s-402
| tha e 'soilleireachd suas gu mòr 's tha an gaoth 's dòcha a' tuiteam beagan ach bha e gu math greannach a-raoir |
s-403
| tha sinne an seo an-diugh gu dearbha air machair Sholais agus Solas agus Greinatobht a' comharrachadh gu bheil dìreach ceud bliadhna bho chaidh iad a stèidheachadh mar bhailtean |
s-404
| a bheil sin a' dèanamh diofar sam bith dhutsa no a bheil thu ‘son màl a thoirt do mhuinntir Sholais 'san aon dòigh |
s-405
| ò tha mise toilichte ‘son an latha aca gu dearbh fhèin agus 'se rud mòr a bh' ann dha na daoine aig an àm na croitean fhaighinn 's tha na daoine a' cumail nan croitean chun an latha an-diugh 's 'gan obrachadh agus tha mi 'creidsinn gun tèid sin air adhart airson ceud bliadhna eile a-bhos an taobh seo agus a's a h-uile sgìre eile ann an Uibhist ged 's uaireannan nuair a bhios daoine a' smaoineachadh 'g eil croitearachd a' bàsachadh ach nuair a thig an latha chan eil tha cuideigin òg no dhà eile a thig a-staigh ann 's a chumas a' dol a’ ghnothach |
s-406
| mar sin dhe a Raghnaill tha sinne agus an fheadhainn eile uabhasach toilichte gu bheil sibh a' comharrachadh an latha tha seo gu bheil sibh a' comharrachadh a’ cheala-deug a tha seo ach tha e ag ràdh aig deireadh an latha chan eil chance agaibh leis an tug-of-war |
s-407
| chì sinn |
s-408
| chì sinn fhathast |
s-409
| chì sinn |
s-410
| uill gu dearbha 'se sin a dh’fheumas sinn a dh’ràdh |
s-411
| chì sinn gu dearbha ciamar a thèid cùisean aig deireadh an latha agus tha mi an dòchas ro dheireadh a’ phrògram gun cluinn sinn cò bhuannaich an tug-of-war |
s-412
| bidh e math sin a fhaicinn |
s-413
| BHA Celtic Connections 1999 a’ dol air adhart na bu tràithe air a’ mhìos seo ann an Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu. |
s-414
| B’ e seo an t-siathamh bliadhna dhen taisbeanadh seo de shàr luchd-ciùil agus ealain nan dùthchannan Ceilteach gu léir, le deagh mheasgachadh de cheòl, de sheinn, de dhannsa, de sheanchas, de dheasbaireachd agus eile fad naoi latha deug, le cóig consairtean gach latha. |
s-415
| Faodaidh sinne, mar Ghaidheil, beachdachadh air ciamar a sheas Gàidhlig ghrinn na h-Albann agus a cultar an coimeas ri cultaran nan dùthchannan eile. |
s-416
| Mar eisimpleir, air dhomh sùil aithghearr a thoirt thro leabhran Celtic Connections, bha e soirbh a dhèanamh a-mach nach robh uidhir sin dhe ar cultar fhèin air a riochdachadh an taca ri cuid de na dùthchannan eile. |
s-417
| Tha Cailean Hynd os cionn nan Ealan san Talla (agus mar sin aig Celtic Connections cuideachd) agus tha beachd inntinneach aige oirnn . |
s-418
| Chan eil teagamh ann nach eil ùidh aige ann a bhith a’ toirt àite cho mór ’s as urrainn dha’r cultar – fhad 's nach bi call airgid aca dheth – ach tha esan a’ cumail a-mach nach eil sinn mar Albannaich, ’s gu h-àraid mar Ghaidheil, aghach gu leòr. |
s-419
| Se a bheachd-san nach eil sinn math air ar toirt fhèin gu aire a’ mhór-shluaigh le ar cuid dualchais taca ri, can, muinntir na h-Éireann, ach tha e den a’ bheachd, agus dh’aontaichinn leis , gu bheil cùisean a’ fàs nas fhearr. |
s-420
| Ciamar, faighnichidh sibh? |
s-421
| Anns a’ chiad àite bha barrachd rudan Gàidhlig air am-bliadhna na riamh roimhe , agus mar eisimpleir am-bliadhna bha Consairt nan Gaidheal sa phrìomh làrach san Talla, agus chaidh a h-uile tiocaid riamh a chreic. |
s-422
| Bha e inntinneach daoine iomraiteach saoghal na Gàidhlig, oileanaich, agus dìreach Gaidheil a tha nan Gaidheil, a’ tighinn còmhladh, cuid a’ moladh ’s cuid a’ dì-moladh, ach còmhladh, air son taic a thoirt dhan Ghàidhlig. |
s-423
| Thug cuideigin gàire orm nuair a thuirt iad gun deigheadh a’ Ghàidhlig cha mhór á bith nan tuiteadh inneal-spreadhaidh air an togalach. |
s-424
| Gàire an toiseach co-dhiù. |
s-425
| Thachair mi fhèin air té chòir aig a bheil an deagh dhreuchd ’na h-oifigeir foghlaim làn-ùine do Thalla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu. |
s-426
| Si Nancy NicNeacail, seinneadair agus tidsear, aig a bheil dleastanas sònraichte cultar beairteach na h-Albann a thoirt a-mach dhan a’ choimhearsnachd, do shean agus òg. |
s-427
| Mar eisimpleir, bho chionn ghoirid chaidh i a-mach gu ruige Castlemilk an Glaschu leis an t-sàr bhan-sheinneadair Ghàidhlig Iseabail NicAsgaill. |
s-428
| Chaidh àite sònraichte a thaghadh, am Birgidale Complex, far am bi buidheann de sheann daoine a’ cruinneachadh aig àm dìnneireach, agus a dh’aona-ghnothaich, air son gum biodh diofar aoisean an làthair, chaidh cuireadh gu bun-sgoil ionadail cuideachd. |
s-429
| Bhruidhinn NicAsgaill riutha sa Bheurla, a’ cur an céill brìgh nan òran, a sheinn i gu ceòlmhor anns a’ Ghàidhlig, agus dh’ionnsaich i séist no dhà dhaibh air son gun togadh iad na fuinn anns an t-seann dòigh. |
s-430
| Bidh mi fhèin a’ beachdachadh nach eil e an còmhnaidh cuideachail a bhith ro mhothachail buileach mu chor na Gàidhlige. |
s-431
| Mar eisimpleir, cia mheud duine cloinne a chuala sib’ fhèin a' bruidhinn an deagh Ghàidhlig bho chionn ghoirid ’s nach do ghabh sibh iongnadh dheth ? |
s-432
| Cuiridh mi geall nach cuala aon fhèin. |
s-433
| Bha latha ann air feadh na Gaidhealtachd far am biodh daoine a’ sùileachadh gur e Gàidhlig a bhiodh aig ar n-òigridh ’s cha ghabhadh duine sam bith iongnadh dhan a-sin – ach dé a th’ air tachairt an-diugh? |
s-434
| Feuch nach tog sibh cearr mi – chan eil mi ag ràitinn nach bu chòir dhuinn a bhith mothachail idir air son feum a dhèanamh agus ùidh a thoirt do leanabh aig a bheil Gàidhlig. |
s-435
| Ach bu chòir dhuinn a bhith air ar faiceall nach mùch sinn na tha air fhàgail nàdarrach againn . |
s-436
| Se aon rud a th’ ann ùidh a bhrosnachadh, ach ma théid ar faclan a-steach a dh’inntinn na cloinne a tha ag éirigh suas aig a’ cheart àm, saoil an toir iadsan an aire gur e rud an-àbhaisteach a th’ anns a’ Ghàidhlig am measg a’ mhór-shluaigh? |
s-437
| Am bu toil leat fhèin a bhith ’na do chorra-ghritheach air sliabh beinne? |
s-438
| Tha coimhearsnachd nan Gaidheal air fàilt' a chur air an naidheachd gu bheil Pàrlamaid na h-Alba a' coimhead ri Oifigeir Gàidhlig fhastadh, ach thathar a' rabhadh nach eil an seo ach a’ chiad cheum, 's gum feum an Riaghaltas fhéin obraichean Gàidhlig a chruthachadh cuideachd. |
s-439
| Dh’aontaich a’ Phàrlamaid air an t-seachdain sa chaidh an dreuchd a chruthachadh, rud a tha 'cholbh sa air a bhith putadh air a shon bho chaidh a’ Phàrlamaid a stéidheachadh. |
s-440
| Tha dùil gun téid sanas na h-obrach a chur a-mach sa Ghearran. |
s-441
| Tha e cudromach a ràdh gur e a’ Phàrlamaid agus nach e an Riaghaltas a tha an dùil am post a chruthachadh. |
s-442
| Mar aig Westminster, tha seirbhisich aig Riaghaltas na h-Alba dhaib' fhéin. |
s-443
| Tha a’ Phàrlamaid le luchd obrach fhéin a' toirt breith air an Riaghaltas; tha Buidheann Chorporra air taobh staigh sin le riochdairean bho gach pàrtaidh a' déiligeadh ri 'banas-taighe' - còirichean obrach, togalaichean 's a leithid. |
s-444
| Se a’ bhuidheann seo, fo stiùir an Oifigeir Riaghailt, Sir Daibhidh Steel, a ghabh an co-dhùnadh as déidh éisteachd ri tagradh làidir bhon an Iar Neach Riaghailt, Seòras Reid, a tha gu mór air son na Gàidhlig. |
s-445
| Tha seo uile a' ciallachadh nach bi guth neo cumhachd sam bith aig an oifigeir a thaobh dé a tha tachairt san Riaghaltas, agus tha ceannard ChNAG, Ailean Caimbeul, ag ràdh gum bu chòir dhan Riaghaltas a-nis oifigeir fhastadh dhaib' fhéin. |
s-446
| “Tha a’ Phàrlamaid ri moladh son gluasad an ìre mhath luath a thaobh dreuchd oifigeir a stéidheachadh, ach tha feum air oifigeir eile air taobh a-staigh an Riaghaltais cuideachd. |
s-447
| “Ma gheibh sinn Inbhe Thèarainte, mar tha dùil againn a gheibh ann an ùine nach bi ro fhada, feumaidh an Riaghaltas coimhead ri cuideigin fhastadh air son am poileasaidh sin a chur an céill. |
s-448
| Mar as luaithe a nì iad sin, sann as fheàrr.' |
s-449
| Fhuair na beachdan seo taic bho fhear labhairt Gàidhlig nan Nàiseantach, Mìcheal Ruiseal, a thilg air an Riaghaltas gun robh iad a' tarraing an casan fhad 's a bha “a’ Phàrlamaid a' sìneadh a-mach gu saoghal na Gàidhlig'. |
s-450
| Tha Ministeir na Gàidhlig, Alasdair Moireasdan, ag ràdh nach eil sin fìor idir agus chan eil e faicinn adhbhar air son dreuchd Ghàidhlig eile a chruthachadh san Riaghaltas aig an ìre sa. |
s-451
| “Tha daoine gu leòr againn san Riaghaltas aig a bheil eòlas agus tuigse air a’ Ghàidhlig a tha comasach air déiligeadh ri gach iarratas a tha tighinn thugainn an-dràst. |
s-452
| Tha litir neo pàipeir sam bith a tha tighinn thugainn sa Ghàidhlig a' faighinn freagairt air ais sa chànan agus leis a-sin chan eil mi faicinn adhbhar air son obair eile. |
s-453
| Tha e math gu bheil a’ Phàrlamaid a' coimhead ris an dreuchd sa a stéidheachadh, ach se gnothach a tha sin dhaibhsan .' |
s-454
| Aig an ìre sa chan eil e buileach soilleir dé bhios an t-oifigeir ùr a' dèanamh, agus bidh a’ Phàrlamaid, na pàrtaidhean poilitigeach agus na buidhnean Gàidhlig a' coimhead gu mionaideach ris a’ cheist sin. |
s-455
| Bidh gu leòr ann a chumas cagnadh riutha . |
s-456
| Mar eisimpleir tha e follaiseach gu bheil feum aig a’ Phàrlamaid air cuideigin a chuireas an céill na tha i dèanamh dha na meadhanan sa Ghàidhlig. |
s-457
| Chan eil e ceart nas mò nach eil duine a tha fileanta sa chànan an làthair gu cunbhalach air son clann-sgoile Ghàidhlig a thoirt mu chuairt na Pàrlamaid, rud a th' air fhàgail an-dràst aig dorsair agus Catrìona NicIlleDhuibh a tha ag obair ann an oifis Sheòrais Reid. |
s-458
| Dh’fhaodadh an t-oifigeir ùr cuideachd geàrr-chunntais mhìosail a sgrìobhadh air cùisean a' buntainn ris a’ Ghàidhlig 's a’ Ghàidhealtachd - rud a chaidh a ghealltainn, ach nach tàinig gu buil fhathast. |
s-459
| Agus tha faireachdainn làidir ann gum bu chòir dhan oifigeach a bhith ag obair gu dlùth còmhla ri mion-chànain agus cultaran Ceilteach eile. |
s-460
| Ge brith dé an riochd a bhios orra tha Ailein Caimbeul a' faicinn gur e sgilean labhairt agus sgrìobhaidh as cudromaiche air son na h-obrach, agus tha e a' rabhadh gum feumar inbhe agus tuarastal cothromach a thabhann ma tha an dreuchd a' dol a dhèanamh diofar ann an saoghal na Gàidhlig. |
s-461
| “Tha cunnart ann gu faodadh a’ Phàrlamaid an obair seo a stéidheachadh aig ìre ìseal. |
s-462
| Se mearachd mhór a bhiodh an sin, 'na mo bheachd sa. |
s-463
| Ma tha an neach a tha seo a' dol a dhèanamh diofar agus gu bhith conaltradh ri diofar bhuidhnean, feumaidh inbhe agus tuarastal ceart a bhith ann air son na daoine as comasaiche a thàladh. |
s-464
| “Cha bu chòir leisg sam bith a bhith oirnn a bhith ag iarraidh sin, oir aig a’ cheann thall se obair air leth cudromach a bhios an seo, a nì ceangal eadar a’ Phàrlamaid agus coimhearsnachd nan Gaidheal.' |
s-465
| 'se buille a th' ann do dh’Alba 'son tha iad air a bhith a' cur feagal air luchd-dìon Yugoslavai gu ruige seo co-dhiubh is Spasitch leatha |
s-466
| tha e 'ga cur air ais gu Yositch |
s-467
| Yositch gu Haddiebegitch |
s-468
| tha esan a-nis 'ga cur gu Stoykevitch |
s-469
| gu Basdorelitch |
s-470
| gu Stoygevitch |
s-471
| Stoygetvitch 'ga cur air ais dhan fhear-glèidhidh Etgovitch |
s-472
| esan 'ga sruighleadh a-mach gu taobh thall na pàirce gu Stanoykevitch |
s-473
| esan 'ga cur a-nisd gu Katernitch |
s-474
| Katernitch air ais leatha air ais gu Katernitch agus air ais a-rithist gu Stanoygavitch agus tha esan air a cur air ais dhan fhear-glèidhidh |
s-475
| Etgovitch leatha ma-thà do Yugoslavia |
s-476
| seo a-nise an stoidhle cluich Aonghais a bhios iadsan dèidheil air a bhith 'cluich 's cluichidh iad seo gun tig deireadh na linn ach feumaidh na cluicheadairean-meadhain Alba a dhèanamh cinnteach nach eil iad a' toirt dhaibh cothrom sam bith dìreach seatlaigeadh air a’ bhall agus roghainn a bhith aca |
s-477
| càit a bheil iad 'dol dha cur |
s-478
| Etgovitch tè àrd leatha ma-thà gu Ruyavitch ga feuchainn ri a toirt a-nuas le a cheann ach choinnich Bett i |
s-479
| Bett gu Aitken |
s-480
| Aitken ann am meadhon an leth aige fhèin ga cur gu Bett |
s-481
| Bett a-mach dhan taobh-sa gu Gough |
s-482
| Gough ga feuchainn suas an loighne gu Nichol ach choinnich Spasitch i agus dh’fheuch esan gu Sretgovitch i agus tha an rèitire ag ràdh gun do rinn Spasitch droch chluich an siud air Nichol |
s-483
| thàinig Nichol a-nuas agus 'se buille shaor a th' ann do dh’Alba dìreach slat no mar sin air taobh a-staigh taobh a-staigh leth muinntir Yugoslavia |
s-484
| cairteal na h-uarach air a dhol |
s-485
| tha sinn dìreach air a thighinn a-steach |
s-486
| chan eil tadhal aig taobh seach taobh fhathast |
s-487
| Alba neoni Yugoslavia neoni |
s-488
| am ball aig Miller a's a’ chearcall meadhon |
s-489
| Miller ga feuchainn suas gu MacStay |
s-490
| MacStay a-mach an taobh-sa gu Nichol |
s-491
| Nichol a' feuchainn ri faighinn seachad air Spasitch |
s-492
| [?] na casan aige [?] faighinn seachad air ach thug Spasitch a-nuas a-rithist |
s-493
| tha an rèitire a' cantainn gum bu choir dhaibh cumail orra cluich agus a-nise tha Basdorelitch do Yugoslavia a' tighinn a-steach air leth Alba leatha ga feuchainn a-mach an taobh seo gu Ruyolitch |
s-494
| Ruyolitch a' faicinn cò th' aige a-null dhan taobh thall na pàirce agus Stanoykavitch an cluicheadair dìon aig a chùl ann an siud |
s-495
| esan 'tighinn a-nuas fad an t-slighe siud a Mhurchaidh agus a' feuchainn buillean gu math làidir oirre |
s-496
| uill gu dearbh bidh sinn a' faicinn sin co-dhiubh co-dhiubh gu h-àraid a's a' a's a’ chluich Eòrpach an uair a [?] |
s-497
| bidh Eòrpa [?] na cluicheadairean dìon a cheart cho comasach air tadhal fhaighinn bho can oir a’ bhocsa no mar sin agus a tha na cluicheadairean meadhon ach a-rithist bhon uair a bha iad a' gluasad a’ bhall bho chèile 's dòcha goirid an-dràsda 's an uairsin ga shuathadh 's dòcha leth-cheud slat no mar sin agus tha iad 'fosgladh a-mach chluicheadairean dìon Alba uair no dhà mar sin |
s-498
| tha sinn a' cluinntinn gu bheil leth-cheud mìle neach a-staigh ann an seo a-nochd |
s-499
| bha beagan de dh’fheagal air Comann Ball-coise na h-Alba aig aon ìre nach robh iad a' dol a dh’fhaighinn mòran ach tha leth-cheud mìle co-dhiubh |
s-500
| am ball aig Yugoslavia a-muigh air an taobh-sa dhen a’ phàirce gu Katernitch |
s-501
| Katernitch a' gluasad a-steach air a’ bhucas |