s-1
| dè ghabh thu? |
s-2
| turkey burger |
s-3
| turkey burger an robh e math? |
s-4
| bha bha e okay |
s-5
| 's dè fhuair thu leis ? |
s-6
| cha bhi thu a’ gabhail dad leis |
s-7
| cha bhi thu a’ gabhail buntàta no càil nach bi? |
s-8
| slaod a-steach do shèithear ceart faisg air a’ bhòrd |
s-9
| an do dh’ith thusa na sandwiches a’d an-diugh [Name]? |
s-10
| mmhmm |
s-11
| agus ciamar a bha a’ homework an do choimhead an tidsear ris ? |
s-12
| cha do choimhead fhathast |
s-13
| ‘s an robh a h-uile duine eile air na trì duilleagan a dhèanamh? |
s-14
| mmhmm |
s-15
| bha? |
s-16
| ‘s an d’ fhuair iad [?] |
s-17
| uh? |
s-18
| an robh e doirbh? |
s-19
| an robh e doirbh aca ? |
s-20
| thuirt [Name] gun robh e ag obair gu anmoch so [?] |
s-21
| dè thuirt [Name]? |
s-22
| ach tha ise cho brainy co-dhiubh |
s-23
| cha do shaoil ise dad dhe |
s-24
| Dad an geàrr thu am pie agam ? |
s-25
| carson nach gabh thu gearr thu am pie agad fhèin? |
s-26
| uill chan urrainn dhomh |
s-27
| och ‘s urrainn dhut |
s-28
| tha thusa nad ghille mhòr a-neist a [Name] |
s-29
| an robh d’ amhaich goirt an-diugh a [Name] |
s-30
| mmhmm |
s-31
| bha? |
s-32
| àidh |
s-33
| an toil leat mince pies? |
s-34
| ‘s toil |
s-35
| ‘s ciamar a tha an cnatan agad fhèin a [Name]? |
s-36
| mm rud beag nas fhearr |
s-37
| ò a bheil? |
s-38
| chan fhairich mi idir e anns a [?] |
s-39
| an robh thu a’ casadaich an-diugh? |
s-40
| bha |
s-41
| dè thuirt [?] nach [?] sibh |
s-42
| tha sibh uile [?] |
s-43
| dè thuirt Mrs [Name] riut an-diugh? |
s-44
| a [Name] |
s-45
| o sorry thuirt i um dìreach an aon rud |
s-46
| ciamar a bha an cnatan a’d |
s-47
| an e? |
s-48
| uh uh |
s-49
| a bheil an cnatan air duine sam bith eile thall an sin a [Name]? |
s-50
| àidh tha e aig tòrr dhaoine |
s-51
| a bheil |
s-52
| àidh ‘s e bug a tha a’ dol timcheall |
s-53
| och na bugs grànda tha sin |
s-54
| an robh duine dheth an-diugh? |
s-55
| uh cha robh |
s-56
| [Name]? |
s-57
| cha robh |
s-58
| cà robh e an dè? |
s-59
| an ann aig na bales a bha e? |
s-60
| cha do dh’fhoighneachd mi idir dha |
s-61
| ‘s dè bha sibhse a’ dèanamh |
s-62
| an robh gym no dad agaibh an-diugh [Name]? |
s-63
| mmhmm |
s-64
| an tidsear agaibh fhèin an e? |
s-65
| no gym tidsear |
s-66
| gym tidsear ‘s dè bha sibh a’ dèanamh? |
s-67
| football |
s-68
| an e? |
s-69
| cò bhuannaich? |
s-70
| bha sinn dìreach a’ dèanamh ball control |
s-71
| ò seadh |
s-72
| [?] |
s-73
| mmm |
s-74
| thachair sin do dh’[Name] |
s-75
| ach ‘s e làmh left hand aig [Name] |
s-76
| agus cò bha a’ coimhead |
s-77
| cò na tidsearan a bha a’ sealltainn dhuibh ? |
s-78
| an janitor |
s-79
| an janitor |
s-80
| ciamar a chaidh dhut anns an test [Name]? |
s-81
| cha d’ fhuair sinn idir e |
s-82
| cha d’ fhuair sibh an test no cha d’ fhuair sibh na results |
s-83
| neither |
s-84
| nach d’ fhuair? |
s-85
| carson? |
s-86
| dh’fhàg Mr [Name] na sheets aig an taigh |
s-87
| oh thì fhios gun robh e ag obair orra an-raoir |
s-88
| an d’ thuirt thu gun robh homework agad [Name]? |
s-89
| tha dà dhuilleag agam |
s-90
| so dèan mi aonan airson a-nochd agus aonan a-màireach |
s-91
| ‘s a bheil an tè eile agad ri dhèanamh cuideachd? |
s-92
| chan eil |
s-93
| uill thà ach airson Dihaoine so dìreach fàgaidh mi e |
s-94
| chan fhàg thu |
s-95
| ‘s e [?] |
s-96
| uill bha sin math |
s-97
| ‘s dè mu do dheidhinn-sa a [Name] |
s-98
| a bheil Stamh agus Putag a’d ri leughadh an-nochd? |
s-99
| fhuair mi leabhar ùr |
s-100
| bheil thu deiseil de Stamh? |