s-502
| tha e fhèin a' feuchainn buille ach chaidh siud gu math fada a-steach [?] agus buille a-mach a bhios ann do dh’Alba |
s-503
| uill an deidh sia mionaidean deug no mar sin 's tha mi a' smaoineadh gum bu choir Alba a bhith meadhanach toilichte dìreach gum feum |
s-504
| bha fhios aca air seo mar-thà dìreach gu robh Yugoslavia luath 'bristeadh air falbh agus gu bheil cluicheadairean sgiobalta aca ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil e follaiseach ma chumas iad cuideam air cluicheadairean dìon Yugoslavia gu bheil iadsan cho buailteach air an ceann a chall agus mearachdan a dhèanamh iad fhèin agus 'se sin a th' aca a dhèanamh ach dìreach an cuideam a tha sin a' cumail a' dol |
s-505
| MacLeish a' feuchainn ri Bett a chur air falbh 's e a' toir buille math dhaibh |
s-506
| Bett leatha taobh thall na pàirc gu Malpas |
s-507
| Malpas a' gluasad a-steach air bucas Yugoslavia |
s-508
| Malpas a' gluasad a-steach leatha fhathast a-steach gu MacLean |
s-509
| MacLean a' feuchainn ri a toir gu Malpas |
s-510
| Malpas a' feuchainn buille oirre |
s-511
| Johnson a' ruith a-steach air agus siud i |
s-512
| tha i a-staigh tadhal do dh’Alba tadhal bho Johnson ann an siud le seachd mionaidean deug air a dhol air a h-obrachadh glè mhath a Mhurchaidh |
s-513
| math dha-rìreabh eh Aonghais |
s-514
| tha mi a' smaoineachadh gum feum sinn an duais a thoirt do Morris Malpas ann a shiud |
s-515
| rinn mi gearan mu dheidhinn dìreach o chionn seachd mionaidean no mar sin gun tug e am ball air falbh ach an triob-sa chùm e air air dìreach air ceann a' bhròig i |
s-516
| tha mi a' smaoineachadh gun robh a’ mhòr-chuid 's agus bha mi fhèin a' smaoineachadh dìreach airson diog no dhà gun robh e 'dol a chur a-mach dha na cluicheadairean air a’ làimh chlì i |
s-517
| chùm e a-steach 's bha e 's dòcha caran fortanach ann an dòigh [?] gun tàinig am ball gu cluicheadairean dìon Yugoslavia |
s-518
| bhrist e air falbh bhon a’ loighne i agus 'se cò eile ach Johnson a’ chiad fhear a bha ann agus a chuir a-steach gun teagamh bhon a’ phosta ach chaidh i a-steach agus Alba aig an toiseach |
s-519
| uill bha Johnson air a ghoirteachadh bho chionn timcheall air trì mionaidean 's cha chreideadh an ùrachadh a thug siud dha |
s-520
| seachd mionaidean deug air a dhol |
s-521
| tha aon tadhal aig Alba gu neoni do Yugoslavia |
s-522
| Alba air thoiseach ma-thà |
s-523
| am ball ge-tà aig MacLeish |
s-524
| MacLeish ga toirt sìos gu Malpa: gu MacStay |
s-525
| MacStay a' gluasad a-steach a leth Yugoslavia a' feuchainn ri Johnson a chur air falbh air taobh thall na pàirc |
s-526
| Johnson a' gluasad a-steach air a’ bhucas ach tha Hatsiebegitch còmhla ris agus am ball aig Hatsibegitch |
s-527
| Hatsibegitch a' feuchainn ri bualadh air Johnson |
s-528
| leum Johnson seachad air ach tha i fhathast aig Stanoykavitch air taobh thall na pàirc |
s-529
| esan ga ghluasad a-steach gu Bostardivitch |
s-530
| esan a-nisd ga toirt gu Rodonavitch |
s-531
| esan gu Spasitch air an taobh-sa dhen a’ phàirc |
s-532
| esan an ìre mhath air an loighne mheadhon |
s-533
| tha e a' feuchainn a-steach air ais gu Stoikavitch |
s-534
| Stoikavitch a's a’ chearcall-mheadhain leatha |
s-535
| tha e ga toirt gu |
s-536
| fhuair e air ais i ge-tà |
s-537
| tha i aig Stoikavitch |
s-538
| esan a' feuchainn ri Spasitch a chur air falbh dhan taobh-sa |
s-539
| Gough ’tighinn a-mach còmhla ris |
s-540
| Spasitch a-steach leatha dhan a’ bhucas gu math luath |
s-541
| MacLeish 'ga coinneachadh ge-tà |
s-542
| MacLeish a' ruith a-mach leatha |
s-543
| buille a-mach gu MacLean |
s-544
| MacLean air a’ loighne mheadhan 's [?] theab e a chasan a chall an siud |
s-545
| MacLean leatha ma-thà |