s-101
| tha am fear sin ann 's ach nuair a bhiodh am fear sin sìos is suas a [Placename] bhitheadh tu na b' fhearr as a aonais nam faigheadh tu grant air fear ùr dhiubh |
s-102
| bhiodh tu ceart cho math dhe |
s-103
| am faca tu an t-airgead a fhuair fear an [Name] an-dràsta |
s-104
| tha e air ten thousand eile fhaighinn air an son |
s-105
| airson am fast track aig' |
s-106
| dè? |
s-107
| chan ann ach airson agricultural machinery mower 's smodal |
s-108
| bha dùil a'm nach ann an siud a bhiodh e |
s-109
| ann an bha |
s-110
| cha chreid mi nach eil mower air ainmeachadh |
s-111
| nach thuirt M |
s-112
| cha chreid mi nach robh ann ach equipment |
s-113
| equipment 's dòcha a bh' ann |
s-114
| àidh gheibheadh e twenty-five percent dhen fast track |
s-115
| um hmm |
s-116
| dè bhiodh sin? |
s-117
| tha sin smaoineachail daor |
s-118
| bhiodh e mu forty-thousand |
s-119
| bhà no an còrr |
s-120
| mas e a ghearradh cuide ris se tha mi smaointinn bhiodh [Name] e fhèin a' faighinn an ceathramh cuid dhen tractor mhòr a tha e faighinn dha fhèin |
s-121
| [Name] |
s-122
| ò [Name] chan fhaca thu e sa phàipear |
s-123
| ò chan fhaca |
s-124
| Hosta Machineries |
s-125
| bha dùil a'm nach robh iad a' faighinn dad air tractors a-nisd |
s-126
| [?] |
s-127
| feumaidh gu bheil iad tòiseachadh a-rithist air |
s-128
| tha ach chan eil àsan ach ga chuir sìos mar equipment |
s-129
| tha e gu math mì-fhair ma gheibh aon duine eile e fhios a'd nach eil e open dhan a h-uile duine fhios agad |
s-130
| chan eil a's an tractor tha sineach ach rud gun rud |
s-131
| dè tha thu faighinn leis ach an luaths airson falbh air an rathad mhòr |
s-132
| àidh ach dè math tha sin airson àidh cha dèanadh iad treabhadh no rud eile an siud |
s-133
| ò tha fhios gun dèanadh |
s-134
| ò shìorraidh tha na tyres aige cho leathann |
s-135
| cha d'reaghadh e fodha co-dhiubh |
s-136
| Ò uill cha d'reaghadh |
s-137
| nan slaodadh e fear dhe na trailing ploughs mhòr a tha siud às a dhèidh |
s-138
| mmhmm |
s-139
| ach 's dòcha an idea a bh' ann gun obrachadh e an trèilear ann a sheo nam biodh an lòraidh air falbh fhios agad |
s-140
| 's e ach dh'fheumadh tu trèilear mòr uamhasach air a shon |
s-141
| chan e ach an trèilear a th' aca airson an lòraidh |
s-142
| ò dhèanadh e sineach àidh creidsinn gun fhearr dhuinn feuchainn suas bheil thu dol suas [Name]? |
s-143
| àidh tha |
s-144
| a' chailleach fhàgail a-staigh |
s-145
| Bha Ludovic 'na chabhaig, agus aithreachas air . |
s-146
| Bha e air fuireach thall ro fhada air chéilidh. |
s-147
| Dh’aindeoin nan rabhaidhean a fhuair e, bu ghann a thàr e nall as an eilean 's an làn reothairt a' tighinn 'na dheann. |
s-148
| Gu dearbha, b' ann air èiginn - a bhriogais dheth 's am baidhseagail air a dhruim - a fhuair e nall gu Geàrraidh a’ Bhota, dìreach mun do dhùin an fhadhail. |
s-149
| Thiormaich e e fhéin mar a b' fheàrr a b' urrainn dha le badan feòir agus dhìrich e chun an rathaid. |
s-150
| Bha Eòghainn Mhurchaidh shuas air Cnoc 'Ic Phàil aig caoraich. |
s-151
| “Dhuine gun tùr,' dh’eubh e nuas, ''S ann ort a chaidh an sàbhaladh! |
s-152
| Deich mionaidean eile 's bha thu bàite, cinnteach. |
s-153
| Nach tu bha gun tonaisg, ge-ta.' |
s-154
| Ach cha robh ùine aig Ludovic fuireach ri còmhradh. |
s-155
| Smèid e agus leum e air an dìollaid, 's e airson na b' urrainn dha de dh’astar a dhèanamh mun dorchnaicheadh i, 's gun lampa no dad eile air a’ ghliogaid baidhseagail a bh' aige an iasad. |
s-156
| Bha rathad na mòintich timcheall nam bàgh 'na chùis uamhais le tuill 's le claisean, 's bha e gu math doirbh dha astar a dhèanamh. |
s-157
| Bhiodh e na b' fheàrr dheth , ge-ta, nuair a ruigeadh e Aird a' Chlachair. |
s-158
| Bhiodh an rathad tearradh agus a’ ghaoth 'na chùl aige an uairsin. |
s-159
| Shaoil e gun dèanadh e an Tobhta dheth ann an trì chairteil na h-uaireach mus biodh cus uallaich air Màiri Anna. |
s-160
| “Bidh mi air ais mun dorchnaich i,' thuirt e mun do dh’fhàg e 'sa mhadainn. |
s-161
| Thàinig i nuas cuide ris gu ceann an rathaid. |
s-162
| “Ma bhitheas, 'se chiad uair dhuit e,' ars ise. |
s-163
| 'S neònach leam-sa mura téid thu shuiridhe dh’àiteigin air do thilleadh, mur do dh’atharraich thu. |
s-164
| Ach mura nochd thu roimh mheadhan-oidhche, glasaidh mi 'n dorus ort .' |
s-165
| Rinn e gàire. |
s-166
| 'S e dh’fhaodadh, is fhios aige nach dèanadh i dad dhe leithid. |
s-167
| 'S iomadh uair, nuair a bha e dol do sgoil an Rubha agus e loidseadh aice , a bhiodh e muigh gu uair 'sa mhadainn; 's cha robh an dorus glaiste riamh. |
s-168
| “Feuch a-neist, 'ille, nach beir an làn ort . |
s-169
| Ma chailleas tu an fhadhail, cuir fón thugam a Post Office an eilein. |
s-170
| Bi cinnteach, a neisd, ma chailleas tu do shuim nach toir thu oidhirp air an fhadhail, mus bàthar thu. |
s-171
| B' fheàrr dhuit cus fuireach thall gu madainn na thu fhéin a chur an cunnart a' greasad dhachaidh. |
s-172
| Cuimhnich a-neist!' |
s-173
| Chòrd e ris mar a thuirt i “dhachaidh' mar siud, ged a bha a dhachaidh an diugh - nuair a bha e air tìr, co-dhiù - ann an Glaschu, cuide ri mhàthair. |
s-174
| Bha ise toilichte gun tàinig e an taobh ud am bliadhna, a choimhead air na seann eòlaich a b' aithne dha nuair a bha e dol dha 'n sgoil ann a sheo. |
s-175
| Cha robh a’ bhuain buileach seachad nuair a thàinig e agus thug e cuideachadh math do Mhàiri Anna a’ chiad sheachdain an déidh dha tighinn. |
s-176
| Bha Oighrig Mhór, a’ chailleach, air fàs lapach 's cha b' urrainn dhi ceangal no togail a dhèanamh; agus cha robh Eóghainn, an gille, ach beagan is deich fhathast, ged a bha e dìcheallach gu leòr. |
s-177
| Cha robh esan ach mu dhà bhliadhna nuair a chailleadh athair. |
s-178
| An déidh an liuthad sàbhaladh a chaidh air iomadach uair ri droch shìde, chaidh Uilleam bochd a bhàthadh - e fhéin is Lachlainn Sheumais - air latha brèagha samhraidh, 's iad a' togail chliabh. |
s-179
| Feadhainn a bha ràdh gun deach iad ro fhaisg air na boghannan 's gun do rug am bristeadh orra gun fhiosda. |
s-180
| Co-dhiù, fhuair iad an t-eathar, 's i 'na spealgan, air an Rubha Gharbh agus na cuirp shuas a tuath air an Tràigh Ghil, faisg air a' Chaolas Mhór. |
s-181
| Sean a’ bhliadhna thàinig e dha 'n sgoil an seo, agus cha robh Màiri Anna ceart as a chionn, 's i cho sàmhach, fad-as 'na dòigh aig an àm a chaidh e dh’fhuireach thuca an toiseach. |
s-182
| Bha cuimhn' aige air Uilleam o'n a bha e 'n Glaschu: duine mór socair, sàmhach. |
s-183
| Cha tigeadh gàire ro thric air , ach nuair a thigeadh bhiodh aghaidh a' lasadh ann an dòigh a bha iongantach, mar a lasas aodann gill' òig. |
s-184
| B' ann nuair a bha Uilleam is Màiri Anna pòsda ann an Glaschu a chuireadh eòlas an toiseach orra . |
s-185
| Ge b'e dé bu choireach, bha Uilleam trom air an deoch aig an àm. |
s-186
| B' ann nuair a chaill e obair 's a dhachaidh, 's gun sgillinn ruadh no gheal aca , a rinn a mhàthair-san an rud nach do dhìochuimhnich Màiri Anna riamh. |
s-187
| Thabhainn i fasgadh is dachaidh dhaibh gus an d’ fhuair Uilleam e fhéin a chur air dòigh agus cothrom tilleadh a dh’obrachadh croit athar. |
s-188
| Cha robh cuimhne ro mhath aig Ludovic air na bha tachairt 'sna bliadhnaichean a bha siud; bha e òg 's a' ruith nan sràidean, gun for aige ach air a ghnothaichean fhéin. |
s-189
| Ach is iomadh uair o'n uairsin a bheachdaich e gur ann aig a mhàthair a bha an cridhe 's a’ mhisneachd, 's i fhéin 'na banntraich le sianar chloinne. |
s-190
| Ach bhiodh moit air nuair a bheireadh Màiri Anna tarraing air , rud a dhèanadh i iomadach uair. |
s-191
| Bha e neisd a' tighinn am fianuis na h-Airde agus chitheadh e solus an tigh-sheinnse, ged nach robh biùg as na tighean eile fhathast. |
s-192
| Ma bha 'n rathad 'na uamhas roimhe , bha an truaighe buileach air a neisd. |
s-193
| Bhiodh muinntir na h-Airde a' tarraing mhònadh air a' phìos seo dheth agus bha a bhuil air . |
s-194
| Nuair a bhuail e 'sa ghròban mhór, thug am baidhseagail leum as agus thàinig an roth-thoisich a nuas air a’ chloich le droch sgailc eagalach. |
s-195
| Rinn e na damanaidhean cumhachdach nuair a chuala e fead na gaoithe a' tighinn aisde . |
s-196
| Stad e is dh’fhàisg e le òrdaig i, ach cha mhòr gu robh sad air fhàgail innte , 's i sìor fhalamhachadh. |
s-197
| Bha fhios aige gum biodh bùtha Dhùghaill dùinte neisd, ach nan ruigeadh e 'n tigh-seinnse 'na uair 's dòcha gum biodh cuideigin an sean le baidhseagail a bheireadh rud dha a chàireadh am blaigh inneil seo. |
s-198
| Thog e air , 's e cuibhleadh a’ bhaidhseagail roimhe agus an dorchadas a' tighinn. |
s-199
| Tha Mairearad Nighean Lachlainn air aon de na bana-bhàird a bha beò mu dheireadh na seachdamh linn deug agus mu thoiseach na h-ochdamh linn deug. |
s-200
| A réir an Ollaimh MacBhàtair, rugadh i mu 1660 agus chaochail i mu 1730, ach tha MacGill-Eain Mac na Ceàrdaich, 'na leabhar Na Bàird Ghàidhealach eadar 1715 agus 1765, ag ràdh; Is e an dàn a rinn i an 1751 'Òran do Shir Eachann MacGill-Eain', a chaochail anns an Ròimh an 1751. |