s-301
| mur h-eil na clachan mòra tha siud ann ach tha cladh [Placename] a cheart cho snog ann a shin |
s-302
| thà uill chan eil an coltas air cho math |
s-303
| chan fhaic thu e ge-tà |
s-304
| chan fhaic thu cho math e |
s-305
| dùil a'm gur iad a bha 'ga dhèanamh |
s-306
| [?] na taighean a leag iad dìreach |
s-307
| 's iad ach bha iad a' fàs |
s-308
| gann de chlach |
s-309
| chan e ach tha iad a' fàs cus nas fhearr air [?] am pìos a tha sineach |
s-310
| cha robh iad ach ag ionnsachadh an uair ud nuair a rinn iad am pìos a bha sineach |
s-311
| bhà agus a’ chlach fhèin |
s-312
| taigh [Placename] taigh [Name] a bha sin |
s-313
| chunnaic sinn am video an taobh sin shuas sa Chàrnaich ann a shin mi fhèin is [Name] |
s-314
| dè 'm video |
s-315
| video a rinn cuideigin a bha shuas an sin o chionn fada [?] |
s-316
| càite? |
s-317
| bird-watcher am [Placename] an tè Beyond the Tangled Shore |
s-318
| ò an tè sin àidh àidh |
s-319
| [Name] [Name] is cao mart a' breith |
s-320
| [?] bha iad a' roiseadh |
s-321
| àidh mart a' breith àidh |
s-322
| cha robh mart a' breith ann idir |
s-323
| bha [Name] [Name] [Name] [Name] [Name] an sin a' roiseadh tighinn a-nuas leis a’ chrodh 's dhan t-sale aig a’ Chlachan [?] |
s-324
| àidh |
s-325
| àidh |
s-326
| obh obh na bha a bheathaichean a' tighinn a-nall an uair sin a's a’ sgìr' shuas dròbhannan |
s-327
| 's ann a bha an dròbh a' dol a-mach o [Placename] air an oidhche ma-thà |
s-328
| bhiodh |
s-329
| beathaichean bochda |
s-330
| tha cuimhne a'm air an oidhche a bha sinn fhèin a' dol a-mach leotha 's bha còrr 's trì cheud 'san dròbh |
s-331
| ò thalla |
s-332
| ach tha mi cinnteach gu bheil iad sin a' falbh fhathast dìreach |
s-333
| chan eil duine 'gan draibheadh a-nisd |
s-334
| uill chan eil na beathaichean ann |
s-335
| 's a' cheart uidhir gan tilleadh dhachaigh tha mi cinnteach cuideachd |
s-336
| seo na beathaichean a bha sineach |
s-337
| bhiodh iad |
s-338
| tòrr a chaidh a choiseachd dha [Placename] |
s-339
| bhà 's a [Placename] |
s-340
| mòran a' coiseachd do [Placename] a h-uile latha |
s-341
| bha 's a [Placename] |
s-342
| nach e a bha cianail trom air na beathaichean truagh |
s-343
| Dhia nach robh iad a' coiseachd gu [Placename] ron sin a' dròbhadh 's a' stopadh |
s-344
| uill bhiodh latha restadh air an oidhche tha mi cinnteach |
s-345
| ach bhiodh iad air an toir fairis feadhainn dhiubh |
s-346
| ach 'na dhèidh sin fhios agad beathach ann an gearraidh no ann an àite fosgailte thig e astar mòr air an latha |
s-347
| thèid ach tha iad cho stressed ge-tà 'coiseachd mar siud fhios agad 'gan draibheadh |
s-348
| àidh 's air a’ rathad mhòr cuideachd |
s-349
| tha thu fhèin a' coiseachd fada gu leòr fad a' latha nam biodh cuideigin as do dhèidh is 'ga do dhraibheadh fhios agad |
s-350
| is a' snàmh a-null aig [Placename] is a' coiseachd sìos a [Placename] |
s-351
| àidh tha e cianail a's na a' dìreadh nam beanntan uamhasach a bha sin |
s-352
| uill tha stòiridh ann ma-thà mu dheidhinn fear ma-thà à [Placename] agus cheannaich e dh’fhalbh e le beathach no dhà à [Placename] 's [?] thug e leis fear no dhà eile à [Placename] agus dh’fhalbh e às a-sin 's chaidh e a-null dhan [Placename] 's ràinig e [Placename] is cha do chòrd a’ phrìs ris 's chùm e air gu [Placename] |
s-353
| obh obh |
s-354
| cha do reic e iad gun an d’ ràinig e [Placename] |
s-355
| tha fhios gum biodh iad air am fàs caol |
s-356
| uill bha e a' falbh mun bhliadhna 'l fhios agad |
s-357
| sin mar a bha iad a' dèanamh |
s-358
| bha iad ag obair fhios agad |
s-359
| cha robh iad idir a' gabhail straight dhan an àite |
s-360
| bhiodh iad ag obair 's a' faighinn feurach [?] an siud 's an seo |
s-361
| bhiodh iad a' cruibhleadh a' chruidh |
s-362
| bhiodh iad a' cruibhleadh a' chruidh |
s-363
| a bheil thu trang an-dràsda [Name]? |
s-364
| tha na folios agam |
s-365
| folios |
s-366
| ciamar a chaidh dhut ? |
s-367
| tha mi deiseil dhen leabhar co-dhiubh dìreach Gàidhlig |
s-368
| ag obair air Gàidhlig àidh |
s-369
| ùine mhòr agaibh am bliadhna co-dhiubh mas e an toiseach |
s-370
| sixteenth |
s-371
| meadhan May |
s-372
| bha an làn gu math mòr air na lathaichean |
s-373
| tràigh mhòr mhòr mhòr ann an-dè [?] air a’ chladach an-dè |
s-374
| bha e cianail |
s-375
| àidh bidh tràinnean mòr' an-dràsda |
s-376
| obh cha robh uisge 'sa chladach |
s-377
| tha e cianail shìos ann a shiud |
s-378
| [?] |
s-379
| [?] |
s-380
| ò tha agus nam biodh |
s-381
| chan eil dad an [Placename] ach loch air a’ mhachaire |
s-382
| tha e dìreach mar aon loch ann a shiud |
s-383
| nam biodh fìor ghèilichean dona dona air a bhith ann chan eil fhios cò ris a bhiodh e coltach |
s-384
| chunna mi tòrr chaoraich bàite sa rubha shuas aig ceann na drochaid |
s-385
| cò an drochaid? |
s-386
| an drochaid mhòr ri taobh [Placename] |
s-387
| feumaidh gun robh iad air na h-eileanan |
s-388
| nuair a bha sinn a' dol suas dhan sgoil bha tòrr dhiubh a-mach air eilean |
s-389
| ò àidh bha seo ann a chionn lathaichean |
s-390
| 's ann le [Name] [Name] Bhig [Name] a bhiodh iad |
s-391
| A bheil na caoraich aig [Name] an lùib nan caoraich agad-sa an fheadhainn a-mach a [Placename] |
s-392
| chan eil |
s-393
| tha iad leotha fhèin cha chreid mi |
s-394
| leotha fhèin? |
s-395
| [?] leotha fhèin carson? |
s-396
| chunna aon tè an-diugh |
s-397
| tha i dona dona le glup ri taobh a' rathaid |
s-398
| bha sprogan uabhasach oirre |
s-399
| ò uill chuala mi [Name] [Name] Òig Ruaidh |
s-400
| thachair e gu robh e 'smaointinn gur ann le [Name] [Name] a tha an tè sin co-dhiubh |