Dependency Tree

Universal Dependencies - Scottish_Gaelic - ARCOSG

LanguageScottish_Gaelic
ProjectARCOSG
Corpus Parttest

Select a sentence

Showing 302 - 401 of 545 • previousnext

s-302 Fhuair i a dubh-chàineadh bho luchd an aonaidh, a tha ag radha gu bheil an co-dhùnadh do-chreidsinneach.
s-303 Thuirt Mo Mowlam gun deach an IRA glè fhaisg air an fois-fhòirneirt a bhriseadh leis a’ phàirt a bh' aca ann am murt draibheir tacsaidh am Beul Fearst, ach nach do bhris i.
s-304 Tha na Libearalaich Dheamocratach a' dol as àicheadh gu bheil iad ann am pòcaid a’ Phàrtaidh Làbaraich ann an co-bhanntachd riaghaltas na h-Alba.
s-305 Bha coinneamh shònraichte aca ann an Dùn Èideann a dh’ath-sgrùdadh an càirdeas leis na Làbaraich.
s-306 Thuirt fear-gairm nan Lib Deamach 'sa Phàrlamaid - Seòras Lyon - gur e pàrtaidh air leth a bh' annta , 's nach eil iad ach a' co-obrachadh airson ceithir bliadhna.
s-307 Tha luchd-einnseanaraidh anns an Tuirc air tòiseachadh a' tomhais na togalaichean a tha sàbhailte do dhaoine tilleadh annta an deidh na crith-thalmhainn.
s-308 Tha Ambasaid na Tuirc air comhair iarraidh bho bhuidheann carthannais stèidhichte air a’ Ghaidhealtachd
s-309 Tha Blythswood a' dol a chur pladaichean, aodach agus brògan a-null, leis a’ chiad luchd a' falbh DiSathairn.
s-310 Chaidh fear de cheannardan Mosque ann an Glaschu a chur dhan phrìosan airson ionnsaidh dhrabasta a thoirt air dithis bhalach òg.
s-311 Fhuair Taher Din - a tha ceithir bliadhn' deug thar fhichead - bliadhna prìosain agus bidh ainm air Clàr nan Drabastair fad deich bliadhna.
s-312 Chaidh sagairt Caitligeach fhaighinn ciontach 'sa chùirt an Glaschu air chasaid gun tug e ionnsaidh dhrabasta air boireannach a bha ag obair na bean-taighe aige .
s-313 Chaidh an t-Athair Urramach Daibhidh Brown a dhìteadh air chasaid drabastachd agus chasaid gun bhris e an t-sìth.
s-314 Thèid binn a thoirt air a-rithist.
s-315 Tha prìosain na h-Alba fhathast loma-làn dhrugaichean mì-laghail a-rèir Ard Fhear-Sgrùdaidh nam Prìosan.
s-316 Ach tha Clive Fairweather cuideachd ag ràdha na aithisg gu bheil a’ chumhachd a th' aig na prìosain a-nise deuchainn dhrugaichean a dhèanamh air prìosanaich a' faighinn tomhais smachd air an t-suidheachadh.
s-317 Tha Ministeir Foghlam na h-Alba Sam Mac a' Bhreatannaich ag ràdha nach bu choir do dhaoine cus iomagain a ghabhail mu cho beag de chloinn 's a chaidh do dh’aonadan Gàidhlig nan Eilean Siar as ùr am bliadhna.
s-318 Air thuras a Leòdhas an-diugh, thuirt am Ministeir gu robh na h-àireamhan sìos is suas gach bliadhna agus gu robh - mar eisimpleir - dùil ri tòrr a bharrachd air clàs a h-aon ann an Steòrnabhagh an ath-bhliadhna.
s-319 Tha rabhadh air tighinn mun chosgais a thuiteas air poilis na h-Alba air sgath a' mhilennium.
s-320 Tha Àrd Chonnstabal Poilis a' Chinn-a-Tuath, Uilleam Robasdan, air leth a mhillean not a bharrachd iarraidh airson na feachd aige fhein - an chuid mu choinneamh sìth a chumail aig cuirmean mora na Bliadhn' Ùire, agus a' dèiligeadh le bug a' mhilennium.
s-321 Dh’iarr Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar Calum Dòmhnallach air companaidhean na Gaidhealtachd 's nan Eilean dèanamh cinnteach gun cuir iad laghan ùra obrach an gnìomh.
s-322 A' bruidhinn aig co-labhairt air laghan obrach ann an Inbhir Nis, thuirt Mgr Dòmhnallach gu bheil eagal air nach eil mòran chompanaidhean a' tuigsinn na còirichean a dh’fheumas iad a thoirt dhan luchd-obrach fo na laghan ùra.
s-323 Dh’fhòn faisg air cheud boireannach gu loighne fòn a chaidh a stèidheachadh dhaibh-san a tha iomagaineach mu dheuchainnean aillse ann am meadhan Alba.
s-324 Dh’aidich bùird slàinte Fìofa, Foithe agus Taobh Tatha an-dè gun dh’fhailich orra fios a chur air fichead mìle boireannach gu deuchainnean.
s-325 Thuirt Ceannard Poilis Èirinn a Tuath airson a' chiad uair gu bheil e cinnteach gur e an IRA a bh' air cùl muirt draibheir tacsaidh ann am Beul Fearste air a’ mhìos a chaidh.
s-326 Thuirt Ronnie Flanigan gu robh e air a bheachd a thoirt do Rùnaire Èirinn a Tuath Mo Mowlam agus gu robh e a-nise an urra rithe-se a dhèanamh a-mach an robh an IRA air am fois-fhòirneirt a bhriseadh.
s-327 Tha Ministeir Slàinte na h-Alba air ath-sgrùdadh òrdachadh air siostam nan deuchainnean airson aillse muineal na machlaig ann am boireannaich - no cervical cancer, an deidh dha thighinn am follais gu robh fichead mìle boireannach nach deach tron deuchainn ceart.
s-328 Dh’aidich trì bùird slàinte - Taobh Tatha, Fiofa agus Foirthe - nach do rinn iad an dleasdanas a thaobh nam boireannach mar bu choir.
s-329 Chaidh Seanalair ann an arm Searbaich Bhosnia a chur an grèim anns an Ostair 's e fo chasaid gun rinn e eucoir an aghaidh Mhuslamaich 's Chroàiseanaich fhad 's a bha cogadh Bhosnia a' dol.
s-330 Thèid an Seanalair Momir Talic air beulaibh tribunal eucoir cogaidh nan Dùthchannan Aonaichte anns an Hague.
s-331 Gheall oifigear-stiùiridh Pàrlamaid na h-Alba, Sir Daibhidh Steele, gu faic daoine tòrr a bharrachd feum a' tighinn as a’ Phàrlamaid ùr a dh’aithghearr, ged a thòisich i car cugallach.
s-332 Thuirt Sir Daibhidh nach robh cumhachdan air a bhith aig a’ Phàrlamaid fhathast airson i fhèin fhoillseachadh ceart.
s-333 Chaidh aontachadh cuideachd gun tèid ùrnaighean a chumail anns a’ Phàrlamaid uair 's an t-seachdainn le diofar eaglaisean is chreideamhan os an cionn.
s-334 Tha dùil ri tuilleadh phlèanaichean an-diugh fhathast aig port-adhair Istanbul le comhair dhan na mìltean a tha gun dachaidh anns an Tuirc.
s-335 A bharrachd air teantaichean, bidh iad a' giulain biadh agus cungaidhean leighis.
s-336 Tha ceannardan an dàrna aonadh luchd-teagaisg as motha an Alba - an SSTA - air tagradh pàighidh nan ùghdarrasan ionadail a dhiùltadh.
s-337 Thuirt an SSTA nach robh am pàigheadh a bh' air a thabhainn airson dòighean obrach ùra idir coltach.
s-338 Tha Comhairle na Gaidhealtachd a' gealltainn deagh fheum a dhèanamh de chorr air deich thar fhichead millean not a bharrachd a lorg iad ann an cunntas na bliadhna-sa.
s-339 Tha cuid dhe nach gabh a chosg air sgath riaghailtean ionmhais, ach tha iad ag ràdha gun cum e cìs-comhairle na h-ath-bhliadhna sìos.
s-340 Dh’fhoillsich Caledonian Mac a' Bhruthainn an t-àrdachadh as ìsle air am faraidhean airson aona bliadhna deug.
s-341 Thèid iad an-àrda dha gu leth 'sa cheud - dìreach ìre na h-atmhorachd.
s-342 Dh’fhoillsich an riaghaltas taic airgid a bharrachd do chùraim chloinne anns na sgìrean dùthchail.
s-343 Dh’fhoillsich iar mhinisteir an fhoghlaim 's na cloinne Peadar Peacock deich thar fhichead mìle not airson dòighean ùra a lorg air màthraichean ann an sgìrean dùthchail a chuideachadh a' tilleadh a dh’obair.
s-344 uill seach gur ann ann an Solas a tha sinn gur ann aig Solas a tha an urram an-dràsda tòisichidh mi le Raghnall, seòrsa sgioba a th' agaibh air a’ bhliadhna seo a Raghnaill?
s-345 a’ sgioba a b' fhearr a ghlaodh an sgìre ri chèile daoine mòra tapaidh làidir agus fiadhaich cuideachd so
s-346 tha fhios sinn an gnothach air duine sam bidh a thig air ar rathad
s-347 nise bidh iad ag ràdh cha bhi seach gur e ceud bliadhna a thathar a' sònrachadh gu bheil beagan de cho-fhaireachdainn aig a h-uile duine eile ruibh agus mar sin gur dòcha gun leig iad dhuibh buannachadh
s-348 do bheachd?
s-349 ò cha leig iad leas cha leig iad leas sin a dhèanamh
s-350 tha sinn gus a’ gnothach a dhèanamh orra co-dhiubh
s-351 ò uill tha Aonghas ann a-seo fiamh a’ ghàire air fhèin agus tha e a' riochdachadh Ceann a' Bhàigh
s-352 seòrsa sgioba a th' agaibhse Aonghais
s-353 ò sgioba math gillean làidir
s-354 tha mi gu math cinnteach gun dèan sinn an gnothach air a’ latha
s-355 nise tha sinn a' feumachadh airson sgioba math tug-of-war
s-356 an e daoine mòra brùideil no ?
s-357 uill nas a tha iad
s-358 nas brùideil a tha iad
s-359 tha mi 'creidsinn sin as fhearr gun teagamh ach feumaidh tu a h-uile seòrsa duine fhaighinn na daoine mòra aig an deireadh na daoine beaga aig an aghaidh 's tha e dìreach an loighne a ruith cothrom agus dìreach grèim math agus deagh daoine gu math làidir leis
s-360 a Raghnaill a bheil thu ag aontachadh?
s-361 ò chanainn
s-362 rachainn leis a-sin ach chan fheumadh uill mòr gun teagamh ach feumaidh tu a bhith làidir agus luath
s-363 feumaidh tu a bhith luath air do chasan cuideachd
s-364 tha
s-365 nise ann an gèamaichean eile ann an lùth-chleasan eile feumaidh duine ionnsachadh ach 'se a-rithist an dealbh a th' agad de dhuine a tha a' dol a-steach dhan tug-of-war nach eil iad ag ionnsachadh nach eil iad a' trèanadh air a shon idir a bheil a Raghnaill?
s-366 ò tha trèanadh ann gun teagamh
s-367 duine trèanadh gun teagamh
s-368 tha sinn air a bhith o chionn beagan oidhcheannan shìos air a’ mhachaire uill shìos a’ mhachair pìos ann a shin agus tha fhios a'm gu bheil Aonghas air a bhith a' trèanadh cuideachd
s-369 cha do dh’fheumadh iad barrachd a dhèanamh so tha an rud
s-370 tha trèanadh ann gun teagamh
s-371 tha
s-372 ach seòrsa trèanadh a th' ann ?
s-373 uill a' slaodadh 's a' timeadh 's tighinn: na ceumannan a dhèanamh ceart agus a’ ròp a chumail ceart agus sìneadh air ais agus
s-374 as cudromaich ann an sgioba an tug-of-war?
s-375 Aonghais?
s-376 chanainn an duine aig a’ chùl tha e cianail important dhan team ma tha an duine aig a’ chùl math 's tha e 'cumail na loighne dìreach 's cuideachd tha a h-uile duine really tha feum tha feum air a h-uile duine ach saoilidh mi fhèin tha duine ma tha duine math aig a’ chùl tha sin a' dèanamh feum mòr
s-377 Raghnaill?
s-378 rachainn leis a-sin
s-379 rachainn leis a-sin
s-380 an duine aig a’ chùl chì e na tha 'tachairt reimhe agus 'se esan a tha 'cumail an ròp dìreach agus
s-381 so mar sin bha cuideigin ag ràdh riumsa nach eil duine tha a's a’ sgioba idir a tha cudtromach ach an duine a tha a' stiùireadh
s-382 uill tha sin ann cuideachd ma tha coach math agad agus tha esan 'faicinn tha 'dol mun cuairt air agus a' cumail an team còmhladh fhios a'd cumail an ròp 's 'nar slaodadh còmhla
s-383 'se mar gum biodh
s-384 stiùireadh e mar a tha neart 'ga chur ris an ròp tha mi cinnteach
s-385 uill gu dearbha can an-dràsda an sgioba an coach aig an aon taobh agaibhse
s-386 Aileag MacAmhlaidh à Paibilsgearraidh Aileag Aonghais Aileig mar a chanas iad 'se ar coach as sine
s-387 tha e air a bhith 'gar coachadh o chionn ò
s-388 tha mi a' creidsinn gu bheil e suas ri fichead bliadhna a-nisd team Phaibeil
s-389 tha e eòlach gu leòr agus
s-390 nuair a bha sinn a' bruidhinn air na diofar sgiobaidhean a tha seo an-dràsda tha sibhse a' riochdachadh a dhà dhiubh
s-391 tha mi a' tuigse gu bheil Uibhist-a-Tuath air a roinn 'na shia sgìrean airson na spòrsan a tha seo
s-392 a bheil sin ceart?
s-393 tha sin ceart uh huh thà
s-394 cho mòr 's a tha an fharpais agaibhse airson dìreach gun dèan thusa a’ chùis air Aonghas an-diugh 's Aonghais gun dèan thusa a’ chùis air Raghnall 's air an fheadhainn eile cuideachd?
s-395 ò tha e mòr dhan a h-uile duine sin an rud a tha a h-uile duine ag iarraidh fhaighinn tha mi a' creidsinn
s-396 uill 's dòcha cupa mòr na sgìre
s-397 's dòcha gur e am main rud as important ach tha tha duine ag iarraidh [?] tug-of-war
s-398 tha e a' mìnigeadh tòrr dhan a h-uile duine
s-399 uill tha mi uabhasach toilichte a chluinntinn gu bheil na sgiobaidhean agaibh cho làidir 'son tha sinn cinnteach a-nise gu bheil aon nach leig mise leas a dhèanamh ann an seo an-diugh
s-400 chan eil feum aig duine agaibh air taic airson an tug-of-war ach tha an latha a-nise tha an latha tòrr nas fhearr na bha e fiù 's bho chionn uair a thìde nach eil Aonghais?
s-401 thà gu dearbha gu math nas fhearr

Text viewDownload CoNNL-U