisean cho simplidh ri blàr eadar Alba is Sassainn . Ach dè an diofar ged nach biodh ? Tha an argamaid son feuchainn ri Cumberland a thuigsinn agus leigeil leis a thighinn a - steach dhan t - saoghal nàdarrach , stèidhichte air trì nithean . An toiseach : cha b ' e gnothaich Alba - Sassainn a bha seo ann . A - rithist : cha robh anns an seo ach cogadh , agus bidh droch rudan a ' tachairt ann an cogadh . Agus : cha robh anns an duine seo ach fear a bhuineadh de linn sònraichte , bhiodh e cho ceàrr e a thomhais a - rèir nan dòighean againne agus a bhiodh e cur sìos air uidheaman nan Ròmanach leis nach eil iad cho faileasach ris an fheadhainn againne . ' S e beachd annasach a th ' ann a bhi ag ràdh nach eil càil ceàrr air rud dìreach seach is gu bheil cuid de na daoine againn fhìn an sàs ann cuideachd . Chaidh mu 50 Breatannach a chogadh còmhla ri Hitler aig àm an dàrna chogadh . Chaidh na mìlltean de Lochlannaich , Ruiseanaich , Duidsich is eile a shabaisd dha cuideachd . Cha chanadh ach leth - chiallach gu robh sin a ' deanamh nan uamhasan a rinneadh air na dùthchannan sin ceart . Eiseamplair eile a tha nas fhaisge oirnn fhìn . ' S e peacadh a bh ' ann mar a rinn ar siostam fòghlaim milleadh air ar cànan is ar cultar . Ach ' s e Gaidheil a bh ' ann an cuid den luchd - teagaisg sin . A bheil sin a ' ciallachadh nach bu chòir dha neach sam bith cantainn gu robh càil ceàrr air mar a thachair ? Tha fios gum bi droch rudan a ' tachairt ann an cogadh , ach cha robh an t - argamaid an aghaidh an Diùc a - rìamh stèidhichte air an sin . Chan eileas a ' càineadh an Diùc son blàr a bhuanachadh , na airson a bhi air an taobh " cheàrr " , ach tha air sgàth na rinn e mun cuairt air a ' bhlàr agus na rinn e anns a dhèidh . Cha b ' e a - mhàin na bhiodh e a ' deanamh a thaobh marbhadh is fuadach . Ach nach robh e a ' deanamh dealachaidh sam bith eadar Gaidheal is Gaidheal ann a bhi gan ceannsachadh agus a ' sireadh dioghaltas nan aghaidh . Tha e glè mhath dha daoine an là an diugh a bhi ag ràdh gu robh Gaidheil air an dà thaobh agus gu bheil sin a ' ciallachadh gu bheil a h - uile ceart gu leòr . Bha an Diùc fhèin a ' coimhead air na Gaidheil uile mar nàimhdean . ' S e fear de na h - ìomhaighean as truaighe a chithear an - diugh de Bhlàr Chul - Lodair , Bìoball Gàidhlig , seann dheasachadh , a thug saighdear Gaidhealach - Caimbeulach - a - steach dhan bhlàr còmhla ris . Thug peilear " Seumasach " criomag a - mach às a ' Bhìoball . Ach ' s e an rud a chuireadh annas air gu leòr gur e a bha seo saighdear Gaidhealach air an taobh " Sassannach . " Ach ' s e glè bheag de dh ' fheum a rinn e dha na Fineachan Gaidhealach nach tàinig a - mach . Cha robh ann , a - rèir chuid eile , ach fear a bhuineadh de linn sònraichte . Sin an dòigh a bh ' aca . Chan eil an t - argamaid seo buileach cho truagh ris an fheadhainn eile . Ach a bheil brìgh ann ? Thathas a ' deanamh a - mach gun do dh ' ionnsaidh an Diùc dòigh ùr cogaidh bho tìr - mòr na Roinn - Eòrpa far am biodh ceannardan - airm a ' cantainn ri muinntir baile gun fheumadh iad gèilleadh na gun dèidheadh an sgrios gu tur . Ach cha bhiodh gach neach ann an airm Bhreatainn ris an sin an . Dìreach 20 bliadhna as dèidh làimh , rud airm Breatannach air Quebec . Bha blàr ann . Ach cha deach Fràngaich Chanada a sgrios na am fuadach ann as dèidh làimh . Bha dòighean eadar - dhealaichte an uair sin . Mar as trice ' s an neach - buaidh a sgriobhas eachdraidh . Sgrìobh sinne , an fheadhainn a chaill , eachdraidh Bliadhna Theàrlaich is nam Fuadaichean . Chan eil anns an sochair sin ach glè bheag an coimeas ri na chàill sinn . ENGLISH SUMMARY Gaeldom ' s No 1 villain , The Duke of Cumberland , has been voted one of the Top 10 nastiest Britons of the last millenium . Despite the efforts of revisionists , he richly deserves his place in the rogue ' s gallery . MacP " Mur a bi i gun tarrag , ' s ann LEAMSA ! " " If she ain ' t nailed down , she ' s MINE ! " .
posted by Steafan MacRisnidh at Thursday , August 03 , 2006 0 comments
Blàr Thràigh Ghruinneard . Tha Blàr Thràigh Ghruinneard aig MacDhunlèibhe a ' dèanamh dealbh dhuinn air blàr mòr ann an eachdraidh Ìle , ' s ann an eachdraidh nan eilein , a thachair ann an 1598 , nuair a thàinig Lachlan Mòr MacIlleathain à Dubhairt ann am Muile a - null a thogail a ' chath an aghaidh nan Dòmhnallach . Agus bha na Dòmhnallaich aig an àm ud nan sealbhadairean air Ìle . Bha iad aig cridhe chùisean , agus bha Ìle agus na Dòmhnallaich dìreach cho teann ' s a ghabhadh . Bha co - bhanntachd anabarrach làidir eadar na Dòmhnallaich agus Eilean Ìle , mar rìghrean nan Eilein , agus mar ghaisgich anns a ' cheàrnaich sin den dùthaich .
Bidh a h - uile duine an seo ag èisteachd gu cruaidh a - màireach , nuair a bhruidhneas Mgr Swinney fhèin ris a ' cho - labhairt .
Dòmhnall : Mar a bha an ceap uaireigin , man tha ' d ag innse dhòmhs ' , as an talamh , ' s ann an ceap a bha ' d ga dhèanamh . . .
am Màrt 26 , 2009 bho 8 : 45pm gu 10 : 30pm - An Lanntair Woody Allen / Spain / USA 2008 / 1h36m / Catalan , English and Spanish with English subtitles / 12A . Cleasaichean : Javier Bardem , Penélope Cruz , Scarlett Johansson , Rebecca Hall , Patricia Clarkson . Tw … Air a chur air dòigh le An Lanntair | Seòrsa : taigh - dhealbh , cinema , film
Cha b ' e slighe ridh a bh ' aice taobh a - staigh na h - Eaglaise , ge - t . Chaidh i fhin agus an t - Easbaig Sheil a - mach air a chile agus chuir Sheil Miri a - mach s an Eaglais . Ach dh ' atharraich e a bheachd air sin goirid mus do chaochail e . Bha Miri a ' feuchainn ris na Peathraichean a dhanamh na bhuidheann niseanta gun a bhith a ' tighinn fo smachd nan easbaigean agus cha robh na h - easbaigean a ' dol le sin . Thug i a ' chis don Bhatican ann an 1873 agus bhuannaich i . Chaidh i a dh ' Alba air an turas sin cuideachd .
Bidh Mgr Hutton a ' frithealadh na seirbheis aig a ' bhalla cuimhneachaidh air beulaibh prìomh àros na 20mh Foireann Armaichte air a ' phrìomh ghearasdan ann am Basra .
Last broadcast on Wed , 1 Sep 2010 , 22 : 00 on BBC ALBA ( see all broadcasts ) .
Cha do leugh no mise . Ach leugh mi an feadhainn de na h - artaigilean aige anns an WHFP . Glè mhath , ach doirbh . Nor me . But I read a few of his articles in the WHFP . Very good , but difficult .
Fhad ' s a bha e an Dùn Èideann , chuir Dòmhnall eòlas air luchd - sgrìobhaidh mar Niall MacLeòid agus Ùisdean MacDiarmaid . Fhuair e brosnachadh o Ruaraidh Arascain is Mhàirr gu bhith a ' feuchainn air nòsan ùra sgrìobhaidh mar dràma .
" Ged nach robh na sgoiltean ro phailt an uair ud chan fhaodar a bhith a ' smaoineachadh gu robh an sluagh gun fhoghlam . B ' e an taigh - cèilidh an sgoil a bh ' aca - san - sgoil a bha glè fhreagarrach air an suidheachadh cuideachd . Cha robh baile anns nach robh cuideigin a bha comharraichte mar sheanchaidh , agus , nuair a thigeadh na h - oidhcheannan fada geamhraidh , bhàtar a ' cruinneachadh dhan taigh aige ga èisteachd fhèin agus sgeulaichean sam bith eile a dh ' fhaodadh a bhith an làthair . Is mòr an àireamh de dhuain ' s de dh ' òrain ' s de sgeulachdan ' s de dh ' fhianntachd de gach seòrsa a bhiodh air aithris agus air ath - aithris mum biodh an geamhradh seachad . "
Tha deagh ghean air gach ainmhidh ' s creutair Bhos air thalamh , shuas ' s na speuran ; Tha beatha teachd o shlios na grèine A ' toirt misneach dhaibh is spèirid .
Richieste simili a " nike air max 97 taglia 44 " : nike silver 41 - nike stock in contrassegno
Air a sheinn le / Song sung by sìne m . nicGillìosa
" Tha an taigh - osta agam ann an Nepal coltach ris an taigh agam . Tha an doras agam fosgailte . "
' S i Kathleen NicAonghais aon den t - sianar chloinne a bha aig Dhòmhnaill Phàdraig Iagain air a bheil Mìcheal Mac a ' Phearsain a ' cuimhneachadh sa chumha . . .
Èisg bhig , èisg bhig , nach tu tha math air snàmh .
Bhite a ' feuchainn ri àite fionnar a lorg as an deidheadh a chuir . B ' e na saibhlichean àite cho fionnar sa bh ' ann . Bhiodh iad falamh aig an àm oir cha robh am bàrr air a thighinn a - steach . Bhiodh ciste no bucas mòr aca san t - sabhal , le ceann ann , ' s bhiodh iad a ' cumail a ' bhainne an sin . Shaoileadh sibh an uairsin gu faireadh sibh fionnarachd de dh ' aotromas anns a ' ghaoith . Ged a bhiodh gaoth ann tron Iuthar , bha bruthainn innte . Cha robh fionnarachd innte a thogaibh sibh .
Richieste simili a " cect smartphone air 4 " : vendita tablet 10 - blackberry dual sim umts
Bho 1715 gu 1759 b ' e Seumasaich a bha ann am mòran de dh ' eilthirich Albannach a chaidh a Chanada , a ' teiche an dèidh an dà ar - a - mach ann an 1715 agus 1745 . Chaidh mòran dhiubh a ghlacadh , a dhìteadh mar bhrathadairean , agus a chur a dh ' Ameireaga .
Uile gu lèir , bha an sgoil agus an t - ùghdarras foghlaim air adhartas math a dhèanamh a ' dèiligeadh ris na prìomh phuingean gnìomha . Bha sgrùdadh agus measadh na b ' èifeachdaiche ga dhèanamh air obair na sgoile . Bha leasachadh air càileachd ionnsachadh na cloinne , ged a bha feum air barrachd a dhèanamh gus tuilleadh àrdachaidh a dhèanamh air coileanadh . Cha bhi Luchd - sgrùdaidh na Banrigh a ' tilleadh don sgoil co - cheangailte ri aithisg sgrùdaidh na Dùbhlachd 2004 .
Tha e uabhasach soilleir gu bheil am baile ga leasachadh ann an dòigh làidir , gu h - àraidh leis cho pailt a tha na tùran àrda ùra a thathar a ' togail . Aig an ìre seo tha Medellín a ' deànamh nas fheàrr na gach uile baile - mòr eile na dùthcha Bogotá , prìomh - bhaile na nàisein agus cridhe an eaconomaidh , nam measg , taobh togail agus dealbhachadh tùran àrda ùra . Anns an t - Sultainn 2008 , bhathar a ' togail 127 tùran àrda ann am Medellín , 25 gam àideachadh , agus 17 gam moladh . [ 19 ]
Mar a chuala sibh , tha Saddam Hussein fo bhinn bhàis . Tha ath - tagairtean air an ruith seachad agus an - diugh fhèin , chuala mi gu bheil e gu a bhinn a dh ' fhulaing taobh a - staigh dà neo trì laithean . Ged a ' s e fìor droch dhuine a th ' ann agus ged nach eil teagamh sam bith gu bheil an duine seo airidh air binn bhàis , b ' fheàrr leam gun leigeadh iad air beò . Carson ? Uill , saoilidh mi gu bheil mathanas freagarach air an t - suidheachadh seo . Foghainidh gun d ' thuirt cuairt Ioracach gu bheil e ciontach ' s airidh bàis . Bha dhìth orra sin a chluinntinn . Ach ' s e leigheas cuideachd a tha dhìth air Iorac . Cha chreid mi nach dheanadh sin ceum chun a sin . Chuck
Is anabarrach comharraichte mar a chruinnicheas na fithich as gach àird a dh ' ionnsaidh na closnaich mun gann a gheibh an t - ainmhidh bàs . Bha na seann daoine ann am beachd gun robh fiosachd aca . Air a ' cheart dhòigh thèid na daoine a tha salach , truaillidh nan nàdar a dh ' ionnsaidh an àite anns am faigh iad am miannan truaillidh a shàsachadh . Mar a chì sùil gheur an fhithich a chlosnach ' s e ag itealaich seachad anns na speuran , chì an duine truaillidh mar an ceudna an ni a tha truaillidh .
" Bhuineadh athair don Ros Mhuileach ach air son sin b ' Ìleach athair athar , agus b ' ann de Chlann Iain e , a bha nam pìobairean aig Dòmhnallaich Ìle . Air làmh seo bu dual do Dhonnchadh ceòl a bhith na chuislean . Ach a thuilleadh air a ' sin , bha a mhàthair càirdeach do Dhùghall MacPhàil a sgrìobh òran an àigh , An t - Eilean Muileach .
Olev Ehrlich olev . ehrlich ( ät ) err . ee muusikajuht
This is a song written by : iain aonghas macLeòid and sung by : Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu .
' S e seachd bliadhn ' deug a dh ' aois a bha thu , ghaoil , nuair chaidh mi null ' S a dh ' innis mi gu faoin dhut gum bu chaomh leam thusa nall ; Gach latha a - riamh bhon uairsin mo luaidh dhut dol am meud Ro cheann do bhliadhn ' air fhichead bha mi ceangailt ' riut le snaim .
Gu h - àraidh nuair a bha e òg , bha Eachann a ' cur an cèill ann an òrain cho fìor mheasail agus a bha e air Beàrnaraigh agus air muinntir Bheàrnaraigh . Rinn e na ficheadan de dh ' òrain air iomadh cuspair , cogadh is sìth , beatha is bàs , gràdh agus gràdh dùthcha , maise nàdair , cumhaichean is marbhrainn , laoidhean agus dàin spioradail .
Cho luath ' s a sgaoil iomradh an latha ud air feadh na tìre , thrèig na saighdearan Sasannach gu h - iomlan an tearc de chaistealan a bha fhathast nan làmhan an ceann a deas Alba , ' s theich iad a - mach às an rìoghachd .
Ceartas dom bhriathran agus fìrinn dom bheul , Thusa toirt iùil dhomh ' s mi dlùth riut , a Dhè . Athair , thoir gràdh dhomh , gabh mis ' thugad fhèin ; Cùm mi rid thaobh is bi daonnan nam chrè .
© 2011 Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil
Bha Alasdair MacNeacail , a sgrìobh History of Skye ( MacLean Press , An t - Eilean Sgitheanach , 1995 ) eòlach air a ' bhàrd agus ' s ann à làmh - sgrìobhainn a dh ' fhàg e a thàinig na facail . Dh ' fhàg e cuideachd an cunntas seo air carson a rinn Teàrlach a ' Phosta an t - òran :
Tha do shùilean a ' tàladh mar fhàil òir Cho soilleir , cho sìtheil , cho prìseil thar glòir ' S do bhòidhchead gun choimeas mar eal ' air a ' chuan O Mhàiri Eilidh , ' s tu mo rùn .
4 Extra Premiere . With a million dollars of diamonds missing and his brother dead , Derek ' s no nearer solving the puzzle . Read by James Aubrey .
Anns a ' Ghiblean thadhail buidheann riochdachaidh thar - phàrtaidh air na Stàitean Aonaichte agus Canada airson Seachdain a ' Bhreacain a chomharrachadh : seachdain de thachartasan agus coinneamhan airson aire a thogail mu Alba agus ceanglaichean a dhèanamh le reachdadaireachdan , gnìomhachasan agus buidhnean eile air taobh thall a ' Chuain Siar . B ' e prìomh thachartas Seachdain a ' Bhreacain am ' Baile Albannach ' aig VisitScotland ann an Grand Central Station , New York , a mhol Alba mar àite far am bi daoine a ' fuireach , ag ionnsachadh , ag obair agus a ' dol air làithean saora . Às dèidh seo choinnich buill na buidhne riochdachaidh le ceannardan poilitigeach agus gnothaich ann an New York , Washington agus Québec a bhruidhinn air cùisean poileasaidh agus cothroman gus na ceanglaichean eaconamach agus cultarach eadar na trì dùthchannan a neartachadh .
Tha fuaim ìosal aig a ' chlàrsaich ( an taca ris a ' phìob Ghàidhealaich ! ) agus aig aon àm bhathar ga cleachdadh airson daoine a chur a chadal . ' ' S e glè bheag de cheòl tùsail na clàrsaich a tha air fhàgail an Alba , agus tha clàrsairean an - diugh buailteach a bhith a ' cluich fuinn agus bhinneasan òrain , agus fuinn mar ruidhlean , shrathspèithean agus mhàrsailean a tha cumanta le ionnsramaidean eile . Tha cuid de chluicheadairean a ' creidsinn gur e pìosan airson clàrsach a bha an an cuid de na fuinn pìobaireachd bu shine . Tha a ' chlàrsach glè mhath còmhla ri guth agus thathar gu tric ga cleachdadh airson taic a chur ri seinn .
Bidh an t - eòlaiche gàrraidh , Iain Murchadh MacAoidh , còmhla rinn airson comhairle a thoirt dhuinn . Ma tha ceistean agaibh , cuir fios thugainn .
" Tha e fìor mun deidhinn air fad gu bheil saibhreas is eirmseachd fhaclan annta , nach fhaicear , tha mi a ' creidsinn , gu bràth tuilleadh a leithid ann am bàrdachd Ghàidhlig .
( Ho ri rà dh ) Nighean cho piseal , Nighean cho gleusda , Fuireach cà ² mhla riumsa .
Tha na buill eile uile air buannachd fhaighinn aisde cuideachd . Comhairlean ionadail le stiùireadh ' s taic le soidhnichean dà - chànanach , Bòrd na Gàidhlig le bhith cur an gnìomh Plana Nàiseanta na Gàidhlig . Bidh buannachd cuideachd ann do bhuidhnean pholblach aig a bheil planaichean Gàidhlig . Ach as cudromaiche , ' s dòcha , ' s e a ' bhuaidh a bhios aig AÀA air misneachd coimhearsnachdan Gàidhlig air sgath ' s na h - obrach seo .
Nous sommes actuellement le Vendredi 15 Juillet 2011 16 : 48
A chàirdean Bidh sinn a ' dèanamh air Caernarfon an ceann seachdain no dhà airson Fèis nam Meadhanan Ceilteach , agus tha tòrr prògraman BBC ALBA sa gheàrr - liosta . Tha sàr phrògraman bho na sia dùthchannan Ceilteach a ' farpais leotha , ach thathas an dùil ' s an dòchas gun soirbhich na prògraman Gàidhlig . Tha sinn a ' cur meala - naidheachd air a h - uile riochdaire a rinn prògraman sa gheàrr - liosta . Bidh am Màrt na mhìos mòr airson luchd - leantainn ball - coise , or bidh ball - coise beò bhon SFL air BBC ALBA nuair a thèid Partick Thistle an aghaidh Dùn Dè air an 22mh , agus chì sibh cuideachd na geamannan SPL " mar bheò " gach deireadh seachdain air an t - sianal , a tha air Freesat 110 agus Sky 168 . Ma tha an neach - leantainn ball - coise san dachaigh agad a ' cumail greim air a ' remote , dè mu dheidhinn coimhead air prògraman BBC ALBA air an iPlayer aig www . bbc . co . uk / iplayer . Agus a - nis airson a ' chiad turas chì daoine aig a bheil Virgin Media prògraman BBC ALBA air iPlayer Virgin fhèin . Tha luchd - amhairc Virgin air a bhith a ' feitheamh gu foighidneach airson an t - sianail air càball . Chan eil e ann fhathast , ach tha sinn an dòchas nach bidh agaibh ri feitheamh ro fhada , agus nì sinn cinnteach gun cuir sinn fios thugaibh cho luath ' s a tha naidheachd sam bith againn mu adhartas le bhith a ' cur an t - sianail slàn air càball . Cuimhnichibh gum faigh sibh an clàr phrògraman agus naidheachdan eile aig www . mgalba . com agus www . bbcalba . co . uk . Tha mi ' n dòchas gu bheil prògraman BBC ALBA a ' còrdadh ribh . Le dùrachd , Dòmhnall Caimbeul Àrd Oifigear Chief Executive
Thoisich e ri bàrdachd aig aois òg . Cha robh e ach gann air fichead bliadhna nuair a dh ' fhoillsich e bàrdachd Bheurla Dermid and Judith agus leabhar Cian Dhàin : le Dànaibh Eile ann an 1872 .
Bheir mo bheannachd gu Port Royal Far an òg ann fhuair mi m ' àrach .
A ' cur fàilte air an aithisg thuirt Stiùiriche Fèisean nan Gàidheal , Art MacCarmaig : " Tha rannsachadh air sealltainn gu bheil na h - ealain Ghàidhlig nam meadhan glè chudromach ann a bhith a ' tàladh dhaoine dhan chànan agus sna Fèisean , mar eisimpleir , tha sinne air faighinn a - mach gu bheil com - pàirteachadh anns na h - ealain a ' toirt spionnadh do dhaoine a ' Ghàidhlig ionnsachadh . Mar sin , tha sinne a ' cur fàilte air an aithisg bho Iùl Cìuil a chaidh a sgrìobhadh le Anna Latharna NicIllIosa , agus tha sinn a ' coimhead air adhart ri bhith ag obair an lùib GASD airson ro - innleachd nan Ealain Gàidhlig a chur ri chèile , agus cuid de na molaidhean a th ' anns an aithisg a chur an gnìomh . "
Cha robh e son " gun cuireamaid trom air neach sam bith " aca . Gus nach biodh duine , bochd no beartach a ` cuir as a leth gu robh e a ` cuir eallach sam bith orra nach b ` urrainn dhaibh a ghiùlain , rinn e cinnteach tre shaothair ann an nithean tìmeil ( a thuilleadh air a shaothair ann an nithean spioradail ) nach biodh a bheòshlaint an crochadh orra - san . Ged a tha e fìor gu bheil am fear - obrach airidh air a thuarasdal agus gun dh ` òrdaich an Tighearna mar an ceudna dhaibhsan a tha a ` searmonachadh an t - soisgeil , an teachd - an - tìr fhaotainn on t - soisgeil , gidheadh chan iarr fìor sheirbhisich an t - soisgeil a bhith a ` cuir trom air neach sam bith . Tha seo a ` gabhail a - steach troman de gach seòrsa ach a mhàin na tha air a chiallachadh le Criosd fhèin nuair a tha e ag ràdh , " Thigibh am ionnsaigh - sa , sibhse uile a tha ri saothair , agus fo throm uallaich , agus bheir mise suaimhneas dhuibh . Gabhaibh mo chuing oirbh agus foghlamaibh uam , oir tha mise macanta agus iorasal ann an cridhe : agus gheibh sibh fois dur n - anaman . Oir tha mo chuing - sa so - iomchair , agus tha m ` uallach aotrom . "
Honestly , I would like to be included not excluded . Translation may be a pain but it would be welcomed .
Chunnacas a ' bhean bhrèid - gheal òg Ann an cathair òir a - staigh , Sròl dhan t - sìoda fo dà bhonn Bheannaich mise dha gnùis ghil .
Cha robh duine dhen teaghlach Goodwin aig an taigh nuair a bhuail an ionnsaigh air . Tha na poilis a ' coimhead ri dealbhan CCTV bhon dachaigh ann an oidhirp an fheadhainn a rinn am milleadh a ghlacadh .
Gur e guirme do shùil Leam nan dealt air an driùchd Nuair a dhearcas tu , rùin , orm gu caomh ; Gu bheil maise mar nòin Chuireadh sgaoileadh air bròn Ann ad chruth , ' s b ' e mo dheòin bhith rid thaobh .
Rugadh Eàirdsidh Mac an t - Sagairt ann an Glaschu air 24 Ògmhios , 1931 . Bha a phàrantan le chèile à Ìle , athair , Eàirdsidh , à Bogha Mòr agus . . .
Ùghdar : Graisg aig 17 : 29 A bheil beachd agad ? 0
Translation : My love , my dear , my darling My new treasure , you are my joy You are my beautiful , fair son I am unworthy to be near you Alleluia , Alleluia , Alleluia , Alleluia
As dèidh bhòt , cha d ' fhuair an gluasad aonta . Chuireadh na bhòtaichean mar seo :
' S e £ 3 , 000 a ' phrìomh dhuais aig FilmG airson an dràma / comadaidh as fheàrr . Tha duaisean airgid ann airson a ' mhìneachadh as fheàrr air cuspair na farpaise , Gaisgeach , airson a ' chluich ' s an stiùiriche as fheàrr , agus airson tòrr a bharrachd .
Seadh ' s e suidheachadh truagh truagh th ' ann don luchd - obrach , chan e a - mhàin am broinn TAIC ach gheibhear an dearbh rud ann an moran àiteachan eile ann an 2011 . ' S ann leis a roinn poblach an t - àite as fheàrr airson foghlam fo aois na sgoile a - rèir Niall thall an Fòram na Gàidhlig ? Uill , feumaidh mi a radh aig an dearbh àm a tha seo tha Comhairle na Gaidhealtachd a ' cur mòran de na dleastanasan aca a - mach dhan roinn phrìobhaideach . Aon uair ' s gu bheil foghlaim …
Tha na pròiseactan prìomh - ròidean air mu 30 cilemeatair eile a chruthachadh de rathad dùbailte aig inbhe àird agus bha tòrr den obair sin tro fhearrann a bha fìor dhuilich . Bha mòran de sgeamachan na bu lugha ann cuideachd gus uachdar ùr a chur air ròidean , gus còrnairean a ghearradh a - mach , gus piseach a thoirt air ìre sàbhailteachd , agus mar sin air adhart .
Rachadh sibh gualainn ri gualainn ' S bheir sibh buaidh air luchd an fhèidh ; Cuiridh sibh na towrists dhachaidh ' S gheibh sibh na srathan dhuibh fhèin ; Cumaibh - se mun cuairt a ' chuibhle Leis na puingean agaibh fhèin , ' S bheir sibh a ' phàrlamaid à Sasainn ' S gheibh sibh laghan ceart a rèisd .
Tha bhliadhna seo gleusta seach tè dhe na thàinig Cha reic thu do chrudhachan cho luath riuth ' air Màrtainn ; Sguiridh tu gam bualadh cho cruaidh as an àthaidh Bheir thu dhaibh do dhèise ' s cha tèid iad gu àirigh .
c . Ciamar a ruigeas mi an talla ' bhaile ?
This is a song written by : Gun Urra and sung by : còisir inbhich ( Fir ) .
Chaidh rudan am feabhas anns a ' Chuimrigh . Chuireadh às do na h - achdan peanasach a chuir rìgh Shasainn air na Cuimrich aig tòiseach na linne sin . Fo riaghaladh Eanraig VIII , a mhac , chaidh Achd an Aonaidh a thoirt seachad . Stèidhidh seo an aon siostaim laghail anns a ' Chuimrigh ' s bha ann an Sasainn , ach thoirmisg i cleachdadh na Cuimris ann am beatha phoblach na dùthcha , ged nach robh ach a ' chànain sin aig mòrchuid an t - sluaigh aig an àm . Mun aon am , dh ' atharraich a ' Chuimrigh bho dhùthaich Chaitligeach gu dùthaich Phròstanach am broinn ginealaich neo dhà .
Dòmhnall Eàirdsidh : Bha m ' athair , bha e grunn bhliadhnaichean na chonstabal as a ' bhaile san deach mise a thogail . Agus tha cuimhne agam e bhith a ' bruidhinn air rudan a bh ' aige ri dhèanamh ach cha chuala mi riamh e a bhith a ' gabhail gnothach ri cò a ghearradh fraoch , cò a ghearradh luachair , ach a ' muran a bha a ' fàs aig bearradh a ' chladaich , bha sin air a roinn , a roinn air a h - uile duine a bha as a ' bhaile .
Iain M : Tha mi cinnteach gu robh learag , gum biodh iad a ' cleachdadh sin cuideachd .
' S ann am Muile nam beann fuar , Tha mo luaidh de na gillean , Dh ' aithnichinn thu am measg an t - sluaigh , Le na h - uaislean a ' tighinn .
Fàgaidh i cridheil thu ' s bidh tu dàna ; Bheir i dhut misneachd ' s cha chlisg thu le nàire ; Fògraidh i d ' eagal ' s cha teich thu rod nàmhaid ' S bidh tu cho làidir nuair bhios tu ag òl .
Bha an eilean againn fhìn air a dheagh riochdachadh le luchd - teagaisg na Fèise cuideachd , nam measg Stephen Moireasdan agus Eoghainn MacÌosaig a ' ruith nan clasaichean Iomain agus Fiona NicÌosaig agus Ana - maia NicGill - Fhaolain a ' chruthaich lèintean - t le na clasaichean aca mar phàirt den chlas Ealain . A ' gabhail na clasaichean airson spòrs traidiseanta bha Gemma Beaton agus Iain MacCorcadail a bhiodh a ' frithealadh Fèis Tir an Eòrna mar compàirtichean cuideachd cuide ri càch .
Gràmar na Gàidhllig ( Leabhar - obrach ) - Tha an leabhar seo stèidhichte air an dara foillseachadh den leabhar Gràmar na Gàidhlig le Michel Byrne , a chaidh fhoillseachadh le Stòrlann / Acair ann an 2004 . Bu choir an leabhar seo de dh ' eacarsaich a bhith air a chleachdadh an cois Gràmar na Gàidhlig gus dearbhadh gu bheil tuigse aig gach sgoilear air na puingean gràmair a tha ag èirigh anns gach earrainn . Tha am mìneachadh gu lèir sa Bheurla leis na h - earrannan leughaidh is na h - eisimpleirean sa Ghàidhlig . Faodar coimhead ri duilleagan - cùil an leabhair airson nam freagairtean , far a bheil sin iomchaidh . Bidh e air leth feumail do thidsearan agus sgoilearan aig ceann - shuas na h - àrd - sgoile a bharrachd air a bhith na dheagh thaic do luchd - ionnsachaidh .
Pòsaidh mi dha - rìribh Pòsaidh mi dha - rìribh Pòsaidh mis ' an gille bàn Ma tha e ' g ràdh na fìrinn .
Chan e sin dheth an - diugh e . Dè is ciall dha seo ma - tà ? ' S e seo abairt bheag sgiobalta gus cantainn nach eil rudeigin a ' tighinn air cuspair no cùis air choireigin . Chan e sin dheth an - diugh e - Chan eil sin buntainneach don chùis . - Chan eil sin a ' tighinn air a ' chuspair seo . No ann am faclan formeil - Chan eil sin nar taic * Dwelly . Ràdh Beurla coltach ris - That ' s neither here nor there .
Tha sinn a ' creidsinn anns an Spiorad Naomh , an Tighearna , tabhartair beatha , a tha a ' tighinn on Athair agus on Mhac . Leis an Athair agus leis a ' Mhac , tha e air adhradh agus air a ghlòrachadh , a labhair tro na Fàidhean . Tha sinn a creidsinn ann an aon Eaglais naomh chaitligeach agus abstolach . Tha sinn ag aideachadh aon bhaistidh gu maitheanas pheacannan . Tha dùil againn ri aiseirigh nam marbh , agus ri beatha an t - saoghail a tha ri teachd . Amen
Rugadh Ealasaid Jane Ros air 17 Sultain , 1789 . Bha a h - athair , Tòmas , a bhuineadh don Ghearastan , anns an arm agus b ' e nighean le MacLeòid . . .
Air a sheinn le / Song sung by Neilidh Fearghasdan
Dh ' ionnsaich Jackie Dunn dannsa - ceum aig aois ceithir , am piana aig aois coig agus thòisich i air an fhidhill aig aois ochd bliadhna . Ghabh i ceòl agus foghlam aig Oilthigh an Naoimh Fransaidh Xavier , rinn i grunn chlàraidhean agus chluich i air feadh an t - saoghail .
Rugadh Donnchadh MacIain air 20 Lùnastal , 1881 ann an Lag a ' Mhuilinn an . . .
' S e Tormod òg mo shubhachas Air bhuidheachas Shìol Leòid : Mas mac an àit ' an athar thu , Thig fhathast gu bhith mòr Anns an Dùn gu flathail ' N robh do chinneadh roimhe beò , Mac ratha dhùisgeas èibhneas dhomh - Le aighear thrèig mi bròn .
DÈ THA AM BÌOBALL A ' TEAGASG : Bithidh chuid as mò a ' bhàsaich a ' tilleadh air ais anns an aiseirigh . Nach do gheall Iosa " iadsan uile a tha anns na h - uaighean . . . thèid iad a - mach . " ( Eòin 5 : 28 , 29 ) Bithidh cothrom aig a chinne - daoine a gheibh an aiseirigh a bhi suidhichte air talamh Pàrras mar bha miann Dhè anns an toiseach . ( Lucas 23 : 43 ) Bithidh na nithean sin còmhla ri slàinte fìorghlan , agus a bharrachd air a sin beatha mhaireannach . Tha sin air a ' ghealltainn do chinne - daoine a tha umhail . Nach eil am Bioball ag ràdh : " Mealaidh na fìreanan an tìr , agus gabhaidh iad còmhnaidh innte gu bràth . " - Salm 37 : 29 .
San 19mh linn , bha daoine a ' fàgail Leitir Fura beag air bheag , is iad a ' sireadh chothroman nas fheàrr ann an àitean eile .
Bha na ceanglaichean eadar Alba agus Èirinn mar chuspair do bhuidhinn BhPA a bha air turas rannsachaidh ann an Èirinn eadar 13 agus 19 Dàmhair . Bha na BPA Seòna Nic a ' Bhàird , Dennis Ó Ceannabháin , Maureen NicilleMhaoil , Jim Mather , Dàibhidh Petrie agus Iain Mac a ' Ghobhainn air an turas cho math ris an Oifigear - riaghlaidh Seòras Reid BPA . Barrachd fiosrachaidh mun turas ( Beurla ) . Barrachd dhealbhan .
Thugaibh leam le uaill gu fonnmhor Òran ' s fonn do thìr mo ghràidh , Uibhist rìomhach nan damh donn A bhios nam smuain gu crìoch mo là . Uibhist tìr nan ronnan àghmhor Lochan àlainn , stùcan àrd ; O bu laoidheil , coibhneil , bàigheil Gaisgeil , làidir anns gach càs .
Fionnlagh : Tha beagan faireachdainn eadar - dhealaichte aca . Tha balla , faodaidh tu ràdh , a ' dol a dh ' àite sam bith . Faodaidh e bhith na loidhne glè mhòr ' s mar sin . Chan eil e a ' toirt faireachdainn sam bith gu bheil e a ' dùnadh a - steach ach tha gàrraidhean ann a ' seadh a ' dùnadh a - steach . Faodaidh e bhith na ghàrradh beag airson leasan no na ghàrradh airson timcheall air lot na càil mar sin . Sin an seòrsa faireachdainn a tha aig an dà fhacal dhòmhsa .
Thigibh còmhla ri Essie Stiùbhart ' s i a ' gabhail cuairt dhachaigh , còrr is còig cheud mìle tro ghlinn , srathan agus mu chuairt chladaichean Chataibh .
Bha seirbhisean eaglaise air an cumail ann an Laideann . Bha clachan air an snaigheadh , croisean de fhiodh air sgàilean , dealbhan air a ' bhalla agus bratan - ghrèise air an cleachdadh airson sgeulachdan a ' Bhìobaill a thoirt beò . Bha an triùir dhraoidhean air an sealltainn mar rìghrean bho na meadhan - aoisean . Bha sgeulachdan mu pheacaich , pargadair agus sgeulachdan na Càisge a ' faighinn àite ann an dealbhan - chluiche anns na meadhan - aoisean . Bha buidhnean - ciùird a ' toirt airgead dha sgeulachdan eadar - dhealaichte a bha freagarrach airson nan ciùird aca fhèin .
Chan eil an dealbhan cho math sa bha mi an dà ¹ il ach san dealbh - sa faodaidh sinn beanntainn à irde comhdaichte sneachda fhaicinn . ' S ann o tri seachdainnean a tha sneachd air fhaicinn air mullach nam beann as à irde . Ach an t - seachdainn - sa , fhuair …
Anns an aiste ' My Relationship with the Muse ' , dh ' ainmich e na h - adhbharan dha sin : ' mo mhàthair a bhith glè mheadhanach an 1936 , agus a - rithist an 1938 , toiseach Cogadh Sìobhalta na Spàinn an 1936 , mar a bha cosnadh m ' athar a ' sìor chrìonadh anns na 1930an , a ' coinneachadh ri nighean Èireannach an 1937 , a ' fàgail an Eilein Sgitheanaich ann an cus cabhaig airson a dhol a Mhuile aig deireadh 1937 , agus Munich an 1938 , agus daonnan bha sìor chrìonadh na Gàidhlig na bhriste - cridhe dhomh . Mar sin bha roghainnean duilich romham anns na bliadhnaichean sin , agus thàinig eallach pearsanta nam bliadhnaichean sin am follais tro bhàrdachd agus cha b ' ann tro gnìomh ' . Nuair a thòisich Cogadh Sìobhalta na Spàinn an 1936 bha buaidh chudromach , làn fhaireachdainn aige air beatha Shomhairle MhicGill - Eain . Bho 1933 bha mòr - uallach air gu robh Faisisteachd a ' dol a dh ' fhaighinn làmh an uachdair anns an Roinn Eòrpa . Nuair a thòisich Cogadh Sìobhalta na Spàinn , bha e glè chinnteach na inntinn fhèin gu feumte buaidh fhaighinn gu h - èifeachdach agus gun dàil air Faisisteachd anns an Spàinn . Bha tidsear eile ann an Àrdsgoil Phort Rìgh aig an aon àm , Jack Stuart , dhe robh e a ' saoilsinn tòrr , agus dh ' iarr esan air Somhairle MacGill - Eain a dhol còmhla ris dhan Spain a chogadh air taobh a ' Bhuidhinn Eadar - Nàiseanta , ach ged a bu mhiann leis a dhol ann , bha an suidheachadh teaghlaich aige fhèin a ' dèanamh sin do - dhèanta dha .
A young woman causes chaos in her Arkansas home town by anonymously distributing money . ( A - C )
Tha cuid de na h - ainmean - àite a ' tighinn on Ghàidhlig air sgàth ' s gun robh tòrr eilthirich a ' tighinn o Alba is Èireann .
Oir chan eil dràma Yates na bhàrdachd idir ( agus faodaidh sinn uaireannan a ràdh mu dheidhinn Yates gu robh a bhàrdachd bòstail mar gum b ' ann ann an taigh - cluich a chaidh a breith ) . Chan e sin do bhàrdachd MhicAmhlaigh , chan eil e ag ràdh ach nas urrainn dha a ràdh , chan eil e dol seachad air crìochan a tha e faicinn iomchaidh , oir tha eanchainn gheur làidir aige , eanchainn cuideachd a tha stuama , màlda , nach bi a ' dèanamh dannsan gun fheum ( ged a tha ìomhaigh an danns glè thric na bhàrdachd ) . . .
Richieste simili a " orologio oro anni 50 longines " : orologi automatici polso - orologio oro longines automatico
Thàinig rabhadh bho chathraiche aon chlub san SPL gum biodh e " gu tur uamhasach " dha na tha ri teachd do bhall - coise ann an Alba nam biodh Setanta a ' dol à bith .
Agus bidh sinn a ' caoidh a ghàire , ' s a gheansaidhean àraid , ' s a phullover , ' s na litrichean aig Murdo .
Siubhal mar ri Seòras Duinn Do Steòrnabhagh air chuan , Fad h - oidhch ' a ' seòladh dhuinn Gu Rubha ' n Stòir ud shuas ; Bu bhiadhach , deochadh , bhìrlinn ud ' S i luchdar dìonach , luath ; Gu stiùireach , crannach , ròpanach , Gu rathanach seòlta fuaight ' .
" ' S e fìrinn na cuis gu bheil an dà bheathach seo gur tric ri ' n lorg an cuideachd a chèile ' s a ' Chuan Sgìth , ach ' s e a thà a ' cuir dragh ormsa gu bheil feartan cudromach den chàirdeas air am fàgail às na sgeòil airson dealbh breige a thabhann don leughadair . Chan eil facal ri ràdh mu na h - argamaidean a bhios a ' maireann fad làithean mu chuspairean cho bunasach ri ' Anne Frater Vs Meg Bateman ' no ' Dè as ciall don bheatha ? '
5 / 06 / 03 Buidheann Chorporra Pàrlamaid Na H - Alba Gu Bhith A ' Gabhail Ri Dòigh - Obrach ' Cùram - Roinne '
' S o uisge chan fhaighinn - s ' ri iarraidh ' s mi miannachadh deoch airson òl , ' S mi cuimhneachadh iomadach sruthan bha sileadh le bruthachan òige , ' S mi cuimhneachadh bothan nam balach ' s a chasgaichean falamh is làn ' S gun toirinn na bh ' agam air thalamh bhith ann agus glainne nam dhòrn .
Bha e riamh air a bheò ghlacadh le ceòl agus b ' e ceòl pop a bha sin nuair a bha e na bhalach òg . Tha cuimhne aige aon uair gun do dh ' iarr e air a phàrantan an clàr Runaway le Del Shannon fhaighinn dha ' s iad latha air cuairt a Ghlaschu . Chluich e an clàr sin cho tric agus gum b ' fheudar dha mhàthair stad a chuir air ' s i aig iomall a reusain leis . Bha e cuideachd measail air leithid Connie Francis agus Adam Faith agus tha cuimhne mhath aige air a ' chiad uair a chuala e na Beatles , agus an ùidh mhòr a ghabh e annta .
Bha mi ann an Alba ' s dh ' fhalbh mi air gach taobh ; Bha mi ann an Sasainn , am measg nam fasan ùr , Ràinig mi Ameireagaidh , far bheil a ' choille dlùth Is bheirinn cruinneag bhòidheach , à Leòdhas bheag mo ghaoil .
bhunbhas nam - gu robh aithnichteadh agus gu an aghaidh a an - " Cum do làimh as mo phòca - san . " briathraibh aithghearr ud eil ,
' S i ' n Dubh Ghleannach a bh ' ann Hò - ro gheallaibh , no cò chuireadh i ; Trom orra seinn .
Rugadh Ellen Nic na Ceàrdaich ann an 1965 agus thogadh i ann an Inbhir Ghrainnse , far an deach i do Bhun - sgoil Sacred Heart . An dèidh . . .
3 . 33 Bidh mu leth nan ceistean a thathar a ' cur air luchd - còmhnaidh ann an taigheadasan a ' buntainn ris gach neach . Ach cha tèid na ceistean air teisteanasan , gnìomhan eaconamach , dreuchd agus gnìomhachas fhoighneachd ach do dhaoine aois 16 agus nas sine .
. . . agus ni sinne an corr . Gabh suil air bbc . co . uk / deanis airson tuilleadh fios . BAIDH ! Helo agus failte gu Telesgrios . Far an cluinnear na naidheachdan as . . . agus ni sinne an corr . Gabh suil air bbc . co . uk / deanis airson tuilleadh fios . BAIDH ! Ruth - Elizabeth
This is a song written by : Gun Urra and sung by : Cairistìona Cheanadach .
Watch Bad Teacher Online Free MoviesMantrainfo Watch New Watch Bad Teacher Online Free Elizabeth Cameron Performs A Character Of An Sub Standard As Well As Hopeless Chicago District Professor Who Consumes Alcohol More . .
Anns an Dàrna Cogadh bha e a ' seòladh air tràlair a bha air a h - uidheamachadh airson a ' chogaidh , air seirbheis a - mach à Arcaibh . Aig aon àm agus Uilleam aig muir air an Northern Princess , chaidh bàta eile a bha ag obair còmhla riutha a chuir fodha leis a ' nàmhaid agus bha nàbaidh dhà am measg nan seòladairean a chaidh a chall , air a ' bhàta eile .
Tha OLKE ( Coimhearsnachd Leasbach , Co - ghnèitheach Greugach ) airson am mìneachadh dhen lagh seo a th ' aca fheuchainn a - mach .
An t - Ollamh Tormod MacGilliosa a Leigeil dheth a Dhreuchd am - Bliadhna
Bha na fàrdaichean glè lom bho chionn fhada le tuill anns a ' bhalla airson nam miasan bainne , ach mu dheireadh bha preasan fiodha anns gach taigh . Mar a bha na bliadhnaichean a ' dol seachad bha na taighean a ' fàs na bu spaideile . Bha bhruis gheal a ' dol air aghaidh na caillich agus eadhon còmhdach aodaich air a h - uachdair . Bha pàipear a ' dol air gach balla mun teine ' s mun leabaidh , ach cha b ' e pàipear - naidheachd ach bolt na bùtha . Ach cha b ' e fàsach toirt air fuireach na àite : bha feadhainn ga chrochadh bho bàrr a ' bhalla le sìoman Theàrlaich . Bha lampa le glob crochte air a ' bhalla ged nach robh mòr fheum oire fad ' s a bha an latha fada . Mu dheireadh cha b ' fhiach teine am meadhan an làir : ach chan fhaca mi riamh bò ann an taigh le similear anns a ' bhalla .
An dùil dè rinn Iàcob dhan t - sealladh seo agus e cho talmhaidh agus cho cealgach agus nach eil càil na bheatha aig an àm seo a bheir dhuinn dòchas gu robh inntinn air nithean spioradail idir ? Tha sinne den bheachd gu robh teagasg sònraichte air cùl na h - aisling seo . Dè bha sin ? Bha an toiseach teagasg " Freasdal an Tighearna " . Se esan an Tighearna a tha riaghladh os cionn nèamh agus talamh , agus se esan mar Dhia a tha ceangal nèamh agus talamh ri chèile . Tha na h - aingil a ' frithealadh dha na naoimh a tha air ruighinn agus dhaibhsan a tha gun ruighinn fhathast . Tha na naoimh a tha bhos agus na naoimh a tha shuas ag amharc air an aon Chriosd agus tha esan ag amharc orrasan " le deagh - ghnùis làn do ghlòir " . Tha a shùil orra an còmhnaidh - nì a bha fìor ann an eachdraidh Iàcob an seo . Bha Dia na bheatha agus tha e ann am beatha a h - uile Chrìosdaidh .
Bha Coinneach cuideachd na bhall de Chòisir Ghàidhlig Inbhir Nis aig an àm seo agus , ann an 1910 , choisinn iad Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhàrdain .
' S ann bhon teaghlach aice fhèin a fhuair Catriona mòran de na h - òrain a bhiodh i a ' seinn , gu h - àraid bho bràthair a h - athar , Alasdair agus a bhean Rena , a bha a ' fuireach ann an Uibhist a Deas nuair a bha i a ' fàs suas , agus cuideachd bho Iain , bràthair eile dha a h - athair , a bha os cionn Àrd - Sgoil an Òbain .
( Thlalak : Mizoram team leh lawmman semtu Bhaichung Bhutia leh PK Banerjee - te , Kolkata hmunah . ) Tun hnaia National Sub Junior Football Championships - a champion team , Mizoram atangin AIFF chuan India sub junior team - a trial turin mi paruk an thlang . Heng player paruk - David K Hmingthanga , Bethlehem Vengthlang ; R Laldanmawia , Sialhawk ; Ramluahsanga , College Veng ; Toky Zomuanpuia , Mission Vengthlang ; K Lalrinfela , Lunglei leh Lalrinpuia , Lunglei - te hi AIFF - in an thlan chhuahte chu an ni a , state danga player thlante nen March 30 - ah Goa - a training tan tura tih an ni . Player thlan chhuah takte hi AIFF lamin an enkawl phawt ang a , training - te an neih hnuah an thlifim leh ang a , chumi zawhah a tithate chu AFC Sub Junior Football Championships khel turin an kal ang .
Chaidh i air cuairt nam bàrd a dh ' Èirinn ann an naoi ceud deug ceithir fichead agus a h - aon - deug agus bhiodh i a ' sgrìobhadh òrain agus sgeulachdan chloinne airson prògraman Gàidhlig a ' BhBC air rèidio agus telebhisean .
Bha e a ' cantainn ma bha thu a ' cumail do shùil a - mach air an latha a bha an gèile mòr ann , gu mothaicheadh tu gun do thòisich a ' ghaoth agus i an ìre mhath còmhnard às an iar . Bha an t - Urr . MacAmhlaigh air a bhith a ' bruidhinn ri fear a thuirt " Tà , tha agadh beag aice chun an iar - dheas " . Dìreach mar gum biodh a ' ghaoth ag iarraidh gluasad rud beag .
Bha mi a teagasg san teampull comhla ribh a h - uile latha , agus cha do ghlac sibh mi . Ach ` sann gus na sgriobturan a choimhlionadh a tha so .
Agus mura glèidh iad e , bidh an sàr chluicheadair à Algeria Bougherra am measg na feadhna as coltaiche a dh ' fhalbhas as t - samhradh .
' S cha robh cùisean gam chòrdadh dol air bòrd innte sa mhadainn , ' S gun mi idir ro eòlach air na dòighean a bh ' aice , ' S nuair fhuair i mu sgaoil , air feadh an t - saoghail a ghabh i : Bha i shuas anns an iarmailt cho luath ri eun ' s e na chabhaig A ' tarraing às .
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle ( CSS ) air . Ged a chithear susbaint na làraich leis an t - sealladair lìn a th ' agaibh , tha sinn a ' moladh an dreach as ùire den bhathar - bhog ur sealladair a thoirt a - nuas , no ur duilleagan - stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh .
Ma chuireas duine a ' cheist air Màiri Sìne Lamond " Cò às a tha thu ? " ' s e freagairt a gheibh iad , " Gu fìrinneach , chan eil mi . . .
Chaidh an làrach seo a chur air bonn do luchd - ionnsachaidh na Gàidhlig . Tha leasanan gràmair is taic eile innte . Ma tha trioblaid agad leis an cuid programachadh , seo ceangal dìreach dha na leasanan dhut .
" Thug mi leam na bh ' agam dhe gu tè gum biodh mòran dhaoine a ' dol airson fiosrachadh mu òrain , Ceit Dhonnchaidh Chlachair , piuthar don bhàrd Dòmhnall Iain Dhonnchaidh . Chuir ise air dòigh dhomh e . " Fhalbh a - nis " ars ise " gu Màiri Dhòmhnaill Sheumais - sin Màiri a tha air a h - ainmeachadh as an òran . Gabh an t - òran dhi feuch a bheil e ceart agad . " Agus rinn mise sin . "
Nuair nach eil mi nam chadal , bidh mi a ' sgrìobhadh an seo bho àm gu àm . . .
Agus bidh mi tric a ' smaoineachadh , eil fhios agad , nuair a chanas daoine gur e Burns am bàrd nàiseanta , ann an Alba , cha b ' e dha na Gàidheal ach Donnchadh Bàn . Ma bha duine riamh ann a dh ' fhaodadh tu ràdh gur esan am bàrd nàiseanta againne , na Gàidheil , ' s e Donnchadh , Donnchadh Bàn , chan eil teagamh sam bith .
C - MAP NA - C304 NORFOLK TO BERMUDA TO JACKSONVILLE MODEL # NA - C304FP
Faodaidh pàrtaidean poileataigeach a tha gan riochdachadh sa Phàrlamaid aithrisean a dhèanamh cuideachd air na poileasaidhean aca fhèin ann an coinneamhan na Pàrlamaid .
Agus a ' mheatarachd a th ' aige ann a ' sin , tha i gu math sgaoilte uaireannan , ach chan e rannan àbhaisteach a th ' aige . Tha an uaim ' s an fhaicear , tha iad a ' ruith mar gum biodh seòrsa de dhàin Bheurla . Tha cruth ùr air an dàn a tha seo , seach na dàin a bhiodh agad anns a ' Ghàidhlig aig an aon àm . Mar sin , Blàr Thràigh Ghruinneard , o ' s fìor thoigh leam an dàn sin . Tha e math , math agus tha e a ' crìochnachadh ann an dòigh a tha cho snasail , saoilidh mise . ' S tha mise tur eadar - dhealaichte nam bheachd air a ' seo seach na daoine eile a bha sgrìobhadh mu MhacDhunlèibhe . Saoilidh mise gu bheil e crìochnachadh ann an dòigh a tha eireachdail , le pìobaireachd a tha a ' comharrachadh bàs - bàs a ' Leathanaich . Agus dìreach cho truagh ' s a bha seo gun deachaidh Lachlan Mòr a mharbhadh aig Gruinneard .
Bheir an t - Oifigear - riaghlaidh Seòras Reid BPA , Suaicheantas ùr na h - Artaig do 13 ball de Mheur na h - Alba de Longan - dìona Artaig na Ruis , aig cuirm ann an Trannsa a ' Ghàraidh ann an Taigh an Ròid .
All we need to make it a thing of the past is political will .
. . . Hello a chairdean , Sgriobag an seo . Feuch an tomhais thu de a th ' annam . Tha mi air mo dheanamh a meatailt . Tha mo chorragan meatailt . Tha mo ghluinean . . . de a th ' annam . Tha mi air mo dheanamh a meatailt . Tha mo chorragan meatailt . Tha mo ghluinean mea
I a ' cumail co - chomhairle le pàrantan air prìomh nithean a ' buntainn ri beatha is solarachadh na sgoile .
Tha nead na circe - fraoich anns a ' mhuileann dubh , sa mhuileann dubh , Tha nead na circe - fraoich anns a ' mhuileann dubh o shamhradh . Tha nead na circe - fraoich anns a ' mhuileann dubh , sa mhuileann dubh , Tha nead na circe - fraoich anns a ' mhuileann dubh o shamhradh .
Shaoil le Eideard gun sgaoileadh e leithid de chrith - oillt ' s de uamhas a - measg chàirdean na h - Alba ' s nach gabhadh aon sam bith dhiubh a dhànadas air tuilleadh ar - a - mach a dhèanamh na aghaidh , ach gun robh luchd - àiteachaidh na dùthcha sin , ' s bhuaithe siud a - mach gu bràth fo mheachainn gus na laghan a ghabhail a b ' àill leis - san ' s le shliochd a thoirt , ' s a bhith air an riaghladh san dòigh am faiceadh esan iomchaidh .
Tha Colmcille , ( a bha roimhe seo air ainmeachadh mar Iomairt Cholm Chille ) a nis air a stiùireadh le Bòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilige an co - bhuinn mar phàirt dhen obair aca . Thuirt Mairi Mhoireach , Oifigear Leasachaidh Cholmcille ann an Alba : " Bhon chuir sinn an fharpais seo air dòigh bho chionn tri bliadhna tha sinn air ar mòr - mhisneachadh leis an dòigh ùr - nò anns an deach daoine an sàs ann . Tha cothroman an seo tron fharpais do dhaoine ann an coimhearsnachdan Gàidhlig air dà thaobh Sruth na Maoile a bhith a ' togail dheilbh de na coimhearsnachdan aca fhèin , an suidheachaidhean obrach is teaghlaich agus an àrainneachd eireachdail anns a bheil sinn a ' tighinn beò . ' S e cothrom air leth a th ' ann do dhaoine nach eil ris an obair seo gu proifeiseanta an cuid obrach aithneachadh agus tha e a ' toirt cothrom dhuinn fhèin tro bhith margaidheachd is eile tron phròiseact a bhith a ' sealltainn do dhaoine na bhoinneas dhuinn . Tha mi cinnteach gun tèid a ' cheart cho math leinn anns an fharpais seo sa chaidh leinn roimhe seo .
Bha dà òran Hearach eile ann air an aon fhonn ri Chì Mi ' n Tìr . Cha robh an ceathramh :
Tha Stòrlann agus a ' CCEA , air a bheil uallach airson goireasan foghlam Gaeilge ann an Èirinn a Tuath , air co - obrachadh gus goireas foghlaim tlachdmhor fhoillseachadh air a bheil ' Mar a chuala mise e ' - cruinneachadh de sgeulachdan traidiseanta air an ath - innse .
This is a song written by : Dòmhnall MacPhàil and sung by : Calum Ceanadach and Màiri Nic a ' Ghobhainn .
Thuirt e cuideachd : " An dèidh a ' chiad fhras de pheilearan , ghluais na gunnairean air adhart nuair a bha daoine air an talamh agus loisg iad a - rithist air an fheadhainn a bha air tuiteam . "
Nuair rinn tinneas mo bhualadh , ' S dreach na h - uaigh ' orm a ' fàs , Bha mo chàirdean mun cuairt orm , Làn truais agus bàidh .
Tha trì ùghdarrasan ionadail air aonta fhaighinn mar - thà bho Bhòrd na Gàidhlig airson am Planaichean Gàidhlig - Comhairle na Gàidhealtachd , Comhairle Earra - Ghàidheil is Bhòid agus Comhairle nan Eilean Siar - còmhla ri Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h - Alba . Tha planaichean gan deasachadh le Iomairt na Gàidhealtachd ` s nan Eilean agus le Riaghaltas na h - Alba .
Loch nan loch an Coire Lagain mur b ' e fuarain Coire Mhadaidh , am fuaran os cionn gach fuarain san Fhionnachoire gheal uaine . Mòran fhuaran ' s gainne fhiùran an - diugh ' s an - dè ' s a ‑ raoir gam dhùsgadh , call dòrainneach luchd ar dùthcha , togail tuatha , fògairt , spùilleadh . ' S chithear an t - Eilean mòr ' na lùban , gurrach feannaig air gach dùn ann , feannagan dubha boga claona : ar leò gur iolaire gach aon dhiubh .
Bha an saoghal ro chumhang , Ged a chruthaich E fhèin e .
Tha an ùidh a th ' aig Ciorstaidh NicIllEathain anns a ' chruinne - cè agus ann an daoine , follaiseach anns na leabhraichean a tha air a ' sgeilp aice . Bho The Kon Tiki Expedition : Across the Pacific in a Raft le Thor Heyerdahl , gu Nyal ' s Saga à Innis Tìle tha Ciorstaidh gar toirt air turas litreachail mu chuairt an t - saoghail .
Math dhuinn gun do lùb sinn an glùn do stuthachas feallsanachail . Dhan bhrèig nach eil sa chinne - daonna ach toradh stuth gun rùn - inntinn . Dhan bhrèig aig a bheil uachdaranachd os cionn nam meadhanan agus fòghlam ar co - chomainn .
Air a sheinn le / Song sung by Aonghas MacLeòid
Tha an t - Aonghas seo rud beag greannach , nach eil ? Tha coltas ann gu bheil e a ` coimhead air an saoghal bho shùilean mu bheil buaileagan dubha ! Tha cuid den bheachdan aige fìor gu ìre . . . ach Aonghais , Aonghais . . na bi cho trom oirnn ! Dia tha fhios nach eil annainn , mar chinne - daonna , ach boinneachan - fala air uachdar na talmhainn , air neo tha sinn nar craiteachan salainn ( agus uaireannan rud beag siùcrach ) . . . . . . . air cruinne a tha na mharbal àlainn ann an cuan mòr mòr nan rionnagan ! Gabh cupa teatha a dhune . ( Aonghais ) Ciamar a tha thu co - dhiù , Des ? ` s math bhith gad leughadh mar as àbhaist .
* Alle Preisangaben inkl . gesetzl . MwSt . und zzgl . Versandkosten innerhalb Deutschlands . Alle Angaben ohne Gewähr und können evtl . abweichen . Unser Preisvergleich listet aktuell 6 . 949 . 954 Produkte mit 41 . 841 . 559 unterschiedlichen Preisen ( Stand : 26 . 07 . 2011 ) , damit Sie den günstigsten Preis finden und clever sparen ! Dabei werden die Produkte neu wie auch gebraucht angeboten .
Last broadcast on Thu , 18 Jun 2009 , 20 : 30 on BBC ALBA ( see all broadcasts ) .
As a sin chaidh e a dh ' obair a Sheirbheis Meidigeach nan Innsean agus thar nam bliadhnaichean bha e ag obair ann a Bombay , ann an Aden , ann am Baluchistan agus am Burma . Chuir e seachad ùine air crìochan Shìona , agus thàrr e às le bheatha dà thuras as dèidh don each air an robh e a ' marcachd a bhith air a mharbhadh . Rinn e mòran siubhal ri linn a dhreuchd ach cuideachd rinn e mòran siubhal , aig amannan a dh ' aindeoin cunnartan mòra , air a cheann fhèin . Bha e air bòrd soitheach cho mòr ' s a bh ' air an t - saoghal aig an àm , a City of Paris , nuair a theabadh a ' cur fodha le muir bàthte am meadhan a ' Chuain Shiair .
10 : 33 Seall , tha sinn a dol suas gu Ierusalem , agus liubhrar Mac an duine do na h - ard - shagairt , ' s do na Sgriobhaich , ' s do na seanairean , agus ditidh iad e gu bas , agus bheir iad seachad do na cinnich e ;
Last broadcast on Sat , 18 Sep 2010 , 15 : 35 on BBC ALBA ( see all broadcasts ) .
Tìr a ' Mhurain Tìr a ' Mhurain Tìr a ' Mhurain Trobhad is coisich rium Ri taobh a ' chuain Is seallaidh mi dhuit Tìr a ' Mhurain Fàilte gu mo dhàn Sìol is meas nam bàrd Am foghar bha feitheamh orm Bho an là a bha mi òg Trobhad is coisich rium Ri taobh a ' chuain Is seallaidh mi dhuit Tìr a ' Mhurain Fàilte gu mo thìr Eilean geal an iar An t - àite a chì gach tuigse is fìrinn Glaiste ' na mo chridhe Trobhad is coisich rium Ri taobh a ' chuain Is seallaidh mi dhuit Tìr a ' Mhurain Fàilte gu mo chainnt Is I dh ' ionnsaich mi ' nam phàisde Cànan uasal mòr nan Gàidheal Mar bhratach dhomh gach là Trobhad is coisich rium Ri taobh a ' chuain Is seallaidh mi dhuit Tìr a ' Mhurain Is ged a dh ' fheuch iad ri cur as dhuinn Chì mo theaghlach cnoc nan linn Is ged tha ar cànan leònt ' le strì ' S an tìr seo bidh I beò Trobhad is coisich rium Ri taobh a ' chuain Is seallaidh mi dhuit Tìr a ' Mhurain
Rugadh Iain W . M . Mac Ille na Brataich air 13 Lùnastal , 1932 , anns an t - seann mhansa ann am Baile mo Thatha , far an robh a . . .
Uaireannan tha a ' chòigeamh posdalaid seo ainmichte a ' phosdalaid cho - shìnte . Ann am briathran eile tha i ag ràdh nam biodh loidhne ann agus puing P air leth , cha bhiodh ach aon loidhne ann tro P a tha co - shìnte . Agus ' s e seo a tha a ' dèanamh dealachaidh eadar geoimeatras Eoclaideach agus geoimeatras neo - Eoclaideach , oir tha geoimeatrasean anns nach eil seo fìor . Chan eil loidhnichean co - shìnte idir ann an geoimeatras eileapsach ( m . e . cruinneadaireachd ) , agus tha uimhir gun crìoch de loidhnichean co - shìnte ann an geoimeatras hipearbolach .
Gur truagh nach faodainn bhith gu bràth Fo sgàil nan àrd - bheann mòr , Far bheil mo shinnsearachd a ' tàmh ' S far bheil an cnàmh fon fhòd , B ' e ' n caitheamh - beatha - san a b ' fheàrr , Cha bhiodh iad là gun lòn , A ' cur ' s a ' buain ' s a ' glacadh èisg Gu h - aoibhneach saor o bhròn .
Thòisich i a ' seinn aig mòdan nuair a bha i anns an sgoil agus tha i air a bhith a ' deanamh gu math ann an co - fharpaisean nan inbheach . Choisinn i an t - Aigeallan Airgid aig a ' Mhòd Nàiseanta ann an Inbhir Nis ann an 1984 , agus bhon uair sin tha i air a bhith gu math soirbheachail ann am farpaisean Sarah Weir is Òrain Chataibh agus an Eilein Sgitheanaich .
] dns ¨ Sp ¯ hnfª Imbn n ¶ pw hn ¯ v thÀs ] Sp ¯ n icnbmb coXnbn DW ¡ n à hn ¯ pIÄ am { Xw Xncªpamäp ¶ { ] { InbsbbmWv hn ¯ pkwkv ¡ cWw F ¶ XpsImWvSv Dt ± in ¡ p ¶ Xv .
3 . 18 Feumar aire a ghabhail don chosgais a tha an lùib a bhith a ' cruinneachadh is ag obrachadh an dàta . Ma tha ceist ann a tha fìor dhoirbh a còdadh , a tha a ' cur feum air obrachadh farsaing no a tha a ' cur gu mòr ri cosgais a ' chunntais air dhòigh eile , sa bhitheantas cha tèid a gabhail a - steach .
Innsidh am fiolm seo sgeulachd mu dhithis cho - oghaichean à Canada a tha air tighinn do bhaile beag Bharbhais , air Eilean Leòdhais gus an càirdean a lorg . Chan eil aca ach foto de mhàthair an seanmhar , Màiri NicLeòid a dh ' fhàg am baile beag ann an 1923 air bàta - smùide na h - eilthireachd , am Metagama , an tòir air beatha ùr ann an Canada . Chaidh am fiolm seo a dhèanamh le còig sgoilearan fichead ann am Bun - sgoil Bharbhais . Thagh iad an sgeulachd seo oir bha caraidean aig tòrr dhiubh ann an Canada a bha de shliochd a ' ghinealaich bhochd sin a dh ' fhàg Leòdhas anns na 1920an agus a dh ' fhàg an dùthaich mar eilthirich an tòir air obair is cothroman ùra . Rinn a ' chlann rannsachadh airson sgeulachd an fhiolm aca ; dhealbhaich iad am bòrd - sgeulachd , chruthaich iad an obair - ealain airson na deilbh - bheò ( fhuaradh an stoidhle bho dhualchas breabadaireachd an àite ) Dh ' obraich iad an camara agus bheothaich iad na caractaran aca . Mu dheireadh , chlàr iad am fuaim - lorg aca ann an cleachdadh na Beurla agus na Gàidhlig , a ' toirt a - staigh òran luaidh dualchasach . Chaidh am fiolm a chraobh - sgaoileadh airson a ' chiad turas ann an Talla Coimhearsneachd Bharbhais anns an Damhair , 1997 . Bha e na phàirt den t - Sreath Deilbh - Beò Bailtean Beaga na h - Alba a chaidh a riochdachadh is a stiùireadh leis a ' bheothadair Jessica Langford airson T . Bh . Grampian is STV . Fhuair e a ' chiad duais anns an earrainn fhiolm air ainmeachadh ' Dealbh - Bheò ' As Fheàrr do chloinn fo aois 16 aig Fèis Bhradford airson Dealbh - Beò na h - Òigridh . Air a dhèanmh le cloinn ann am Bun - Sgoil Bharabhais , Barbhas Eilean Leodhais , Innse Gall : Catriona NicIomhair , Iohann MacIlleathainn , Marina Nic a ' Mhaoilein , Michelle Mhoireasdan , Pòl MacDhòmhnaill , Murchadh MacLeòid , Màrtainn Graham , Dòmhnall MacLeòid , Tormod MacLeòid , Dughlas Stiùbhart , Careen NicMhathainn , Catriona Donna NicLeòid , Catriona Mhoireasdan , Dòmhnall Iain Graham , Màiri Mhoireasdan , Ciaran NicAoidh , Màrtainn Mac a ' Ghobhainn , Màiri Alios Bartlett , Laura NicLeòid , Graham MacIomhair , Calum Iain Bartlett , Iain MacAoidh , Gortainn Mac a ' Ghobhainn , Eilidh NicAoidh . Peadar Mac a ' Ghobhainn Ceannard na Sgoile , Anna Nic Thomais tidsear clas na Gàidhlig p5 - 7 , Seonag NicFhionghuin Neach - Sgrùdaidh Foghlam Bun - Sgoile , Comhairle nan Eilean Siar . Le taing do : Coinneach MacDhùghaill , Rùnaire . Comann Eachdraidh Bhru , Calum Mac a ' Ghobhainn , breabadair , A ' Bh . Uas . Màiri Nic a ' Ghobhainn , taisbeanadh snìomh An t - Urramach Coinneach MacLeòid , Dòmhnall Mac a ' Mhaolain . A ' Bh . Uas . Annie Graham , Mgr . Coinneach MacRisnidh , à Canada . Oran - Luaidh ' S e tir mo rùin - sa Ghàidhealtachd ' air a sgrìobhadh le Dòmhnall MacDhòmhnaill Còir - Gleidhidh : An Comunn Gàidhealach , Salm 46 air a sheinn le Coithional Eaglais Shaor Bharbhais , Preasantair Aonghas Graham Taic - Airgid bho : Comhairle Ealain na h - Alba , Ionmhas a ' Chrannchuir Nàiseanta agus STV . Air a stiùireadh is air a riochdachadh le : Jessica Langford Tha tuilleadh fiosrachaidh mun Mhetagama ann an leabhar Jim Wilkie Metagama : a journey from Lewis to the New World ( Dùn Èideann : Mainstream , 1987 )
' Bha [ Mgr Elder , marsanta na sgìre ] a ' coimhead air sgaoth sgadain a ' dol seachad ; agus , air dha corra ghaine mhòr fhaicinn air uachdar na mara , cho - dhùin e gun robh an t - uabhas de mhucan - mara gan ruith rompa . Cha robh e air a mhealladh idir .
Ierusalem , Ierusalem , Cuin chì mi d ' aoibhneas mòr ? Gu nàile Dhè thoir dhachaidh mi Is crìochnaichear mo bhròn . Nam aodann Dhè o sgrìobh - sa d ' ainm ' S thoir mi à seo gu luath , Chum tàmh leat fèin an sonas àrd A ' seinn do chliù gu buan .
' S e deagh thoradh dhà - rìribh a bhiodh sin do na Lib Deamaich ann an Alba an ath - bhliadhna .
Bha Rob Donn dèidheil air cuideachd dhaoine aig an robh foghlam , gu h - àraidh am ministear a bh ' ann an Diùranais , Murchadh MacDhòmhnaill , duine fiosraichte aig an robh ùidh mhòr ann an litreachas Gàidhlig agus Beurla . Bha leithid a ' cur meas mòr air cuideachd Roib air sgàth cho geur ' s a bha an inntinn aige .
This is a song written by : Màiri NicLeòid ( Màiri Nighean Alasdair Ruaidh ) and sung by : Fiona Dunn .
The cartoonist has a very removing experience , when an expert de - clutters his house . Stars Paul McCrink . From March 2003 .
Léirmheas le Riaghaltas na h - Alba sa bhliadhna 2003 air obair shòisealta sna h - Eileanan Siar
Dh ' fhaodadh tu roinnean a dhèanamh , roinnean de chuspairean ann am bàrdachd Mhaighstir Alasdair . Gun teagamh sam bith tha bàrdachd a tha poilitigeach , car coltach ri can as an 20mh linn , protest song , agitprop drama , sin a ' bhàrdachd a bha a ' moladh adhbhar nan Seumasach . Tha sin ann , agus bha e gu math cruthachail le feadhainn dhe na rudan a rinn e an sin , mar eisimpleir , a ' cuir tionndadh ann an gnè bàrdachd a bhuineadh do bhoireannaich , òran luaidh , agus e cleachdadh sin airson adhbhar a ' Phrionnsa a chuir air n - adhart . So , tha an taobh poilitigeach ann dhe , na Seumasaich .
" Dhèanadh i càrdadh , dhèanadh i calanas . Dh ' fhuineadh i aran is bhleòghnadh i bò ; Dhèanadh i èibhinn ' n àm dol a chadal thu - ' S iomadh rud beannaicht ' bhiodh agaibh gu lò . "
Gheibhear faidhlichean eadar - theangachaidh air ais an cruth MS Word air neo an cruth na sgrìobhainn Beurla .
M ' eudail air do shùilean donna ' S air do chùl , ' s air do bhodhaig M ' eudail air do shùilean donna ' S air do bhodhaig bhòidhich .
Bhiodh beachd aig Iain Friseal mu dheidhinn an ainm seo , saoillidh mi .
. . . Do you remember ? Oh oh Hey ! All the good times we had Let ' s bring it back Bring it back ! Oh ho - oh oh Let ' s bring it back Oh , let ' s bring it back Bring it . . . it back Bring it back ! Oh ho - oh oh Let ' s bring it back Oh , let ' s bring it back Bring it back to
Air a sheinn le / Song sung by Leacsaidh Chaimbeul
Chaidh e gu Bun - sgoil Chrois agus an uair sin gu Sgoil Lìonail airson dà bhliadhna . Rinn e an treas agus an ceathramh bliadhna ann an Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh mus deach e do Chaisteal Steòrnabhaigh airson bliadhna a thoirt ag ionnsachadh marachd .
' S air thruimead na fraise ' S i gun lasadh am fùdar .
http : / / www . ltscotland . org . uk / earlyyears / about / curriculum / acurriculumforexcellence / introduction . asp Fiosrachadh mu phrionnsabalan is rùintean curraicealam 3 - 18 , na prìomh theachdaireachdan dha na bliadhnaichean tràtha agus mar a dh ' fhaodar a dhol an sàs ann an leasachaidhean .
Thàinig Tormod MacThòmais gu SMCE anns a ' Mhàirt 2008 . Se neach - cunntais cùmhnantaiche le bàrrachd na fichead bliadhna de dh ' eòlais anns an roinn phoballach aig àrd ìre le Iomairt na h - Alba . Tha e air comhairle a thoirt do phròiseactan agus prògraman , an cunntasachd agus aithris air buidheanan measgaichte a tha air pròiseactan mòra a choisinn airson Alba a ' rianachd . .
Bha an soitheach an Quedagh Merchant air a bhi a ' giùlain luchd de sròl , anart - grìnn , òr agus airgead nuair a thug Kidd ionnsaigh oirre . Cha deach càil dhen sin a lorg riamh .
Tha an cùrsa a ' dèanamh coimeas air mion - chànanan eile , agus bidh cothrom agad semeastar a chur seachad ann an Èirinn no Canada .
` mhnbn ] ¨ ¡ dn Irjn sN ¿ m ³ IqSpX Øew e ` n ¡ pI F ¶ Xv _p ² nap « mWv . DÅ Øe ¯ p n ¶ v D ¸ mZ £ aX hÀ ² n ¸ n ¡ pI F ¶ Xpam { Xsa Ahew_n ¡ m ³ nhr ¯ nbpÅq . KpWnehmcapÅ hn ¯ pIÄ am { Xw Irjn sN ¿ mp ] tbmKn ¡ pI , ta ¯ cw C § fpw k ¦ cbn § fpw hnIkn ¸ ns ¨ Sp ¡ pI F ¶ o amÀ ¤ § Ä D ¸ mZ £ aX hÀ ² n ¸ n ¡ m ³ DXIp ¶ XmWv .
Him bò , hogaidh ò Hiùraibh ò , hòro gheallaidh Him bò , hogaidh ò .
Bithidh easbhaidh air na leòmhannaibh , is dòrainn a ' chion bidhe , ' s na leòmhainn òg làn ocarais , ge mòr an neart ' s an clìth ; Ach iad - san a chaidh soillseachadh , is iompachadh gu fìor , cha tig easbhaidh thalmhaidh orr ' , ' s am feasd gheibh ' n anama sìth .
Chuartaicheadh Aithisg Àir G - 11 - 11 le ceann - là 1 Ògmhios 2011 le Stiùiriche an Fhoghlaim , a ' Chultair agus an Spòrs , a ' mìneachadh dearbh shuidheachadh a ' bhuidseit ionmhasail airson an ama 1 Giblean gu 30 Giblean 2011 .
Bidh mi cuimhneachadh Sgìr ' Ùige Far a bheil na daoine cliùiteach ; ' S tric a dh ' fhàg sin mo shùilean Iad ri sileadh driùchdan deòir .
Tha an dàn seo cho cothromach ' s a dh ' fhaodas MacDhunlèibhe a bhith , agus e fhèin cho faisg air Ìle ' s air na Dòmhnallaich , ' s cho mòr asta . Cho gaisgeil ' s a tha na gaisgich , sin agad an teachdaireachd , agus saoilidh mi cuideachd gu bheil rud eile dol a ' seo . Aig an àm sin bha saighdearan Gàidhealach a ' sabaid anns a ' Chrimea , agus bha Ìleach mòr air an ceann , Cailean Caimbeul . Agus tha moit , moit ann an cridhe Uilleam MhicDhunlèibhe gun robh an gaisgeach a tha seo , Cailean Caimbeul , air nochdadh ' s gun robh a ' dèanamh èigheachdan às leth iompaireachd Bhreatainn anns a ' Chrimea . ' S tha mi smaoineachadh gu bheil seo air cùl chùisean cuideachd , gum faodadh eachdraidh an ama a leughadh ann am Blàr Thràigh Ghruinneard . Tha na strìthean mòra a tha seo a ' tighinn uair is uair ann an eachdraidh an t - saoghail , agus ann am bàrdachd MhicDhunlèibhe .
Seo an tè is motha agus is soirbheachaile de sgoiltean - ciùil na h - Èireann .
Còmhlan - The Barn Boys Band - The Barn Boys
Richieste simili a " cect air phone 2011 " : dual sim android umts - nokia dual sim con gps
Làrach - lìn Radio nan Gàidheal , le Radio nan Gàidheal ri chluinntinn beò air - loidhne agus tro sheirbheis èist a - rithist , cuide ri clàr phrògram rèidio , clàran - ciùil agus duilleagan le fiosrachaidh sònraichte mu phrògraman .
Richieste simili a " bambole anni 80 vendita " : vendo bambole anni 70 - vendo bambole
a . tionndaidh ris an làimh cheàrr b . tionndaidh ris do làimh chearr
Arcaibh / Orkney Chuir mi ceithir làithean seachad ann an Arcaibh còmhla ri mo mhàthair an samhradh seo , agus chòrd e rinn gu mòr . Cha robh sinn air a bhith ann airson 15 bliadhna co - dhiù , mar sin bha sinn ga fhaicinn le sùilean ùra a - rithist . Tha e ann an nàdar an duine a bhith toilichte [ . . . ]
ROIMH AGUS TAR ÉIS : spás súgartha taobh istigh do chailín . Nua - Eabhrac , NY
' S nuair dhùisg mi sa mhadainn Diciadain bha mi ann am pian ' s cha biodh ann , Cha b ' urrainn dhomh thuigse ca ' robh mi na dè a chuir idir mi ann , Bha nurs ' s a làmh air mo bhroilleach ' s bha teile agus grèim aic ' air mo làimh , ' S nuair dh ' fheuch mi ri còmhradh a labhairt , cha charaicheadh teanga nam cheann .
Ath - chuinge / petition ( sa chanan Laideanach ) gus BBC Alba a chur air Freeview . Carson nach eile am BBC a ' toirt seachad seirbhis dhan a h - uile duine a phaigheas cis teilidh ?
13 : 05 Take the Floor Robbie takes you back to 1999 for Bobby Brown and The Scottish Accent ' s last session . Èist beò Radio Scotland
Nis do sheòmar gun dòigh air , Snidhe dòrtadh gu làr ; Cha b ' e sin nì a b ' eòl dhut Ach do sheòmar bhith blàth ; Braidseal mòr teine mòna A ' cròiceadh bhon fhàd Ach a - nochd ' s iad na ròin Tha nad chòmhlan - sa ghràidh .
The stress of Mads ' attack weighs ever heavier on her . Will the truth finally out ?
Ann an 1971 phòs e fhèin agus Karen NicDhòmhnaill às an Ath Leathann . Thachair iad air a ' chiad bhliadhna ann a ' sgoil Phort Rìgh . B ' i Karen nighean le bràthair an Dotair Ailean Dòmhnallach ( An Dotair Mòr ) , pìobaire agus britheamh pìobaireachd ainmeil .
Tha do nàdar , a luaidh , Coibhneil , càirdeil , gun ghruaim , Gur e d ' àilleachd thug buaidh air gach tè ; Dh ' èireadh m ' aigne le sunnd Nuair a choinnicheadh tu rium ' S chuirinn fàilt ' air nighean donn a ' chùil rèidh .
Peadar Peacock , Ministear an Fhoghlaim agus Dhaoine Òga ; Philip Rycroft , Riaghaltas na h - Alba , Ceannard nan Sgoiltean ; Cailean MacIlleathain , Riaghaltas na h - Alba , Ceannard Chloinne , Dhaoine Òga agus Cùram Shòisealta ; agus Gill Robinson , Riaghaltas na h - Alba , Ceannard Teisteanasan , Measaidh agus a ' Chlàr - oideachaidh .
Nise , tha e air a bhith mar gum falbhadh fìor dheagh charaid bhon a chuir mi gu cùl ris . ' S e caractar gu math èibhinn a bh ' ann is fhuair sinn mòran fhealla - dhà còmhla . Ach , ge - tà , chaidh e air falbh gus àite a leigeil airson luchd - ciùil eile mar mise fhìn cuideachd , leis cho deònach ' s a bha sinn . Bha esan anns gach uile àite . [ 1 ]
Gòrdain , Eilidh ' s Ailean a ' faighinn cuairt timcheall Taigh - Staile Obar Lodhair .
" Bidh an stiùireadh seo a ' ciallachadh gum bi luchd - obrach an NHS nas eòlaiche air cùisean nan euslaintich LGB agus a ' toirt fios gu bheil còir aig a h - uile euslainteach air cùram fhaighinn a tha freagarrach dhaibh . "
Uninterrupted commentary on Lancashire v Warwickshire in the Twenty20 competition .
Ann an tasglann a ' Mhòid , cluinnear taghadh de dh ' òrain a chaidh a chlàradh aig a ' Mhòd Nàiseanta Rìoghail eadar 1894 - 1990 : measgachadh de dh ' inbhich agus de dh ' òigridh a choisinn boinn thairis air na bliadhnaichean . Chithear cuideachd bhidiothan de chuid de luchd - buannachaidh Mod Ghallaibh 2010 . In the Mod archive you can listen to songs recorded at the Royal National Mod between 1946 - 1989 : including a selection of adult and junior medallists . You can also watch a selection of videos from the Caithness Mod 2010 .
An - diugh , tha na trì buidhnean seo , Urras Nàiseanta na h - Alba , Dualchas Nàdair na h - Alba agus Ministrealachd an Dìon , ag obair ann an co - bhanntachd gus program glèidhteachais agus rannsachaidh a leudachadh air na h - eileanan airson a bhith cinnteach gun tèid Làrach Dhualchas na Cruinne a chumail gu math agus a dhìon .
Mhol Bill Aitken atharrachadh 2406 . 1 na faclan a leanas a chur aig an deireadh " ach aithneachadh cuideachd gu bheil feum air làn lèirmheas air ciamar a tha seirbheis casaid na h - Alba ga ruith . " As dèidh deasbaid agus bhòt , cha deach leis an atharrachadh gluasaid . Chuireadh na bhòtaichean mar seo :
Thòiseach Sìne ' s mise a ' cluich ri chèile nuair a bha sinn a ' fuireach ann an Dun Eideann anns an t - samhradh , 2002 . B ' àbhaist dhuinn cluich aig Banana Row Studios ann an Inbhir Leith bhon a bhiodh e gu math saor nan chuicheadh tu ann am meadhain na seachdaine . Cha bhiodh e ach coig punt gach uair , s ' mar sin b ' àbhaist do Shìne agus dhomhse agus do phung no …
O ver 100 species of bird have been recorded on the Monachs ( some of them rare or unusual migrants ) , but only 31 species have bred . Unusually , fulmars nest all along the coast on low sand dunes and rocks , as well as in the abandoned buildings and even in rabbit burrows . About 150 pairs of cormorant breed on Stockay alongside some shags . With over 1500 birds , the Monachs ( especially Shillay ) support one of the largest single black guillemot colonies in the UK . Lapwing , dunlin , redshank , snipe , pipit , skylark and wheatear also nest , while flocks of barnacle geese from Greenland graze the machair in winter .
Ann an 1350 , bha galair mòr agus bàs am measg nan daoine ann an Alba , agus bha an galair seo a ' sgaoileadh airson iomadh bliadhna ro , agus às dèidh sin ann an iomadh pàirt den t - saoghal .
Chì thu deòraideach ruadh agus spuaic air a mhaol ' N dèidh bhith Dòmhnach gu Luan glaiste suas aig na maoir ; Dh ' fhalbh e ' s dh ' òl e tè chruaidh ' s ghabh an truaghan an caoch , ' S chuir e eòlas an uair sin g ' eil smuais anns gach braon Th ' ann am bùth Dhòmhnaill ' ic Leòid .
Chuir e na riaghailtean ùra an gnìomh leis mar a nochd fios mu na Tòraidhean an dèidh dhan fhiosrachadh mu na Làboraich nochdadh an toiseach .
Nis dòigh air choireigin , bha fiosrachadh air tighinn a Thaigh Ròdail gu robh i air teiche . Feumaidh gun d ' fhuair iad fios tarsainn gu math luath . Agus ' s e fear a bha ann an Taigh Ròdail aig an àm , ' s e bràthair do Sheumas Ruadh Bhaile Raghnaill a bh ' ann agus ' s e am bàillidh a bha air oighreachd na Hearadh , am bàillidh Dòmhnallach mar a chanadh iad ris as na Hearadh , agus bha fìor dhroch cliù aige fhèin thoireadh a bhith trom air na daoine .
Download XML • Download text