Dependency Tree

Universal Dependencies - Scottish_Gaelic - ARCOSG

LanguageScottish_Gaelic
ProjectARCOSG
Corpus Parttest

Select a sentence

Showing 201 - 300 of 545 • previousnext

s-201 Am b' i Mairearad a rinn an dàn seo?
s-202 Tha Mac na Ceàrdaich cinnteach gum b' i.
s-203 Tha Pàdraig Mac an Tuairneir de 'n cheart bharail, agus tha e soilleir nach robh Mac na Ceàrdaich ag aithris air Mac an Tuairneir a-mhàin oir tha iomadh eadar-dhealachadh bhriathran eatorra .
s-204 Mar eisimpleir, tha Mac an Tuairneir a' tòiseachadh mar a leanas; Chan eil rann seach rann ag ràdh gu deimhinneach gu bheil Eachann marbh, 's cha mhotha tha rann eile anns an òran ag ràdh a leithid, ach a-mhàin gun dàinig a sgeul bàis; ach tha an siathamh rann (anns gach clò-bhualadh) a' nochdadh gum b' ann an déidh Blàr Chùil-Lodair a rinneadh an t-òran; Uime sin, ma tha Mac an Tuairneir agus Mac na Ceàrdaich ceart ann a bhith ag cur an òrain seo as leth Mairearaid, bha i beò an 1746 agus, a réir gach coltais, an 1751.
s-205 A thaobh an òrain a rinneadh an 1702, chan urrainn nach e seo an t-òran do Shir lain MacGill-Eain a tha a' tòiseachadh; B' i Anna a’ bhan-righinn oir tha an dara rann ag ràdh, Nam b' fhiosrach Ban-righ'nn Anna.'
s-206 Ged a thuirt e 1702 anns na Bàird Ghàidhealach, tha Mac na Ceàrdaich ag ràdh anns an leabhar The Clan Gillean; <English_text> Gidheadh, faodar a bhith cinnteach gu robh Mairearad ris na h-òrain roimh 1702, agus cha mhór bhliadhna anns an aois mhóir a fhuair Mairearad a réir beul-aithris.
s-207 Dh’fhaodadh gun d’ rugadh i mu 1660 agus gun robh i beò an 1751, gu h-àraidh a chionn nach eil òran air a chur as a leth roimh 1689 no 1692, agus tha beul-aithris ann gun robh i 'na meadhon aois mun do shin i air bàrdachd.
s-208 Anns a’ bhliadhna 1821 chlò-bhuaileadh an Inbhir Nis le Seumas Friseal Co-chruinneachadh Dhàn, Òran, etc., agus tha òran ann air an ainmeachadh air Mairearad; 'Gaoir nam Ban Muileach', agus duan beag eile, 'Do chloinn Ghill-Eain air do na Caimbeulaich buaidh fhaotainn orra '.
s-209 Seo mar tha an duan a' tòiseachadh; 'aon mhac Sir Lachun'?
s-210 Cha robh ach aon Lachlann 'na cheann-cinnidh air Cloinn Ghill-Eain eadar bàs Lachlainn Mhóir an 1598 agus 1751.
s-211 B' esan Lachlann, am 'fear bu mheasaile 'n campa Mhontrois'.
s-212 Chaochail e an 1648, ach bha dithis mhac aige , Eachann Ruadh, a mharbhadh aig Inbhir-chéitein an 1651; agus Ailean, athair Shir lain.
s-213 Bha Ailean 'na cheann-cinnidh eadar 1651 agus 1674.
s-214 Tha an 'duanag' aig Mac na Ceàrdaich mar seo; Chan eil teagamh nach eil Mac na Ceàrdaich ceart anns a’ chùis seo.
s-215 B' e Sir lain an 'cuilean leòghainn', aon mhac Shir Ailein.
s-216 Bha Iain 'na cheann-cinnidh eadar 1674 agus 1714, agus gu dearbh is iomadh latha bha e 'bhuainn le cluain nan Duibhneach'.
s-217 An 1674 thòisich na Caimbeulaich air milleadh a dhèanamh air Muile, agus a rithist an 1679 agus an 1680.
s-218 Cha robh lain ach ceithir bliadhna a dh’aois an 1674, agus eadar 1674 agus 1686 b' e Lachlann Bhròlais fìor cheannard Chloinn Ghill-Eain.
s-219 Chaochail Lachlann Bhròlais an 1686, agus ghabh Lachlann Thorrloisg an ceannas.
s-220 Cha b' ann gus an do chaochail Lachlann Thorrloisg, an 1687, a b' urrainn do neach a ràdh gun robh Sir lain 'na cheann-feadhna da-rìreadh, agus cha robh e ach seachd bliadhna deug an uair sin fhéin.
s-221 An 1688 theich Rìgh Seumas do 'n Fhraing.
s-222 Chaidh Sir lain as a dhéidh, ach thill e a Mhuile an 1689, dh’éirich Clann Ghill-Eain leis , agus bha iad air deas làimh an airm Sheumasaich aig Cath Raon Ruairi (Coille-chnagaidh).
s-223 Ach mharbhadh an Greumach, agus chaidh an t-ar-a-mach bun os cionn, agus b' fheudar do Shir lain tilleadh a Mhuile.
s-224 Dh’éirich na Caimbeulaich a rithist, agus an 1690 thàinig Gilleasbuig, an deicheamh iarla, a Mhuile le arm mór.
s-225 Ghabh Sir lain dìon an Càrn-Burg, ach anns a’ mhìos Mhàrt 1692 ghéill e do 'n Riaghaltas agus thill e do 'n Fhraing beagan ùine an déidh dha Càrn-Burg fhàgail.
s-226 Theagamh gum b' ann eadar 1692 agus 1704 no 1702 a rinneadh an duanag agus gur i an t-òran as sine a tha air fhàgail de bhàrdachd Mairearaid.
s-227 Uime sin, faodar a h-obair a chur eadar 1692 agus 1751.
s-228 Chan eil fhios againn ach air fìor bheag mu a beatha.
s-229 iomadh bliadhna cha robh cinnt mu a h-ainm, am bu Dhòmhnallach no Leathanach i.
s-230 Tha dearbhadh air a’ chùis do nach tug Mac na Ceàrdaich an aire.
s-231 Rinn Mairearad marbhrann do Ailean, mac Lachlainn Bhròlais, a chaochail an 1722.
s-232 Ann an rann de 'n òran seo, air dhi bhith a' moladh Ailein agus chloinn Ghill-Eain, tha i ag ràdh; Chan eil aon teagamh nach e Clann Ghill-Eain 'cinneadh a màthar'.
s-233 Ann an 'Gaoir nam Ban Muileach', ann a bhith ag caoidh bàs Shir lain, tha i ag ràdh; Tha e soilleir gum b' e Ailean Mùideariach a 'ceann-cinnidh thaobh athar'.
s-234 Uime sin, tha e soilleir gum bu Bhan-Dòmhnallach de Chloinn Raghnaill Mairearad, agus gum bu Nic Gill-Eain a màthair.
s-235 Chan eil teagamh sam bith nach robh Mairearad pòsda aig fear de chloinn Ghill-Eain, agus tha e cuideachd cinnteach gun do chaith i a beatha am Muile, agus gum b' e Clann Ghill-Eain cuspairean a dàn, dhiubh anns na dàin a tha againn fhathast.
s-236 Cha do chuir Iain MacCoinnich ach seachd rannan de 'Ghaoir nam Ban Muileach' ann an Sàr Obair.
s-237 Cha b' fhiach leis an còrr de a bàrdachd a chur 'na leabhar, ged tha e ag ràdh; Cha robh aige ach fíor dhroch bharail air bàrdachd Mairearaid.
s-238 Cha robh i, 'na bheachd-san, idir faisg air Diorbhail Nic a' Bhriuthainn, mu 'm bheil e ag ràdh; Tha sinne a' dìoghladh air an dìmeas a rinn MacCoinnich air Mairearad, oir chan eil againn ach a h-aon deug de a dàin, ged a chunnaic Iain MacCoinnich cóig ar fhichead.
s-239 Well, chuala mise mar a bha siodach ann ma-thà rìgh agus bha e pòsta agus bha triùir ghillean aige agus nighean agus 's e an nighean bu shine.
s-240 Agus bhàsaich a bhean air e seo agus cha robh a' chlann ach car òg.
s-241 Agus 's ann a phòs e a-rithist.
s-242 Agus bha a-nist a' bhàn-righinn ùr
s-243 bha i còmhla ris agus bha i a' coimhead as dèidh na cloinne.
s-244 Bha deagh mheas aice air a' chloinn cuideachd.
s-245 Ach a-seo a thàinig latha rathad na [?] ris
s-246 cha robh an rìgh a-staigh ach ris an canadh iad an Eachlair Ùrlair agus cha robh i a-riamh ach a' dèanamh croisean.
s-247 Agus dh'fhoighneachd i dhan bhànrighinn 'seadh' ars' ise, 'gu mar,' ars' ise, 'a tha thu fhèin 's an rìgh,' ars' ise, 'a' tighinn air aghaidh?'
s-248 'O tha mise 's a' rìgh,' ars' a' bhànrighinn, 'a' tighinn air aghaidh glè mhath, chan eil dad de dh'aithreachas orm .'
s-249 'O tha cuideachd chan eil agamsa air a' chloinn,' ars' ise, 'ach mar gum beirinn fhìn iad.'
s-250 'O a' bhròinein bhochd' ars' ise, ''s tusa tha gòrach,' ars' ise.
s-251 'Carson,' ars' a' bhàn-rìgh.
s-252 'Ged a bhàsaicheadh do rìgh a-màireach,' ars' ise, 'cha bhiodh sìon agadsa mar seo.
s-253 Ach ma dh'fhaoidte thèid d' fhuadachadh air falbh às a-seo buileach'.
s-254 'O Leabhara,' ars' a' bhàn-rinn, 'ged a dhèante sin fhèin orm ,' ars' ise, 'cha dèan mise sin air a chaoidh,' ars' ise.
s-255 ' 's e an rud a thu', ars' ise, 'cuir thusa thugamsa iad,' ars' ise, 'agus cha tig iad gu sìon a chron dhutsa ', ars' ise.
s-256 'O chan eil mi air a shon idir', ars' a' bhàn-rìgh.
s-257 'Od' ars' ise, 'cuir thusa suas a-màireach iad, cuir thusa suas a-màireach,' ars' ise, 'duine ma seach ach a dh'iarraidh na Cìre Buidhe', ars' ise ''s cha chuir iad an còrr dragh ort .
s-258 'S cha chuir mise crìoch idir ort '.
s-259 Uill 's ann mar seothach a bhà, dh'fhalbh an Eachlair Ùrlair.
s-260 Agus làrna-mhàireach a-seo bha an rìgh bhiodh e a' falbh a's a' bheinn-sheilg daonnan agus nuair a dh'fhalbh e dhan bheinn-sheilg co-dhiubh thuirt i ri am fear a b' òige dhe na gillean thuirt i ris 'a ghràidhein', ars' esan ars' ise, 'nach rachadh tusa suas', ars' ise, 'agus, chun an Eachlair Ùrlair,' ars' ise, 'a dh'iarraidh na Cìre Buidhe,' ars' ise.
s-261 Agus cha bhi agad ri ràdh', ars' ise, 'ach gun tàna tu a-nuas, gun do chuir mi fhèin a-nuas' ars' ise, 'a dh'iarraidh na Cìr Buidhe thu.'
s-262 Dh'fhalbh e, an gille bochd ghabh e suas ràinig e taigh an Eachlair Ùrlair.
s-263 'Seadh' ars' ise dha ars' ise, 'càil thu a' dol?' ars' ise.
s-264 'Chuireadh' ars' esan, 'mo mhuime a-nuas mi a dh'iarraidh' ars' esan, 'na Cìre Buidhe' ars' esan.
s-265 'fhalbhaibh dha ' ars' ise 'siud i air an dreasair thall 'is thoir leat i'.
s-266 Agus dh'fhalbh e dh'fhalbh an gille a-null 's a' chìr air an dreasair 's e a' dol a-null dha togail 's mun do ràinig e an dreasair thog ise slacan draoidheach agus bhuail i air a' ghille e agus rinn i fitheach dubh dhe .
s-267 Agus nuair a bha e a' dol a-mach an doras thug e a aghaidh air an doras nuair a bha e a' dol a-mach an doras chuir e brùchd faladh a-mach agus bha e air a' [?].
s-268 Agus bha e a' gòraiceil a-sineach air an t-sitig.
s-269 Agus ghabh iad an seo fadachd air an robh e a' tighinn agus thuirt a' mhuime ris an fhear eile ''s fhearr dhut sealltainn' ars' ise 'feuch gu a dh'èirich dha do bhràthair,' ars' ise.
s-270 'Chan eil Dubhan air tighinn.'
s-271 Dh'fhalbh am fear sin.
s-272 Agus ràinig e taigh an Eachlair Ùrlair.
s-273 'Am faca sibh,' ars' esan 'mo bhràthair an seo?'
s-274 'O chan fhaca gu dearbh,' 's bha an fhitheach ag obair air nuair a thàinig e a-staigh ag obair air gòraiceil 's a' speach air .
s-275 'Chan fhaca gu dearbh,' ars' ise, ' robh e,' ars' ise
s-276 'Chuir,' ars' esan, 'chuir mo mhuime a-nuas e o chionn ùine,' ars' esan, 'a dh'iarraidh na Cìre Buidhe', ars' esan 'agus cha do ràinig e idir' ars' esan.
s-277 Agus, 'O cha robh e seo co-dhiubh,' ars' ise, 'ach tha a' Chìr Bhuidhe,' ars' ise, 'thall air an dreasair,' ars' ise 'agus ma tha thusa a' dol dha toirt leat i,' ars' ise, 'theirig a-null 's tog leat i'
s-278 Dh'fhalbh an gille bochd 's ghabh e a-null chon an dreasair 's man do ràinig e an dreasair fhuair e sràcan [?] 's rinneadh fitheach dubh dhe fhèin.
s-279 Cha robh ach, thug e a aghaidh air an doras agus chunnaic e an fhuil a's an dol seachad e agus chuir e fhèin a leithid eile ann .
s-280 Agus chaidh e a-mach agus bha a bhràthair a' gòraiceil a-muigh agus chaidh na fhitheach aca còmhladh.
s-281 Ach co-dhiubh seothach, bhathar a' gabhail fadachd air an fhear seo agus chuireadh air falbh an treas fear agus mar a dh'èirich air chàch, dh'èirich e dhan fhear seo nuair bha e 'g iarraidh na Cìre Buidhe dh'fhoighneachd e am fac' i a bhràthair 's chan fhaca ise duine aca .
s-282 Agus bha iad ag iarraidh, bha iad ag iarraidh na Cìre Buidhe ars' esan agus '' ars' ise, 'tha a' Chìr Bhuidhe an sin' ars' ise, 'tha i thall air an dreasair' ars' ise, ''s tog thusa leat i a ghràidhein' ars' ise.
s-283 Dh'fhalbh e a-null dha togail 's man do ràinig e an dreasair fhuair e fhèin an slacan draoidheach is rinneadh fitheach dubh eile dhe .
s-284 Agus nuair a bha e a' dol a-mach an doras thug e an aire dha brùchd na faladh ud, na dhà aig a bhràithrean agus chuir e fhèin fear eile comhl' riutha .
s-285 Ach co-dhiubh seothach ràinig [?] ràinig an nighean.
s-286 Bhathar a' gabhail fadachd air na gillean agus cha robh na gillean a' tighinn agus thuirt i ris an nighinn ''s fhearr dhutsa ' ars' ise, 'sealltainn suas' ars' ise 'feuch gu dh'èirich,' ars' ise, 'dhan an triùir dha na gillean' ars' ise 'na deach iad ann ,' ars' ise, 'an d' fhuair iad a' Chìr Bhuidhe' ars' ise, 'no cà' deachaidh iad'.
s-287 Tha aon de 'n fheadhainn a tha ag iomairt an aghaidh sgeama an riaghaltais son pàrlamaid Albannach, a' cumail a-mach nach bu choir dhan a’ phàrtaidh Làbarach a bhith a' feuchainn ris na duilgheadasan aca ann am Pàislig a chumail am falach.
s-288 Tha 'm Mòrar Friseal bho Carmylie, a tha na stiùiriche air an iomairt Think Twice, ag ràdh gu bheil dragh air mòran mu 'n an dol-a-mach ann an cuid do chomhairlean roinneil na dùthcha, agus gu bheil sin a' toirt droch bhuaidh air poileataigs na h-Alba 'san fharsaingeachd.
s-289 Tha 'm Mòrar Friseal den a’ bheachd gum bu choir cead a thoirt don a’ Bhall-Pàrlamaid Làbarach, Tommy Graham, mìneachadh dìreach a th' air a bhith a' tachairt ann an siorrachd Renfrew.
s-290 Chaidh sreapadair aois ceithir bliadhna deug thar fhichead a thogail far beanntan Thoirbheartain feasgar an , as dèidh dha a chas a ghoirteachadh
s-291 Bha Stephen Dix à Livingstone a' coiseachd air Beinn Liathach còmhla ris a bhean an uair a chuir e car na ghlùin.
s-292 Agus b' fheadar fireannach eile a thogail far beanntan Gleann Comhainn, as deidh dha tuiteam còrr is ceud troigh 's e a' sreap air Aonach Dubh.
s-293 Chaidh Donnchadh Dewer, aois seachd bliadhna deug thar fhichead à baile Schotts a thoirt gu ospadal a' Bhelford 'sa Ghearasdan.
s-294 Chaidh a thoirt gu ospadal à Raig Mhor le heileacoptair feachd an adhair.
s-295 Tha na poilis a tha rannsachadh murt Thomas Marshal, ag ràdh gu bheil iad airson faighinn a mach an robh caraid dìomhair aig a’ bhalach, gun fhiosda dha theaghlach.
s-296 Chaidh an corp aig Tòmas, a bha dusan bliadhna dh’aois, a lorg faisg air baile Thetford ann an Sasuinn Dihaoine 'sa chaidh.
s-297 Chaidh e air dhith bho dhachaidh ann am Happisburgh air an latha roimhe sin.
s-298 Tha 'n comhairle air diùltadh dad a ràdha mu a th' aca san amharc son a’ phort-adhair.
s-299 Tha poilis Alba air iomairt ùr a chur air chois, son feuchainn ri bhith a' toirt air draibhearan na criosan sàbhalaidh aca chleachdadh.
s-300 Maridh an iomairt cola-deug, agus tha na poilis ag ràdh gu bheil iad gu h-àraid airson ruighinn ri pàrantan nach eil a' toirt air an cuid chloinne na criosan a chleachdadh.

Text viewDownload CoNNL-U