s-2
| cha robh còir aca an robh idir na tairbh a leigeil cuide riutha co-dhiubh |
s-3
| bha a' chuid a b' fhearr an dà tharbh air an cumail ann an geata |
s-4
| cupa math tea eh? |
s-5
| àidh, bha mi 'fàs gu math cadalach a's a' chàr |
s-6
| tha an t-astar gu math fada suas a-siud bocadaich suas 's sìos |
s-7
| rinn mi fhèin cadal math air an rathad dhachaidh co-dhiubh - dhùin mi mo shùilean san deireadh |
s-8
| cha mheantraiginn-sa mo shùilean a dhùnadh idir |
s-9
| a bheil sibh ag iarraidh bioscuit? |
s-10
| chan eil |
s-11
| ciamar a chaidh do dh'[Name] air a chuairt san Eilean? |
s-12
| ò math gu leòr dh'fhuirich e ann am B&B |
s-13
| càite? |
s-14
| [Placename] I suppose |
s-15
| cò mheud a bh' ann - [Name] agus |
s-16
| [Name] agus [Name] |
s-17
| ceathrar – triùir |
s-18
| cò th' ann an [Name]? |
s-19
| chan eil fhios a'm |
s-20
| cò bh' ann an [Name] |
s-21
| an e gill' Èireannach a bha ann ? |
s-22
| Mc [Name] a th' ann |
s-23
| bha e seo reimhe nach robh uaireigin? |
s-24
| uh huh uh huh |
s-25
| rinn mi cupa eile ann a shin |
s-26
| dè thuirt thu? |
s-27
| rinn mi cupa eile ann a shin |
s-28
| 'g iarraidh feadhainn dhiubh siud? |
s-29
| feuch dhomh aonan |
s-30
| cò mheud tunna feòir a bh' ann ? |
s-31
| chan eil fhios a'm bidh tha mi creidsinn |
s-32
| ceithir deug ann am bi? |
s-33
| sia deug no seachd deug tha mi a' creidsinn |
s-34
| bidh na làmhan aig cuideigin gu math goirt mus bi sinn deiseil |
s-35
| a bheil thusa dol a dhèanamh haymakers a [Name]? |
s-36
| ò chan eil |
s-37
| bha mise a' faighinn putag a h-uile triop a bha thu a' ceannach beathach air an t-sale DR |
s-38
| dè tha an duine ud a' ciallachadh?! |
s-39
| an d' fhuair thu test air a' van dearg |
s-40
| an do chuir thu suas fhathast e? |
s-41
| an seal a fhuair sinn air a son |
s-42
| 's e an taobh ceàrr a bh' ann |
s-43
| a shìorraidh |
s-44
| tha e thall aig [Name] Beag |
s-45
| tha e dol dhan |
s-46
| cò aig a fhuair thu sin? |
s-47
| M's chan eil cuimhne a'm |
s-48
| bha còir a'm a bhith air brakes òrdachadh cuideachd ach dhìochuimhnich mi |
s-49
| tha coltas bha duine ann a shiud às na h-eileanan às a h-uile h-eilean à Leòdhas agus à tìr-mòr |
s-50
| am faca tu an Leòdhasach ud roimhe a-bhos M? |
s-51
| chan fhaca mi idir an-diugh e dè 'n duine a bh' ann ? |
s-52
| duine dorcha |
s-53
| ò |
s-54
| dìreach an aghaidh aige gu math [?] |
s-55
| cha chreid mi gum faca mi idir e |
s-56
| bhiodh e toilichte faighinn beothaichean saor |
s-57
| mm? |
s-58
| bhiodh e toilichte faighinn beothaichean saor |
s-59
| tha mi creidsinn gu robh iad ceart cho saor shuas aige fhèin |
s-60
| dè? |
s-61
| 's dòcha gu robh |
s-62
| an do dh'fhàg thu an còrr tea a [Name]? |
s-63
| tha cupa eile ann a shin |
s-64
| eh? |
s-65
| cupa extra |
s-66
| ò ma-thà òlaidh mise an cupa extra |
s-67
| nì e test eile math gu leòr |
s-68
| tha [Name] a' ràdh g' eil i coimhead glè mhath co-dhiubh |
s-69
| tha e coimhead glè mhath |
s-70
| bhiodh i handy seach an càr co-dhiubh |
s-71
| ach 'se an càr as cofhurtail |
s-72
| 'se ach a thaobh beathach a chur ann no an leithid sin |
s-73
| tha a leithid sineach ach ma tha trèilear beag agad air a' chàr chan eil thu cho dona dheth nas motha |
s-74
| tha an doras a' falbh air a' chàr |
s-75
| feumaidh e a bhith air a weld-adh air |
s-76
| a bheil sibh ag iarraidh |
s-77
| feuch dha d' athair tuilleadh tì |
s-78
| no chan eil mi ag iarraidh an còrr |
s-79
| chan eil |
s-80
| chan eil thu ag iarraidh an còrr |
s-81
| cuir ann e ma-thà a [Name] |
s-82
| dè mu dheidhinn [Name]? |
s-83
| fhuair esan |
s-84
| feumaidh sinn falbh an ceart-uair co-dhiubh mus caill sinn mus caill sinn na bargainean suas a-sin |
s-85
| dè tha dùil agad ri a cheannach |
s-86
| ò mur an ceannaich sinn |
s-87
| horse box |
s-88
| turbo-mowers |
s-89
| ò na ceannaich sin ge brith dè a nì thu |
s-90
| ciamar? |
s-91
| chaidh e sin a mhilleadh cho luath 's a thàinig e |
s-92
| an deachaidh? |
s-93
| [Name] [Name] a thug an [?] dhi |
s-94
| ò sin a bha ri ràdh co-dhiubh gun do mhill e i cho luath |
s-95
| ged nach milleadh tha mi creidsinn le a bhith 'na laighe ann a shin gum bi e falbh às a chèile co-dhiubh |
s-96
| shìorraidh |
s-97
| dè am fuaim a bha siud? |
s-98
| tunnag |
s-99
| cuag cuag |
s-100
| feadhainn dhe na h-horse-boxes mhòr tha siud am fear ùr |
s-101
| tha am fear sin ann 's ach nuair a bhiodh am fear sin sìos is suas a [Placename] bhitheadh tu na b' fhearr as a aonais nam faigheadh tu grant air fear ùr dhiubh |