s-202
| Tha Mac na Ceàrdaich cinnteach gum b' i. |
s-203
| Tha Pàdraig Mac an Tuairneir de 'n cheart bharail, agus tha e soilleir nach robh Mac na Ceàrdaich ag aithris air Mac an Tuairneir a-mhàin oir tha iomadh eadar-dhealachadh bhriathran eatorra . |
s-204
| Mar eisimpleir, tha Mac an Tuairneir a' tòiseachadh mar a leanas; Chan eil rann seach rann ag ràdh gu deimhinneach gu bheil Eachann marbh, 's cha mhotha tha rann eile anns an òran ag ràdh a leithid, ach a-mhàin gun dàinig a sgeul bàis; ach tha an siathamh rann (anns gach clò-bhualadh) a' nochdadh gum b' ann an déidh Blàr Chùil-Lodair a rinneadh an t-òran; Uime sin, ma tha Mac an Tuairneir agus Mac na Ceàrdaich ceart ann a bhith ag cur an òrain seo as leth Mairearaid, bha i beò an 1746 agus, a réir gach coltais, an 1751. |
s-205
| A thaobh an òrain a rinneadh an 1702, chan urrainn nach e seo an t-òran do Shir lain MacGill-Eain a tha a' tòiseachadh; B' i Anna a’ bhan-righinn oir tha an dara rann ag ràdh, ‘Nam b' fhiosrach Ban-righ'nn Anna.' |
s-206
| Ged a thuirt e 1702 anns na Bàird Ghàidhealach, tha Mac na Ceàrdaich ag ràdh anns an leabhar The Clan Gillean; <English_text> Gidheadh, faodar a bhith cinnteach gu robh Mairearad ris na h-òrain roimh 1702, agus cha mhór dà bhliadhna anns an aois mhóir a fhuair Mairearad a réir beul-aithris. |
s-207
| Dh’fhaodadh gun d’ rugadh i mu 1660 agus gun robh i beò an 1751, gu h-àraidh a chionn nach eil òran air a chur as a leth roimh 1689 no 1692, agus tha beul-aithris ann gun robh i 'na meadhon aois mun do shin i air bàrdachd. |
s-208
| Anns a’ bhliadhna 1821 chlò-bhuaileadh an Inbhir Nis le Seumas Friseal Co-chruinneachadh Dhàn, Òran, etc., agus tha dà òran ann air an ainmeachadh air Mairearad; 'Gaoir nam Ban Muileach', agus duan beag eile, 'Do chloinn Ghill-Eain air do na Caimbeulaich buaidh fhaotainn orra '. |
s-209
| Seo mar tha an duan a' tòiseachadh; Có 'aon mhac Sir Lachun'? |
s-210
| Cha robh ach aon Lachlann 'na cheann-cinnidh air Cloinn Ghill-Eain eadar bàs Lachlainn Mhóir an 1598 agus 1751. |
s-211
| B' esan Lachlann, am 'fear bu mheasaile 'n campa Mhontrois'. |
s-212
| Chaochail e an 1648, ach bha dithis mhac aige , Eachann Ruadh, a mharbhadh aig Inbhir-chéitein an 1651; agus Ailean, athair Shir lain. |
s-213
| Bha Ailean 'na cheann-cinnidh eadar 1651 agus 1674. |
s-214
| Tha an 'duanag' aig Mac na Ceàrdaich mar seo; Chan eil teagamh nach eil Mac na Ceàrdaich ceart anns a’ chùis seo. |
s-215
| B' e Sir lain an 'cuilean leòghainn', aon mhac Shir Ailein. |
s-216
| Bha Iain 'na cheann-cinnidh eadar 1674 agus 1714, agus gu dearbh is iomadh latha bha e 'bhuainn le cluain nan Duibhneach'. |
s-217
| An 1674 thòisich na Caimbeulaich air milleadh a dhèanamh air Muile, agus a rithist an 1679 agus an 1680. |
s-218
| Cha robh lain ach ceithir bliadhna a dh’aois an 1674, agus eadar 1674 agus 1686 b' e Lachlann Bhròlais fìor cheannard Chloinn Ghill-Eain. |
s-219
| Chaochail Lachlann Bhròlais an 1686, agus ghabh Lachlann Thorrloisg an ceannas. |
s-220
| Cha b' ann gus an do chaochail Lachlann Thorrloisg, an 1687, a b' urrainn do neach a ràdh gun robh Sir lain 'na cheann-feadhna da-rìreadh, agus cha robh e ach seachd bliadhna deug an uair sin fhéin. |
s-221
| An 1688 theich Rìgh Seumas do 'n Fhraing. |
s-222
| Chaidh Sir lain as a dhéidh, ach thill e a Mhuile an 1689, dh’éirich Clann Ghill-Eain leis , agus bha iad air deas làimh an airm Sheumasaich aig Cath Raon Ruairi (Coille-chnagaidh). |
s-223
| Ach mharbhadh an Greumach, agus chaidh an t-ar-a-mach bun os cionn, agus b' fheudar do Shir lain tilleadh a Mhuile. |
s-224
| Dh’éirich na Caimbeulaich a rithist, agus an 1690 thàinig Gilleasbuig, an deicheamh iarla, a Mhuile le arm mór. |
s-225
| Ghabh Sir lain dìon an Càrn-Burg, ach anns a’ mhìos Mhàrt 1692 ghéill e do 'n Riaghaltas agus thill e do 'n Fhraing beagan ùine an déidh dha Càrn-Burg fhàgail. |
s-226
| Theagamh gum b' ann eadar 1692 agus 1704 no 1702 a rinneadh an duanag agus gur i an t-òran as sine a tha air fhàgail de bhàrdachd Mairearaid. |
s-227
| Uime sin, faodar a h-obair a chur eadar 1692 agus 1751. |
s-228
| Chan eil fhios againn ach air fìor bheag mu a beatha. |
s-229
| Ré iomadh bliadhna cha robh cinnt mu a h-ainm, am bu Dhòmhnallach no Leathanach i. |
s-230
| Tha dearbhadh air a’ chùis do nach tug Mac na Ceàrdaich an aire. |
s-231
| Rinn Mairearad marbhrann do Ailean, mac Lachlainn Bhròlais, a chaochail an 1722. |
s-232
| Ann an rann de 'n òran seo, air dhi bhith a' moladh Ailein agus chloinn Ghill-Eain, tha i ag ràdh; Chan eil aon teagamh nach e Clann Ghill-Eain 'cinneadh a màthar'. |
s-233
| Ann an 'Gaoir nam Ban Muileach', ann a bhith ag caoidh bàs Shir lain, tha i ag ràdh; Tha e soilleir gum b' e Ailean Mùideariach a 'ceann-cinnidh thaobh athar'. |
s-234
| Uime sin, tha e soilleir gum bu Bhan-Dòmhnallach de Chloinn Raghnaill Mairearad, agus gum bu Nic Gill-Eain a màthair. |
s-235
| Chan eil teagamh sam bith nach robh Mairearad pòsda aig fear de chloinn Ghill-Eain, agus tha e cuideachd cinnteach gun do chaith i a beatha am Muile, agus gum b' e Clann Ghill-Eain cuspairean a dàn, có dhiubh anns na dàin a tha againn fhathast. |
s-236
| Cha do chuir Iain MacCoinnich ach seachd rannan de 'Ghaoir nam Ban Muileach' ann an Sàr Obair. |
s-237
| Cha b' fhiach leis an còrr de a bàrdachd a chur 'na leabhar, ged tha e ag ràdh; Cha robh aige ach fíor dhroch bharail air bàrdachd Mairearaid. |
s-238
| Cha robh i, 'na bheachd-san, idir faisg air Diorbhail Nic a' Bhriuthainn, mu 'm bheil e ag ràdh; Tha sinne a' dìoghladh air an dìmeas a rinn MacCoinnich air Mairearad, oir chan eil againn ach a h-aon deug de a dàin, ged a chunnaic Iain MacCoinnich cóig ar fhichead. |
s-239
| Well, chuala mise mar a bha siodach ann ma-thà rìgh agus bha e pòsta agus bha triùir ghillean aige agus nighean agus 's e an nighean bu shine. |
s-240
| Agus bhàsaich a bhean air e seo agus cha robh a' chlann ach car òg. |
s-241
| Agus 's ann a phòs e a-rithist. |
s-242
| Agus bha a-nist a' bhàn-righinn ùr |
s-243
| bha i còmhla ris agus bha i a' coimhead as dèidh na cloinne. |
s-244
| Bha deagh mheas aice air a' chloinn cuideachd. |
s-245
| Ach cò a-seo a thàinig latha rathad na [?] ris |
s-246
| cha robh an rìgh a-staigh ach tè ris an canadh iad an Eachlair Ùrlair agus cha robh i a-riamh ach a' dèanamh croisean. |
s-247
| Agus dh'fhoighneachd i dhan bhànrighinn 'seadh' ars' ise, 'gu dè mar,' ars' ise, 'a tha thu fhèin 's an rìgh,' ars' ise, 'a' tighinn air aghaidh?' |
s-248
| 'O tha mise 's a' rìgh,' ars' a' bhànrighinn, 'a' tighinn air aghaidh glè mhath, chan eil dad de dh'aithreachas orm .' |
s-249
| 'O tha cuideachd chan eil agamsa air a' chloinn,' ars' ise, 'ach mar gum beirinn fhìn iad.' |
s-250
| 'O a' bhròinein bhochd' ars' ise, ''s tusa tha gòrach,' ars' ise. |
s-251
| 'Carson,' ars' a' bhàn-rìgh. |
s-252
| 'Ged a bhàsaicheadh do rìgh a-màireach,' ars' ise, 'cha bhiodh sìon agadsa mar seo. |
s-253
| Ach ma dh'fhaoidte thèid d' fhuadachadh air falbh às a-seo buileach'. |
s-254
| 'O Leabhara,' ars' a' bhàn-rinn, 'ged a dhèante sin fhèin orm ,' ars' ise, 'cha dèan mise sin air a chaoidh,' ars' ise. |
s-255
| 'Tà 's e an rud a nì thu', ars' ise, 'cuir thusa thugamsa iad,' ars' ise, 'agus cha tig iad gu sìon a chron dhutsa ', ars' ise. |
s-256
| 'O chan eil mi air a shon idir', ars' a' bhàn-rìgh. |
s-257
| 'Od' ars' ise, 'cuir thusa suas a-màireach iad, cuir thusa suas a-màireach,' ars' ise, 'duine ma seach ach a dh'iarraidh na Cìre Buidhe', ars' ise ''s cha chuir iad an còrr dragh ort . |
s-258
| 'S cha chuir mise crìoch idir ort '. |
s-259
| Uill 's ann mar seothach a bhà, dh'fhalbh an Eachlair Ùrlair. |
s-260
| Agus làrna-mhàireach a-seo bha an rìgh bhiodh e a' falbh a's a' bheinn-sheilg daonnan agus nuair a dh'fhalbh e dhan bheinn-sheilg co-dhiubh thuirt i ri am fear a b' òige dhe na gillean thuirt i ris 'a ghràidhein', ars' esan ars' ise, 'nach rachadh tusa suas', ars' ise, 'agus, chun an Eachlair Ùrlair,' ars' ise, 'a dh'iarraidh na Cìre Buidhe,' ars' ise. |
s-261
| Agus cha bhi agad ri ràdh', ars' ise, 'ach gun tàna tu a-nuas, gun do chuir mi fhèin a-nuas' ars' ise, 'a dh'iarraidh na Cìr Buidhe thu.' |
s-262
| Dh'fhalbh e, an gille bochd ghabh e suas ràinig e taigh an Eachlair Ùrlair. |
s-263
| 'Seadh' ars' ise dha ars' ise, 'càil thu a' dol?' ars' ise. |
s-264
| 'Chuireadh' ars' esan, 'mo mhuime a-nuas mi a dh'iarraidh' ars' esan, 'na Cìre Buidhe' ars' esan. |
s-265
| 'fhalbhaibh dha ' ars' ise 'siud i air an dreasair thall 'is thoir leat i'. |
s-266
| Agus dh'fhalbh e dh'fhalbh an gille a-null 's a' chìr air an dreasair 's e a' dol a-null dha togail 's mun do ràinig e an dreasair thog ise slacan draoidheach agus bhuail i air a' ghille e agus rinn i fitheach dubh dhe . |
s-267
| Agus nuair a bha e a' dol a-mach an doras thug e a aghaidh air an doras nuair a bha e a' dol a-mach an doras chuir e brùchd faladh a-mach agus bha e air a' [?]. |
s-268
| Agus bha e a' gòraiceil a-sineach air an t-sitig. |
s-269
| Agus ghabh iad an seo fadachd air an robh e a' tighinn agus thuirt a' mhuime ris an fhear eile ''s fhearr dhut sealltainn' ars' ise 'feuch gu dè a dh'èirich dha do bhràthair,' ars' ise. |
s-270
| 'Chan eil Dubhan air tighinn.' |
s-271
| Dh'fhalbh am fear sin. |
s-272
| Agus ràinig e taigh an Eachlair Ùrlair. |
s-273
| 'Am faca sibh,' ars' esan 'mo bhràthair an seo?' |
s-274
| 'O chan fhaca gu dearbh,' 's bha an fhitheach ag obair air nuair a thàinig e a-staigh ag obair air gòraiceil 's a' speach air . |
s-275
| 'Chan fhaca gu dearbh,' ars' ise, 'cà robh e,' ars' ise |
s-276
| 'Chuir,' ars' esan, 'chuir mo mhuime a-nuas e o chionn ùine,' ars' esan, 'a dh'iarraidh na Cìre Buidhe', ars' esan 'agus cha do ràinig e idir' ars' esan. |
s-277
| Agus, 'O cha robh e seo co-dhiubh,' ars' ise, 'ach tha a' Chìr Bhuidhe,' ars' ise, 'thall air an dreasair,' ars' ise 'agus ma tha thusa a' dol dha toirt leat i,' ars' ise, 'theirig a-null 's tog leat i' |
s-278
| Dh'fhalbh an gille bochd 's ghabh e a-null chon an dreasair 's man do ràinig e an dreasair fhuair e sràcan [?] 's rinneadh fitheach dubh dhe fhèin. |
s-279
| Cha robh ach, thug e a aghaidh air an doras agus chunnaic e an fhuil a's an dol seachad e agus chuir e fhèin a leithid eile ann . |
s-280
| Agus chaidh e a-mach agus bha a bhràthair a' gòraiceil a-muigh agus chaidh na dà fhitheach aca còmhladh. |
s-281
| Ach co-dhiubh seothach, bhathar a' gabhail fadachd air an fhear seo agus chuireadh air falbh an treas fear agus mar a dh'èirich air chàch, dh'èirich e dhan fhear seo nuair bha e 'g iarraidh na Cìre Buidhe dh'fhoighneachd e am fac' i a bhràthair 's chan fhaca ise duine aca . |
s-282
| Agus dè bha iad ag iarraidh, bha iad ag iarraidh na Cìre Buidhe ars' esan agus 'dà' ars' ise, 'tha a' Chìr Bhuidhe an sin' ars' ise, 'tha i thall air an dreasair' ars' ise, ''s tog thusa leat i a ghràidhein' ars' ise. |
s-283
| Dh'fhalbh e a-null dha togail 's man do ràinig e an dreasair fhuair e fhèin an slacan draoidheach is rinneadh fitheach dubh eile dhe . |
s-284
| Agus nuair a bha e a' dol a-mach an doras thug e an aire dha brùchd na faladh ud, na dhà aig a bhràithrean agus chuir e fhèin fear eile comhl' riutha . |
s-285
| Ach co-dhiubh seothach ràinig [?] ràinig an nighean. |
s-286
| Bhathar a' gabhail fadachd air na gillean agus cha robh na gillean a' tighinn agus thuirt i ris an nighinn ''s fhearr dhutsa ' ars' ise, 'sealltainn suas' ars' ise 'feuch gu dè dh'èirich,' ars' ise, 'dhan an triùir dha na gillean' ars' ise 'na deach iad ann ,' ars' ise, 'an d' fhuair iad a' Chìr Bhuidhe' ars' ise, 'no cà' deachaidh iad'. |
s-287
| Tha aon de 'n fheadhainn a tha ag iomairt an aghaidh sgeama an riaghaltais son pàrlamaid Albannach, a' cumail a-mach nach bu choir dhan a’ phàrtaidh Làbarach a bhith a' feuchainn ris na duilgheadasan aca ann am Pàislig a chumail am falach. |
s-288
| Tha 'm Mòrar Friseal bho Carmylie, a tha na stiùiriche air an iomairt Think Twice, ag ràdh gu bheil dragh air mòran mu 'n an dol-a-mach ann an cuid do chomhairlean roinneil na dùthcha, agus gu bheil sin a' toirt droch bhuaidh air poileataigs na h-Alba 'san fharsaingeachd. |
s-289
| Tha 'm Mòrar Friseal den a’ bheachd gum bu choir cead a thoirt don a’ Bhall-Pàrlamaid Làbarach, Tommy Graham, mìneachadh dè dìreach a th' air a bhith a' tachairt ann an siorrachd Renfrew. |
s-290
| Chaidh sreapadair aois ceithir bliadhna deug thar fhichead a thogail far beanntan Thoirbheartain feasgar an dè, as dèidh dha a chas a ghoirteachadh |
s-291
| Bha Stephen Dix à Livingstone a' coiseachd air Beinn Liathach còmhla ris a bhean an uair a chuir e car na ghlùin. |
s-292
| Agus b' fheadar fireannach eile a thogail far beanntan Gleann Comhainn, as deidh dha tuiteam còrr is ceud troigh 's e a' sreap air Aonach Dubh. |
s-293
| Chaidh Donnchadh Dewer, aois seachd bliadhna deug thar fhichead à baile Schotts a thoirt gu ospadal a' Bhelford 'sa Ghearasdan. |
s-294
| Chaidh a thoirt gu ospadal à Raig Mhor le heileacoptair feachd an adhair. |
s-295
| Tha na poilis a tha rannsachadh murt Thomas Marshal, ag ràdh gu bheil iad airson faighinn a mach an robh caraid dìomhair aig a’ bhalach, gun fhiosda dha theaghlach. |
s-296
| Chaidh an corp aig Tòmas, a bha dusan bliadhna dh’aois, a lorg faisg air baile Thetford ann an Sasuinn Dihaoine 'sa chaidh. |
s-297
| Chaidh e air dhith bho dhachaidh ann am Happisburgh air an latha roimhe sin. |
s-298
| Tha 'n comhairle air diùltadh dad a ràdha mu dè a th' aca san amharc son a’ phort-adhair. |
s-299
| Tha poilis Alba air iomairt ùr a chur air chois, son feuchainn ri bhith a' toirt air draibhearan na criosan sàbhalaidh aca chleachdadh. |
s-300
| Maridh an iomairt cola-deug, agus tha na poilis ag ràdh gu bheil iad gu h-àraid airson ruighinn ri pàrantan nach eil a' toirt air an cuid chloinne na criosan a chleachdadh. |
s-301
| Tha Rùnaire Èirinn a Tuath Mo Mowlam air co-dhùnadh gu bheil fois-fhòirneirt an IRA a' seasamh. |