s-102
| agus an do sgrìobh thu chun a’ phenpal agad a dh’innseadh gun robh sinn a’ tighinn? |
s-103
| sgrìobh |
s-104
| cha do sgrìobh i air ais fhathast |
s-105
| an do sgrìobh? |
s-106
| phost thusa dhomh e no Dad dhomh e air Diluain no rudeigin |
s-107
| agus a bheil thu fhathast a’ sgrìobhadh chun an dithis aca |
s-108
| thà |
s-109
| agus cha bhi ise a’ sgrìobhadh air ais |
s-110
| uaireannan |
s-111
| uaireannan agus a bheil iad a’ fuireach faisg air a chèile? |
s-112
| chan eil fhios agam |
s-113
| bheil [?] as a [Placename]? |
s-114
| o thà [?] [Name] a' sgrìobhadh dhan dàrna tè agus bha friend dhi |
s-115
| thòisich i an uairsin a’ sgrìobhadh air ais gu [Name] |
s-116
| ò right |
s-117
| dè mu dheidhinn an triob a bha seo [Name] a bha thu fhèin ‘s [Name] a' dol a dhèanamh a [Placename]? |
s-118
| an robh sibh a’ bruidhinn air an diugh? |
s-119
| àidh |
s-120
| ‘s an do dh’fhaighnich esan dhe a mhàthair? |
s-121
| àidh tha e okay |
s-122
| dè? |
s-123
| bheil thu really a’ dol a leigeil leotha ? |
s-124
| ò chan eil fhios a'm |
s-125
| an cuala tusa guth mu dheidhinn an triob sa? |
s-126
| cha chuala |
s-127
| cha leigeadh tu leamsa falbh |
s-128
| cha leigeadh |
s-129
| huh |
s-130
| [Name] is [Name] tha iad a’ bruidhinn air a dhol air latha a [Placename] leotha fhèin |
s-131
| bheil? |
s-132
| tha |
s-133
| ò uill bheil airgead gu leòr agaibh ? |
s-134
| thà |
s-135
| an leigeadh tu leamsa falbh? |
s-136
| chan fhaod thu falbh còmhla ruinne |
s-137
| uill leigeadh mur am biodh na crutchichean tha sin agad |
s-138
| ‘s cuin' a tha sibh 'dol ann ? |
s-139
| chan eil fhios a'm Disathairne air choireigin |
s-140
| chan eil fhios am faigh sibh a dhèanamh tuilleadh am bliadhna |
s-141
| ciamar? |
s-142
| uill tha na ferries a’ tilleadh nas tràithe |
s-143
| cha bhiodh ùine agaibh dhol ann nas fhaide |
s-144
| tha fhios a'm ach ‘s urrainn dhuinn a dhol air an Disathairne seo |
s-145
| ò chan urrainn |
s-146
| 's urrainn dhuinn |
s-147
| Dad anns a’ [Placename] an e an e swimming pool a-muigh a th’ ann ? |
s-148
| tha mi a’ smaointinn gur e |
s-149
| 's e |
s-150
| tha mi deimhinne gur e |
s-151
| 's dè cho teth ‘s a bhios e a-muigh? |
s-152
| tha e doirbh a ràdh ach chanainn gu bheil e suas ri aig an àm sin dhen bhliadhna ann am beagan sheachdainnean eile |
s-153
| och bidh e ma còig air fhichead Celsius |
s-154
| tha sin gu math blàth fhathast |
s-155
| chaidh sinne suas gun an English Room far a bheil na computers agus bha sinn a’ coimhead air an internet |
s-156
| cò thug ann a shin sibh? |
s-157
| uill bha Mr [Name] ann agus bha na first years ann cuideachd |
s-158
| ach an aon rud a bhiodh math aig [Name] mur eil i 'dol a dh’iusaigeadh uisge se meter fhaighinn |
s-159
| chan fheumadh i ach am meter |
s-160
| ach chan e |
s-161
| dh’fheumadh really |
s-162
| daoine a tha ann an holiday houses dh’fheumadh iad cur airson dìreach nach eil an taigh ach occupied ceithir mìosan |
s-163
| dh’fheumadh iad case a dhèanamh |
s-164
| dh’fheumadh iad a chur suas aig a' chouncil |
s-165
| tha an council 'dol a dh’fheuchainn rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn |
s-166
| chan e an council aig a bheil còir air uisge a-nisd [?] ach NOSWA |
s-167
| chan eil ach chuala iad air na naidheachdan fad an latha an-diugh gu bheil an council seo 'dol a dhèanamh ghearrain |
s-168
| nach eil feadhainn eile ma-thà a' sabaid airson full rates a chur air na holiday houses 's gun duine annta |
s-169
| ò sè tha sineach ach se taighean mòra nan daoine |
s-170
| Sasannaich na Toffs na Toffs tha sineach na taighean mòra aca 's gun iad a' fuireach annta |
s-171
| uill tha e gu math mì-choltach gun fheumadh iad sineach a phàigheadh 's gun iad 'gan iusnachadh |
s-172
| ciamar a dhifferentiates iad eadar na dhà? |
s-173
| uill se leth na prìseadh a bha iad a' cuir air a-seo |
s-174
| bhiodh e na bu shaoire dhut bowsair uisge fhaighinn fhad ‘s a bhiodh tu a' fuireach anns an taigh |
s-175
| nach e a bhiodh stale? |
s-176
| dè tha thu 'ciallachadh? |
s-177
| uisge fresh |
s-178
| gheibh thu sin an àite sam bith air falbh |
s-179
| bidh iad ga thoirt chun nam bàtaichean 's chun a h-uile h-àite |
s-180
| nuair a tha an t-uisge dheth [?] |
s-181
| an aon uisge 's a tha a' dol dhan a leithid mar-thà |
s-182
| uill 's e main a tha 'dol dhan ferry a tha seo ach an àiteachan 's e tankers a tha a' tighinn a-staigh dhan |
s-183
| an lìonadh aig Amhainn [Name] [Name] [?] |
s-184
| an fheadhainn a tha a's na taighean air falbh cuideachd fhios a'd |
s-185
| dhèanadh e an gnothach mur 'eil iad ann ach cola-deug |
s-186
| ò dìreach feumaidh sinn a dhol leis |
s-187
| chan eil duine glic ach [Name] |
s-188
| tha e a' ràdh gu bheil na daoine seo a' cosg tuilleadh 's a chòir a dh’airgead air na taighean aca 's tha esan a' cumail a chosgais cho beag 's tha a h-uile cosgais cho beag |
s-189
| tha e a' ràdh the people over-capitalise on their houses |
s-190
| chan eil dad aige ri phàigheadh |
s-191
| chan eil duine beò a' dol a-staigh dhan taigh aige |
s-192
| bheir e leis a h-uile sgilinn a th' ann |
s-193
| exactly |
s-194
| uill sin am point aige |
s-195
| 's e cho cruaidh mu dheidhinn a h-uile sian riamh |
s-196
| sin agad am point aige ge-tà |
s-197
| dè? |
s-198
| sin am point a th' aige |
s-199
| eh? |
s-200
| dè 'm point tha sineach? |
s-201
| och dìreach gu bheil e airson airgead fhaicinn a' fàs |