Dependency Tree

Universal Dependencies - Scottish_Gaelic - ARCOSG

LanguageScottish_Gaelic
ProjectARCOSG
Corpus Parttrain

Select a sentence

Showing 1 - 100 of 3541 • previousnext

s-1 ciamar a chaidh dhuibh an-diugh?
s-2 ò cha robh i ach gu math rapach gu dearbh fhèin, ò fhuair sinn rèidh air deannan math dhiubh ach b' fheudar dhuinn am fàgail bhuainn mu dheireadh thall
s-3 och bha i cho garbh 's thàinig an droch mheall a bha siodach oirnn
s-4 rinn sinn suas ar n-inntinn an uair sin gur e gun rachadh sinn gu clèibh a bh' againn air fasgadh ach bha an làn cho ìosal cha d’ fhuair sinn an togail ann 's bha a' dol agad fhèin?
s-5 ò bha mi shuas ann am [Placename] aig na bùithtean 's thadhal mi air [Name]
s-6 tha m' amhaich goirt 's tha mi a' call mo ghuth an seothach
s-7 ò chan e droch rud tha sin idir
s-8 gheibh sinn fois a-nochd co-dhiubh
s-9 cha bhi thu cho bragail ma dh’fheumas tu a bhith a' dèanamh a h-uile car a-staigh ma bhios mise bochd ge-tà
s-10 ò tha mise eòlach gu leòr air a' phinidh co-dhiubh
s-11 nighidh i na h-innealan mar an dèan e an còrr.
s-12 shin agad e
s-13 an d’ fhuair sibh sgath giomaich?
s-14 ach dìreach fhuair sinn mu dhà dhusan 's a dhà mar sineach dìreach
s-15 ò cha robh guth ri ràdh
s-16 cha do thog sinn an t-uamhas mar sineach idir tha ach gu dearbh droch forecast oirre
s-17 tha fear dhe na gillean ag ràdh gu bheil fifty-five air an chart airson a-màireach so gu dearbh ma mhaireas e e milleadh
s-18 tha agam-sa ri dhol a-staigh a dh’obair tràth a-màireach
s-19 tha agam ri bhith a-staigh aig a naoi
s-20 tha a' dol nuair a tha agaibh ri dhol a-staigh tràth?
s-21 ò tha sinn a' cur air leth files son a chuir air microfiche a' falbh a [Placename] an àite a bhith gan cumail a's na brainseachan a-neist
s-22 ò àidh àidh tha mi a' tuigsinn
s-23 àidh sin agad e
s-24 tha duine na dithis thall 'sa bhunkhouse
s-25 ò a bheil
s-26 ?
s-27 an chailleach a bh' ann an-raoir à [Placename] agus à [Placename] agus 's e Sasannach a th' anns a’ bhoireannach a thàinig an-diugh cuideachd 's e bha tuathanas
s-28 i fhèin 'se caoraich a th' aice
s-29 bha i a' gearrain cianail air na prìsean a bh' acasan cuideachd
s-30 och uill chan e gearrain aon duine a th' ann a rèir choltais
s-31 feumaidh gu bheil e air feadh na rìoghachda droch phrìsean
s-32 bha i a' ràdh gun do reic iad seann chaoraich agus gur e trì notaichean an a fhuair iad orra
s-33 bha iad dìreach taingeil faighinn clìor fhios agad
s-34 ò uill tha gu leòr an seothach a gheibh iad air trì notaichean ma thig iad ma chumas gnothaichean mar a tha iad
s-35 gheibh iad uileag iad dìreach
s-36 shean agad e.
s-37 tha chuala mi am boireannach
s-38 bha mi ag ràdh riut an-dè a chunna mi an [Placename] ann a shiodach
s-39 bha i 'sa bhunkhouse againn thall ann a shiodach
s-40 chunnaic mi i
s-41 tha an càr aice an [Placename] fhathast
s-42 tha e a' cur uallach orm deach i
s-43 [?]
s-44 uill dh’aithnich mi i
s-45 chan eil an t-ainm aice agam idir ach bha [Name] [Name] ag ràdh gun do dh’fhalbh i le canoe feasgar an-dè agus chan eil sinn cinnteach an taobh a chaidh i
s-46 bha sinne a' cur chlèibh far an eathair
s-47 's an robh i a' fuireach anns a' bhunkhouse uaireigin?
s-48 bha 's bha i ag ràdh gun robh i a' tilleadh airson dhà na trì oidhcheannan còmhla rinn a-rithist oidhche co-dhiubh ach 's ann a bha sinn a-mach
s-49 an e sin an seann bhoireannach leis am falt gheal
s-50 's e
s-51 's bha iad a' campachadh shìos air cùl an taighe nuair a bha iad an seothach
s-52 tha dìreach
s-53 tha sin ceart
s-54 bha iad ag ràdh gun tigeadh iad a-staigh dhan an taigh fhèin gun robh iad airson beagan oidhcheannan cobhartach fhaighinn
s-55 's an robh esan an seo cuideachd?
s-56 chan urrainn dhomh dad a ràdh ach dh’aithnich mi ise air a coltas ach cha chuir mi ainm rithe idir
s-57 's e retired nurse a bh' innte a-mach taobh a-mach à [Placename] am badeigin
s-58 àidh uill mar an deach iad a [Placename] fhèin dìreach tha cha 's e [Name] [Name] a chunnaic i 's cha thòisich sinn ri obair an uair sin 's dhìochuimhnich e car
s-59 dhìochuimhnich e a ràdh rium fhèin cuideachd
s-60 's an latha a chunnaic sibh a' falbh i?
s-61 och dìreach an-dè fhèin feasgar an-dè
s-62 's tha an càr still ann an-diugh?
s-63 tha ach leigidh sinn leis chon a-màireach e tha mi a' creidsinn
s-64 och 's ann a [Placename] a rachadh iad
s-65 tha fhios nach cuireadh iad ach bha [Name] [Name] ag ràdh gun robh àite airson dithis anns a' chanoe a bh' aice agus mar an do chuir i na messages car far an robh an duine eile supposed a bhith 's mar sineach tha e gu math dualach gur ann a [Placename] a bhitheas iad
s-66 cha robh esan idir a' dol a-mach 'sa chanoe nuair a bha iad an seo
s-67 cha robh ann ach ise
s-68 's dòcha gun do choisich esan a-null seachad an tràigh
s-69 àidh 's dòcha gun robh rudeigin mar sin
s-70 shean agad e ach uill b' fheàirrde duine [?]
s-71 tha e math tha mi a' creidsinn gum feum mi feuchainn a-mach a [Placename] ach am faic mi a’ gheòla
s-72 gu dearbha 's math gun d’ fhuair sinn a pheantadh Disathairne
s-73 bha sinn fortanach gun robh sìde nar fàbhar
s-74 an d’ fhuair sibh crìochnachadh Disathairne?
s-75 och uill tha gu beagnaich
s-76 tha beagan ri dhèanamh na broinn
s-77 seadh a [Name] cha chuala mi bha thu a’ dol a ràdh ann a shiud?
s-78 um Dad?
s-79 seadh
s-80 mheud um
s-81 seachdainn
s-82 seachdainn a tha ann gus am bi sinn a’ dol gus an [Placename]?
s-83 thà dìreach ma chòig seachdainn a [Name]
s-84 còig
s-85 carson a tha thu a’ faighneachd?
s-86 ò chionn tha mi ag iarraidh a dhol ann
s-87 O uill glè mhath
s-88 cha bhi e fada a dhol seachad
s-89 cha bhi
s-90 bheil thu fhèin a’ coimhead forward ri dhol ann [Name]?
s-91 tha àidh
s-92 bidh e math
s-93 an rud as motha a tha thu a’ smaointinn a chòrdas riut
s-94 snàmh
s-95 snàmh an e?
s-96 am faod sinn a dhol a snàmh ‘sa mhuir
s-97 uill tha e uamhasach doirbh snàmh uh air tìr a bharrachd air swimming pool
s-98 's ann anns a’ mhuir a bhios daoine a’ snàmh
s-99 àidh
s-100 tha fhios gun fhaod

Text viewDownload CoNNL-U