Dependency Tree

Universal Dependencies - Scottish_Gaelic - ARCOSG

LanguageScottish_Gaelic
ProjectARCOSG
Corpus Parttest

Select a sentence

Showing 403 - 502 of 545 • previousnext

s-403 tha sinne an seo an-diugh gu dearbha air machair Sholais agus Solas agus Greinatobht a' comharrachadh gu bheil dìreach ceud bliadhna bho chaidh iad a stèidheachadh mar bhailtean
s-404 a bheil sin a' dèanamh diofar sam bith dhutsa no a bheil thu ‘son màl a thoirt do mhuinntir Sholais 'san aon dòigh
s-405 ò tha mise toilichte ‘son an latha aca gu dearbh fhèin agus 'se rud mòr a bh' ann dha na daoine aig an àm na croitean fhaighinn 's tha na daoine a' cumail nan croitean chun an latha an-diugh 's 'gan obrachadh agus tha mi 'creidsinn gun tèid sin air adhart airson ceud bliadhna eile a-bhos an taobh seo agus a's a h-uile sgìre eile ann an Uibhist ged 's uaireannan nuair a bhios daoine a' smaoineachadh 'g eil croitearachd a' bàsachadh ach nuair a thig an latha chan eil tha cuideigin òg no dhà eile a thig a-staigh ann 's a chumas a' dol a’ ghnothach
s-406 mar sin dhe a Raghnaill tha sinne agus an fheadhainn eile uabhasach toilichte gu bheil sibh a' comharrachadh an latha tha seo gu bheil sibh a' comharrachadh a’ cheala-deug a tha seo ach tha e ag ràdh aig deireadh an latha chan eil chance agaibh leis an tug-of-war
s-407 chì sinn
s-408 chì sinn fhathast
s-409 chì sinn
s-410 uill gu dearbha 'se sin a dh’fheumas sinn a dh’ràdh
s-411 chì sinn gu dearbha ciamar a thèid cùisean aig deireadh an latha agus tha mi an dòchas ro dheireadh a’ phrògram gun cluinn sinn bhuannaich an tug-of-war
s-412 bidh e math sin a fhaicinn
s-413 BHA Celtic Connections 1999 a’ dol air adhart na bu tràithe air a’ mhìos seo ann an Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu.
s-414 B’ e seo an t-siathamh bliadhna dhen taisbeanadh seo de shàr luchd-ciùil agus ealain nan dùthchannan Ceilteach gu léir, le deagh mheasgachadh de cheòl, de sheinn, de dhannsa, de sheanchas, de dheasbaireachd agus eile fad naoi latha deug, le cóig consairtean gach latha.
s-415 Faodaidh sinne, mar Ghaidheil, beachdachadh air ciamar a sheas Gàidhlig ghrinn na h-Albann agus a cultar an coimeas ri cultaran nan dùthchannan eile.
s-416 Mar eisimpleir, air dhomh sùil aithghearr a thoirt thro leabhran Celtic Connections, bha e soirbh a dhèanamh a-mach nach robh uidhir sin dhe ar cultar fhèin air a riochdachadh an taca ri cuid de na dùthchannan eile.
s-417 Tha Cailean Hynd os cionn nan Ealan san Talla (agus mar sin aig Celtic Connections cuideachd) agus tha beachd inntinneach aige oirnn .
s-418 Chan eil teagamh ann nach eil ùidh aige ann a bhith a’ toirt àite cho mór ’s as urrainn dha’r cultar fhad 's nach bi call airgid aca dheth ach tha esan a’ cumail a-mach nach eil sinn mar Albannaich, ’s gu h-àraid mar Ghaidheil, aghach gu leòr.
s-419 Se a bheachd-san nach eil sinn math air ar toirt fhèin gu aire a’ mhór-shluaigh le ar cuid dualchais taca ri, can, muinntir na h-Éireann, ach tha e den a’ bheachd, agus dh’aontaichinn leis , gu bheil cùisean a’ fàs nas fhearr.
s-420 Ciamar, faighnichidh sibh?
s-421 Anns a’ chiad àite bha barrachd rudan Gàidhlig air am-bliadhna na riamh roimhe , agus mar eisimpleir am-bliadhna bha Consairt nan Gaidheal sa phrìomh làrach san Talla, agus chaidh a h-uile tiocaid riamh a chreic.
s-422 Bha e inntinneach daoine iomraiteach saoghal na Gàidhlig, oileanaich, agus dìreach Gaidheil a tha nan Gaidheil, a’ tighinn còmhladh, cuid a’ moladh ’s cuid a’ dì-moladh, ach còmhladh, air son taic a thoirt dhan Ghàidhlig.
s-423 Thug cuideigin gàire orm nuair a thuirt iad gun deigheadh a’ Ghàidhlig cha mhór á bith nan tuiteadh inneal-spreadhaidh air an togalach.
s-424 Gàire an toiseach co-dhiù.
s-425 Thachair mi fhèin air chòir aig a bheil an deagh dhreuchd ’na h-oifigeir foghlaim làn-ùine do Thalla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu.
s-426 Si Nancy NicNeacail, seinneadair agus tidsear, aig a bheil dleastanas sònraichte cultar beairteach na h-Albann a thoirt a-mach dhan a’ choimhearsnachd, do shean agus òg.
s-427 Mar eisimpleir, bho chionn ghoirid chaidh i a-mach gu ruige Castlemilk an Glaschu leis an t-sàr bhan-sheinneadair Ghàidhlig Iseabail NicAsgaill.
s-428 Chaidh àite sònraichte a thaghadh, am Birgidale Complex, far am bi buidheann de sheann daoine a’ cruinneachadh aig àm dìnneireach, agus a dh’aona-ghnothaich, air son gum biodh diofar aoisean an làthair, chaidh cuireadh gu bun-sgoil ionadail cuideachd.
s-429 Bhruidhinn NicAsgaill riutha sa Bheurla, a’ cur an céill brìgh nan òran, a sheinn i gu ceòlmhor anns a’ Ghàidhlig, agus dh’ionnsaich i séist no dhà dhaibh air son gun togadh iad na fuinn anns an t-seann dòigh.
s-430 Bidh mi fhèin a’ beachdachadh nach eil e an còmhnaidh cuideachail a bhith ro mhothachail buileach mu chor na Gàidhlige.
s-431 Mar eisimpleir, cia mheud duine cloinne a chuala sib’ fhèin a' bruidhinn an deagh Ghàidhlig bho chionn ghoirid ’s nach do ghabh sibh iongnadh dheth ?
s-432 Cuiridh mi geall nach cuala aon fhèin.
s-433 Bha latha ann air feadh na Gaidhealtachd far am biodh daoine a’ sùileachadh gur e Gàidhlig a bhiodh aig ar n-òigridh ’s cha ghabhadh duine sam bith iongnadh dhan a-sin ach a th’ air tachairt an-diugh?
s-434 Feuch nach tog sibh cearr mi chan eil mi ag ràitinn nach bu chòir dhuinn a bhith mothachail idir air son feum a dhèanamh agus ùidh a thoirt do leanabh aig a bheil Gàidhlig.
s-435 Ach bu chòir dhuinn a bhith air ar faiceall nach mùch sinn na tha air fhàgail nàdarrach againn .
s-436 Se aon rud a th’ ann ùidh a bhrosnachadh, ach ma théid ar faclan a-steach a dh’inntinn na cloinne a tha ag éirigh suas aig a’ cheart àm, saoil an toir iadsan an aire gur e rud an-àbhaisteach a th’ anns a’ Ghàidhlig am measg a’ mhór-shluaigh?
s-437 Am bu toil leat fhèin a bhith ’na do chorra-ghritheach air sliabh beinne?
s-438 Tha coimhearsnachd nan Gaidheal air fàilt' a chur air an naidheachd gu bheil Pàrlamaid na h-Alba a' coimhead ri Oifigeir Gàidhlig fhastadh, ach thathar a' rabhadh nach eil an seo ach a’ chiad cheum, 's gum feum an Riaghaltas fhéin obraichean Gàidhlig a chruthachadh cuideachd.
s-439 Dh’aontaich a’ Phàrlamaid air an t-seachdain sa chaidh an dreuchd a chruthachadh, rud a tha 'cholbh sa air a bhith putadh air a shon bho chaidh a’ Phàrlamaid a stéidheachadh.
s-440 Tha dùil gun téid sanas na h-obrach a chur a-mach sa Ghearran.
s-441 Tha e cudromach a ràdh gur e a’ Phàrlamaid agus nach e an Riaghaltas a tha an dùil am post a chruthachadh.
s-442 Mar aig Westminster, tha seirbhisich aig Riaghaltas na h-Alba dhaib' fhéin.
s-443 Tha a’ Phàrlamaid le luchd obrach fhéin a' toirt breith air an Riaghaltas; tha Buidheann Chorporra air taobh staigh sin le riochdairean bho gach pàrtaidh a' déiligeadh ri 'banas-taighe' - còirichean obrach, togalaichean 's a leithid.
s-444 Se a’ bhuidheann seo, fo stiùir an Oifigeir Riaghailt, Sir Daibhidh Steel, a ghabh an co-dhùnadh as déidh éisteachd ri tagradh làidir bhon an Iar Neach Riaghailt, Seòras Reid, a tha gu mór air son na Gàidhlig.
s-445 Tha seo uile a' ciallachadh nach bi guth neo cumhachd sam bith aig an oifigeir a thaobh a tha tachairt san Riaghaltas, agus tha ceannard ChNAG, Ailean Caimbeul, ag ràdh gum bu chòir dhan Riaghaltas a-nis oifigeir fhastadh dhaib' fhéin.
s-446 Tha a’ Phàrlamaid ri moladh son gluasad an ìre mhath luath a thaobh dreuchd oifigeir a stéidheachadh, ach tha feum air oifigeir eile air taobh a-staigh an Riaghaltais cuideachd.
s-447 Ma gheibh sinn Inbhe Thèarainte, mar tha dùil againn a gheibh ann an ùine nach bi ro fhada, feumaidh an Riaghaltas coimhead ri cuideigin fhastadh air son am poileasaidh sin a chur an céill.
s-448 Mar as luaithe a iad sin, sann as fheàrr.'
s-449 Fhuair na beachdan seo taic bho fhear labhairt Gàidhlig nan Nàiseantach, Mìcheal Ruiseal, a thilg air an Riaghaltas gun robh iad a' tarraing an casan fhad 's a bha a’ Phàrlamaid a' sìneadh a-mach gu saoghal na Gàidhlig'.
s-450 Tha Ministeir na Gàidhlig, Alasdair Moireasdan, ag ràdh nach eil sin fìor idir agus chan eil e faicinn adhbhar air son dreuchd Ghàidhlig eile a chruthachadh san Riaghaltas aig an ìre sa.
s-451 Tha daoine gu leòr againn san Riaghaltas aig a bheil eòlas agus tuigse air a’ Ghàidhlig a tha comasach air déiligeadh ri gach iarratas a tha tighinn thugainn an-dràst.
s-452 Tha litir neo pàipeir sam bith a tha tighinn thugainn sa Ghàidhlig a' faighinn freagairt air ais sa chànan agus leis a-sin chan eil mi faicinn adhbhar air son obair eile.
s-453 Tha e math gu bheil a’ Phàrlamaid a' coimhead ris an dreuchd sa a stéidheachadh, ach se gnothach a tha sin dhaibhsan .'
s-454 Aig an ìre sa chan eil e buileach soilleir bhios an t-oifigeir ùr a' dèanamh, agus bidh a’ Phàrlamaid, na pàrtaidhean poilitigeach agus na buidhnean Gàidhlig a' coimhead gu mionaideach ris a’ cheist sin.
s-455 Bidh gu leòr ann a chumas cagnadh riutha .
s-456 Mar eisimpleir tha e follaiseach gu bheil feum aig a’ Phàrlamaid air cuideigin a chuireas an céill na tha i dèanamh dha na meadhanan sa Ghàidhlig.
s-457 Chan eil e ceart nas nach eil duine a tha fileanta sa chànan an làthair gu cunbhalach air son clann-sgoile Ghàidhlig a thoirt mu chuairt na Pàrlamaid, rud a th' air fhàgail an-dràst aig dorsair agus Catrìona NicIlleDhuibh a tha ag obair ann an oifis Sheòrais Reid.
s-458 Dh’fhaodadh an t-oifigeir ùr cuideachd geàrr-chunntais mhìosail a sgrìobhadh air cùisean a' buntainn ris a’ Ghàidhlig 's a’ Ghàidhealtachd - rud a chaidh a ghealltainn, ach nach tàinig gu buil fhathast.
s-459 Agus tha faireachdainn làidir ann gum bu chòir dhan oifigeach a bhith ag obair gu dlùth còmhla ri mion-chànain agus cultaran Ceilteach eile.
s-460 Ge brith an riochd a bhios orra tha Ailein Caimbeul a' faicinn gur e sgilean labhairt agus sgrìobhaidh as cudromaiche air son na h-obrach, agus tha e a' rabhadh gum feumar inbhe agus tuarastal cothromach a thabhann ma tha an dreuchd a' dol a dhèanamh diofar ann an saoghal na Gàidhlig.
s-461 Tha cunnart ann gu faodadh a’ Phàrlamaid an obair seo a stéidheachadh aig ìre ìseal.
s-462 Se mearachd mhór a bhiodh an sin, 'na mo bheachd sa.
s-463 Ma tha an neach a tha seo a' dol a dhèanamh diofar agus gu bhith conaltradh ri diofar bhuidhnean, feumaidh inbhe agus tuarastal ceart a bhith ann air son na daoine as comasaiche a thàladh.
s-464 Cha bu chòir leisg sam bith a bhith oirnn a bhith ag iarraidh sin, oir aig a’ cheann thall se obair air leth cudromach a bhios an seo, a ceangal eadar a’ Phàrlamaid agus coimhearsnachd nan Gaidheal.'
s-465 'se buille a th' ann do dh’Alba 'son tha iad air a bhith a' cur feagal air luchd-dìon Yugoslavai gu ruige seo co-dhiubh is Spasitch leatha
s-466 tha e 'ga cur air ais gu Yositch
s-467 Yositch gu Haddiebegitch
s-468 tha esan a-nis 'ga cur gu Stoykevitch
s-469 gu Basdorelitch
s-470 gu Stoygevitch
s-471 Stoygetvitch 'ga cur air ais dhan fhear-glèidhidh Etgovitch
s-472 esan 'ga sruighleadh a-mach gu taobh thall na pàirce gu Stanoykevitch
s-473 esan 'ga cur a-nisd gu Katernitch
s-474 Katernitch air ais leatha air ais gu Katernitch agus air ais a-rithist gu Stanoygavitch agus tha esan air a cur air ais dhan fhear-glèidhidh
s-475 Etgovitch leatha ma-thà do Yugoslavia
s-476 seo a-nise an stoidhle cluich Aonghais a bhios iadsan dèidheil air a bhith 'cluich 's cluichidh iad seo gun tig deireadh na linn ach feumaidh na cluicheadairean-meadhain Alba a dhèanamh cinnteach nach eil iad a' toirt dhaibh cothrom sam bith dìreach seatlaigeadh air a’ bhall agus roghainn a bhith aca
s-477 càit a bheil iad 'dol dha cur
s-478 Etgovitch àrd leatha ma-thà gu Ruyavitch ga feuchainn ri a toirt a-nuas le a cheann ach choinnich Bett i
s-479 Bett gu Aitken
s-480 Aitken ann am meadhon an leth aige fhèin ga cur gu Bett
s-481 Bett a-mach dhan taobh-sa gu Gough
s-482 Gough ga feuchainn suas an loighne gu Nichol ach choinnich Spasitch i agus dh’fheuch esan gu Sretgovitch i agus tha an rèitire ag ràdh gun do rinn Spasitch droch chluich an siud air Nichol
s-483 thàinig Nichol a-nuas agus 'se buille shaor a th' ann do dh’Alba dìreach slat no mar sin air taobh a-staigh taobh a-staigh leth muinntir Yugoslavia
s-484 cairteal na h-uarach air a dhol
s-485 tha sinn dìreach air a thighinn a-steach
s-486 chan eil tadhal aig taobh seach taobh fhathast
s-487 Alba neoni Yugoslavia neoni
s-488 am ball aig Miller a's a’ chearcall meadhon
s-489 Miller ga feuchainn suas gu MacStay
s-490 MacStay a-mach an taobh-sa gu Nichol
s-491 Nichol a' feuchainn ri faighinn seachad air Spasitch
s-492 [?] na casan aige [?] faighinn seachad air ach thug Spasitch a-nuas a-rithist
s-493 tha an rèitire a' cantainn gum bu choir dhaibh cumail orra cluich agus a-nise tha Basdorelitch do Yugoslavia a' tighinn a-steach air leth Alba leatha ga feuchainn a-mach an taobh seo gu Ruyolitch
s-494 Ruyolitch a' faicinn th' aige a-null dhan taobh thall na pàirce agus Stanoykavitch an cluicheadair dìon aig a chùl ann an siud
s-495 esan 'tighinn a-nuas fad an t-slighe siud a Mhurchaidh agus a' feuchainn buillean gu math làidir oirre
s-496 uill gu dearbh bidh sinn a' faicinn sin co-dhiubh co-dhiubh gu h-àraid a's a' a's a’ chluich Eòrpach an uair a [?]
s-497 bidh Eòrpa [?] na cluicheadairean dìon a cheart cho comasach air tadhal fhaighinn bho can oir a’ bhocsa no mar sin agus a tha na cluicheadairean meadhon ach a-rithist bhon uair a bha iad a' gluasad a’ bhall bho chèile 's dòcha goirid an-dràsda 's an uairsin ga shuathadh 's dòcha leth-cheud slat no mar sin agus tha iad 'fosgladh a-mach chluicheadairean dìon Alba uair no dhà mar sin
s-498 tha sinn a' cluinntinn gu bheil leth-cheud mìle neach a-staigh ann an seo a-nochd
s-499 bha beagan de dh’fheagal air Comann Ball-coise na h-Alba aig aon ìre nach robh iad a' dol a dh’fhaighinn mòran ach tha leth-cheud mìle co-dhiubh
s-500 am ball aig Yugoslavia a-muigh air an taobh-sa dhen a’ phàirce gu Katernitch
s-501 Katernitch a' gluasad a-steach air a’ bhucas
s-502 tha e fhèin a' feuchainn buille ach chaidh siud gu math fada a-steach [?] agus buille a-mach a bhios ann do dh’Alba

Text viewDownload CoNNL-U